SANASAN MU IMRICH NAN GAEL.
Tha a bhi ’g ìnnseadh naigheachd ’na rud aig am bheil buaidh anabarach neònach air an ìnntinn, gu sònruichte ma bhios neach ’ga h-ìnnseadh le uile chridhe; oir saoilidh fear a bhios ’ga h-aithris gum bi e a faicinn gach nì a tachairt, calg-dhìreach mar a bha, tha, no bhitheas e. So dìreach mar a tha mise ’n tràs; oir saoilidh mi gum bheil mi a’ faicinn mo luchd-ducha a’ suidheachadh an cùrsa o Cheann-Bharraidh, ’s a’ toirt farrsuinneachd na linne orr’, ann an deadh mhisnich. Na’n deanadh iad sin, bu mhath do ’na truaghain an latha. Ach ged a bhiodh e ’na aobhar-thaingealachd dhoibhsan, agus ’na aobhar-thoileachaidh dhomhsa, cha bu mhath leam, air a shon sin, e ’thachairt, mur biodh duin’ -uasal no dhà leò, aig am biodh dreuchd a b-urramaiche no
bhi ’nan “ceann-iùil.” Bu bheag mo shuim de’n treud mur lughaiginn aodhairean air, agus bu bheag a b-fhiach an treud gun aodhairean. Air an amhuil cheudna, bu bheag mo sgoinn de leas nan Gael mur lughaighinn luchd-faire, ministearan saorachail, soisgeulach orra, a mhìnicheadh dhoibh am facal a “tha comasach air an deanamh glic chum slàinte” ’n an cainnt mhàthaireil, an aon chàinnt a tha so-thuigsinn do na Gaeil; agus a dheanadh iad fhéin ion-ghradhach dhoibh, le meud an dìchill agus an treibhdhiris, ann a bhi ’gan earalachadh mu’n “aon ni nach còir a dhiochuimhneachadh;” agus osbàrr, a bhiodh “ann an ceannsachd a’ teagasg na droing’ a sheasadh nan aghaidh.” Agus cha bu mhinistearan amhàin a dheonaicheadh mo dhùrachd do na Gaeil. Tha dream-uasal àraidh eile bu mhiann leam a chur nan cois, se sin na maighstirean-scoile—daoin’ -uaisle air nach do chuir na Gaeil riamh am meas no ’n t-urram bu chubhaidh dhoibh, agus air saothair nach do bhuilich iad riamh an aire no ’n ùine, air am b-airidh i. Airson an dearmaid so, cha neil leisgeil nan Gael ri ghabhail,
Oir dh’ “fhaodadh iad fhaicinn gach là,
Gur i thog o’n làr na Goill.”
’Si ’n sgoil leac-an-teinntein aig taigh an eòluis agus an fhiosrachaidh; agus an taigh aig nach fhaighear a chagailt air a sguabadh glan agus ann an deadh òrdugh, ciod idir a bhios dùil
againn ri chòlachadh mu’n starisnich? ’S iad na maighstirean-sgoile tha gar crioslachadh ’s gar cuir air ghleus gu sinn fhéin a thoirt troi ’n t-saoghal mar is cubhaidh do dhaoinibh gaisgeil, agus do chriosduidhibh. ’S iad tha fàgail cuing nam ministeir, ann an tomhas mór, cho so-iomchair. Agus cha’n i chuing acasan amhàin a tha iad a’ fàgail ni’s so iomchair, oir tha iad a’ gabhail trian de dh’uallach pharantan orra féin. Mur b-iad na maighstirean-sgoile, cha bhiodh fhios againn càit am bheil America, no idir ciamar a ruigeadh-mid i; agus, a’ dheanamh sgéil ghoirid dh’i, mur a b-iadsan, bhiteadh-mid ro aineolach air ar dleasannas a thaobh Dhe agus dhaoine:—
“Oir, ged a bhiodh Biobuill gu leòir,
Aig big ’us aig móir an t-sluaigh;
Mur b-aithne dhoibh ’n leughadh air chòir,
Cha’n fhaigheadh iad eòlas uath.”
Na’m biodh luchd-imrich nam beann, ma ta, cho sealbhach, no, mar bu chòir dhomh a ràdh, cho ciallach, is gun toireadh iad leò an dà chuid, am ministear agus am maighstir-sgoile, coluath riu, bhiodh iad a cuir comain’ orra fhéin agus air an t-sliochd a thigeadh nan dèigh. Cha neil mi idir a ciallachadh gu’m bu chòir doibh, no gu’m b-urrainn doibh, so a dheanamh leis an doigh falbhaidh a th’aca ’s na bliadhnaichibh so. Bhiodh é eucomasach do choig teaghlaichibh ás an sgìreachd so, do thrì ás an sgìreachd ud eile, agus mar sin sios, ministear agus maighstir-scoile
’thoirt leo; ach nam falbhadh iadsan mar bu chòir dhoibh— ’se sin, gach duine a b-urrainn, air fad-fiaraidh sgìre, (oir cha bu chòir do dhuine bochd sam bith, tha air-son cosnaidh, fuireach, nam b-urrainn e falbh,) ’theanndadh a mach leis an aon ìnntinn—na h-aon soithichean fharadh (agus bhiodh an t-aisig mòran n’a bu shaoire mar sin, cuideachd) —gach goireas a bhiodh a dhìth orrra, mar tha tea, siùcar, &c ., fhaotainn saor o chìs—agus, seach na h-uile nì, iad ’gan suidheachadh fhein thall ’san aon aite, oir ri oir, gun choimeasgadh dubh, no geal, no buidhe, (oir tha an t-iomlan diubh sin ’an Canada,) fhulang a staigh air an criochaibh, n’a b-fhaide no cuid na h-oìdhche thoirt dà—gheibheadh iad buannachd de’n luchd-teagaisg; agus, leis an doigh so a ghabhail, bhiodh iad comasach air an toirt leò cuideachd. ’Sann mar so chaidh Gleann-a- Garuith, ’an Canada Uachdrach, a shuidheachadh, ’nuair a dh’fhalbh an duin’ -uasal ainmeil sin, an t-Easbuig Domhnullach, a chaochail an uiridh an Dùn-phris, air ceann nan Gael. Tha iad so an diugh ’an dòigh cho math ’sa dh’iarradh iad—am pailteas aca ri ith ’s ri òl de mhin ’s de bhainne, agus de gach nì eile ’tha fàs ’san àite. Cha neil na sgriobhairean Gallda ’toirt cliù mòr dhoibh mar thuathanaich. Cha mho is urrainn dhomsa moladh ’dheanamh orra ’san dòigh sin; ach so rud a their mi, gu’m bu toigh leam fear eile dh’ìnnseadh dhomh cò a chearn’ ’an America ’s am faigh fear-imrich gabhail ris cho aoidheil,
agus cho suilbhir, ’sa gheibh e ’an Gleann-a- Garuith, —agus cò na daoine chuir barrachd de chomain air Breatann is a chuir muinntir an àite sin, ’nuair a bhris na ceannaircich a mach aguinn ’sa bhliadhna 1837. Ged bha ’n t-Easbuig ’na fhior seann-duine ’san àm so, sheas e air an ceann cheart cho duineil ’sa rinn e ’sa chogadh roimh. Bha e ghnà deas, gu’n comhairleach’ ’san t-sìth, ’s gu’n seòladh ’sa chath; agus ged a theirear tric nach robh aig orra ach “gleidheadh a chlamhain air na cearcan,” bha fhios aig na h-eòlaich gun robh math a luchd-dùcha ’n còmhnuidh ’na bheachd. Cha neil sinn idir ag àicheadh nach robh “imlich a choraig” aige de gach gnotach mór mu’n robh e; agus carson nach bitheadh? Saoil mur biodh sin aige-san, nach biodh e aig fear eile?
’Sann cruinn mar so, ’san aon àite, bha na Gaeil aig Pictou, ’an Nuadh Albainn, * cuideachd, far an robh
“MacGriogair nan duan, nam buadh, ’s nam beannachd,
Bha suairce, ceannalt’ am beus,”
a’ fuireach. Be so Seumas MacGriogair a rinn na dàin ghrinne sin a th’againn ’sa Ghaeilic, agus a rinn iomadh searmoin cheart cho math ris na dàin, ’nan àite fhéin, ann am Pictou agus ’sa choimhearsnachd sin. Bha bhuil ann; bha na Gaeil gu siothail, suaimhneach ’an sin, gus na theann an aois gu h-an-iochdar, rèir cùrsa nàdair
* Nova Scotia.
ri easan fhàgail neo-sgiobalta air-son a ghnothaich. Agus, ’nuair a thriall e air slighe gach uil’ fheòla, sgaoil iad feadh na dùthcha gu leír. Chaidh cuid, ma-dh’aoite, do dh’àite n’a b-fhearr; ach dh’fhaodadh nach deanadh iad cho math ann, an déigh sin uile.
Chunnaic mi, ’an àite ’san àite ’an America, far an deach daoine mach ann an còmhlan mar so, mar a tha sinn comhairleachadh do na Gaeil a dheanamh, agus cha b-aithne dhomh àit idir ann’s nach d’rinn iad àiteachadh foghainnteach ann an ùine ghearr, saor o’n imrich mhóir agus mhìcholtaich chuir Morear Selkirk dh’ionnsaidh na h-Abhna Deirge; agus do thaobh sin, cha ruigeadh leas suil a bhi ri atharach, oir, mar a thuirt an dreathann-donn ris an iolaire: “ ’nuair a chluinneas tu sgeul gun dreach, na creid i.” ’S aithne dhomh aon àite sònruichte ’an Canada Uachdrach a chaidh shuidheachadh mar so, se sin Waterloo. Is Dùidsich a tha ’an Waterloo, a chaidh do dh’America ás an Olaind o cheann mu thuaiream còig bliadhna fichead. Cha robh smid Bheurla nan ceann ’san àm sin, ’s cha mhór diubh aig a bheil i fathast; ach cha do chuir sin deireas orr’, oir bha ministeir leò nach robh cearbach: ’s cha’n fheumadh e a bhi; bu mhór a bha ’n earbsadh ris. Rinn am ministeir so an t-iùl dhoibh air an t-slighe—rinn e an t-eadar-theangachadh dhoibh anns gach bargan, gus an robh a h-uile corp dhiubh air a làraich, agus iomadh latha ’s bliadhna ’n déigh dha a bhi. Thagh agus chomharaich e
mach am fearann a bha e saoilsinn bu fhreagaraich air an son—phòs e an òigridh—bhaist e an clann—agus shearmainich e an soisgeul doibh-san, agus de gach dùil a thigeadh ’na ghăr, le chaint ’us le chaithe beatha. Tha Waterloo an diugh na dùthaich a chuireadh eireachdas air rioghachd bhig, flùr agus feòil cho saor ’sa dh’iarrt’ ann, agus na h ùbhlan cho pailt ris a’ bhuntàta.
O’n tha mi nis gus soraidh a ghabhail leis gach nì agus neach air an taobh so de’n Tabh, agus gus aon sìnteag a thoirt a null le m’ uil’ ìnntinn, a chuir ceart gach nì a dh’fhaodadh tuisle ’thoirt air an fhear-ìmrich ’an àm ruigheachd, ghuidhinn air na Gaeil, m’an dealaich sinn, iad a dh’fhalbh ’nam buidhnibh mar a sheòl mi dhoibh; oir, le so a dheanamh, cha bhiodh an òigridh ’an cunnart tuiteam anns na droch cuideachdaibh a tha tuilleadh is bitheant ri ’chòlachadh ’an America. Ged is gnothach mi-thaitneach agus cianail e, gidheadh cha bhithinn a’ coilionadh mo dhleasannais mur gabhainn an cothrom so gus am fear-imrich a chuir na earalas a thaobh a chaithe-beatha ’nuair a theid e staigh do’n duthaich ùir; oir tha America, thar a chéile, na dùthaich ann sam bheil an “t-aon ni feumail” air a leigeadh ás an t-sealladh gu h-uamhasach. Tha mionnan cho gairbhsneach sa chuala cluas ’nan cainnt chumant an cuid di; agus far am bi sin, bithidh a chuid eile de’n toradh ’ga rèir: ach am fear bhios ag iarraidh deadh chompanaich, gabhaidh duine còir gleadhadh dha, a thuig gu bheil “an diadhuidh-
eachd buannachdail air-son nan uile nithe,” agus gur “còir ùrnuigh a dheanamh a ghnà agus gun fhannachadh.” Tha iomadh ministeir agus fear-teagaisg math thall cuideachd, ’an còrr aite. Tha iad ann á iomadh dùthaich, agus de dh’iomadh teangaidh; ach is lionmhoire no sin gu mòr an aidmheilean—Gaeil, Goill, Sasunnaich agus Eirionnaich, Dùidsich Gearmailtech, Americanaich, Afracanaich agus Innseanaich, agus mòran eile nach ceadaich cumhannachd chrioch mo leabhrain dhomh ainmeachadh. Cha b-iongantach leam ged theireadh am fear-imrich ’an so, “Is carson bheire-midne luchd-teagaisg a null, ma tha ’n leithid so thall?” Ach deanadh am fear-imrich air a shocair; faodaidh easan a bhi thall gus an liath e gun aon mhac màthar diubh so fhaicinn.
title | 4 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p |
parent text | Ceann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath |