QUEBEC, &c .

Cha ruig leas sùil a bhi aig an fhear-imrich, a bheirlinne nam bàrcair gus a dhol do dhAmerica rathad Qhuebec, gum bi esan dùthaichnuair a chì em fearann idir, no gum bi an acarsaid aig làimhnuair a gheibh estaigh air beul na h-aibhne(St Lawrence)oir chan ann á amar-eilich a thaga taomachadh fhéin. Chan ann, gun teagamh; agus tha e feumail araon do luchd-malairt, agus do luchd-imrich, gum facam Freasdal iomchaidh gur ann le troma cheum socrach tha isegabhail na slighe


[29]

nuair tha i atighinn a thilgeadh abraoin sachuan; oir nam faigheadh i òrdugh an t-asdar a bha roimhpe chur na déigh ann an luathas nan eang, chuireadh toit a h-analach ceud mìle, air bheag sam bith, deinnis-fhalaich nan ròn air ghoilnuair ruigeadh i. ’S carson nach deanadh i so uile, agus tuille nam b-fheudar e, ’nuair tha i fhéin beul ri ceud mìle air leud, man gabh i os-laimh a ràdh, “So mo cheann-uidhe-sa?” Bheir so beachd iomchaidh don fhear-imrich air farsuinneachd na dùcha tha comasach air an amar sochumail an còmhnuidh làn, agus gu sònruichtenuair dhìnnnseas mi dha, ged a bheireadh e ceud latha acoiseachd suas ribruaich, aig fichead mìlesan latha (agus bhiobh sin nis leòir feadh choilltean, àllt, &c . ), nach eil fhios agam nach b-usadh leis a ghnùis a chuir ris na dhfhàgadh ena dhéigh no risna bhiodh roimh dhi.

Nuair a ruigeas am fear-ìmrich bàgh naSt . Lawrence,tha e afàgailCape Breton ’na dhéigh air a làimh chlì, agusNewfoundlandair a làimh dheis. Tha Quebec seòladh shea làtha, no theagamh seòladh shea seachdainean, mar bi an soirbheas cothromach, os-ceann so; agus chì an Gael nitheannan glè choltach, agus nitheannan glè mhì-choltach, ris na dhfhagas e bhos, mun ruig e sin. Chì e beanntan atogail an cinn, mar gum biodh iad afeuchuinn ri bhi na b-àirde sealladh no croinn na frìthe. Tha iad so ro choltach ri beanntaibh na h-Alba, fad uatha. Achnuair a dhlùthaicheas am fear-ìmrich, chì e gun tug


[30]

croinn agus geuga na doire buaidh orr’, oir thachoillemach ram mullach cho fadsa leigeas am ploc talmhainn is àirde i. ’Nuair a dhfhàgas e Eilein Anticost, ástar latha no dhà na dhéigh, còlaichidh ceann-iùil coimheach e, ni a stiùireadh sàbhailte staigh do Qhuebec. Caomhnaidh sin mo chomhairle-san tràs; iomesin, bheir mi gu tìr orm, a sholaradh chairtealan a bhios aigenuair a ruigeas e.

Nuair a ruigeas luchd-imrich an cala miannaichte, ’s àbhaist do chinn-theaghlaichean agus do ghillean òga bhi ro ullamh air a dhol air tìr, agus an cuidsan cuideachd fhàgail air bòrd an t-soithichcleachda nach eil idir ceart. Gidheadh, tha fios agam gum bi na Gaeil nach eil cleachdta ri bhi aig fairge ullamh air tuiteamsa mhearachd so; agus on a tha, theirinn, ’nuair a theid neach air tìr, gun edhol ann mar neach a bhiodh ri falaghà, ach mar neach a bhiodh air ceann gnothaichgach taigh air nach fhaicear coslas glan, eireachdail air an taobh a mach, eadar bhallaichean, uinneagan, agus chòmhlaichean, a sheachnadh; agus ged a bhitheadh aogas taighe leth-ghlan, ma chithear fear na dhà de dhaoine misgeach atuisleachadh mun stairsnich, agus muinntir mhi-chonnarnan seasamhan dorsaibh nan seòmar, -thaobh an roimh-ionaid agàireacaich riu, is còir a shèunadh. Na gabhadh neach air gu bheil e air ùr-a- thighn thar fairge, air neo gabhar brăth air. Cha neil feum sam bith do neach a dholga fhaosaid fhéin ri coig-


[31]

reachan Quebec. Fiosraicheadh neach, ann am beagan de thaighean còire-coltach, càitan saoiregheibh e cairtealan da fhein agus da theaghlach car òidhche no dhà; agusnuair a riaraicheas e ìnntinn fhéin air a phuinc so, pilleadh e dhionnsaidh an t-soithich. Thoireadh e gach ni bhios aige gu tìr, agus biodh e ro fhaicilleach, oir tha muinntiran so dan ceaird-chosnaidh bhispùineadh nan coigreach. Mar so, faodaidh neach crionnta buil mhath a dheanamh den ùinesam bheil iomadh fear acall nas fhiach en t-saoghal, mar a chunnaic misatachairtan so roimh. Cha chòir do neach a bhios air dhol suas an dùthaich bheag de dhàil a dheanamhan Quebec; gidheadh cha mhisd e latha na dhà a dheanamh a chăs, an déigh a bhi còig, no madhaoite seachd seachdainean, air a mhuir. Cha neil am biadh daor ann, agus tha iomadh ni is airidh air a dholga fhaicinn tiomchioll Qhuebec. Chì am fear-imrich mòran nitheannan a bhios annasach dha an sin. Tha na taighean air an tubhadh le staoin, ann an aìt na sgleut a thorran so; agus ged nach eil a cheud chuid a thachras ris den bhaile anabarach tlachdmhor, ’nuair a dhìreas e mach ribhraighe, gheibh e sealladh ciatach den abhainn agus den dùthaich mun cuairt. Chi eSt Rooksri taobh abhàigh ma thuath air, agus Liverpool Ùr dìreach fa-chomhair, taobh eile na h-àibhne. ’Nuair a bhios a ghrian aboisgeadh air aitreabh nam bailtean so, bidh dearrsadh anabarach àillidh as an staoin a thair a mullach, gu sonruichtan


[32]

déigh mheadhon-latha, ’nuair a chromas a ghriansan iar. Madhìreas e gu Còmhnardan Abrahaim, os-ceann abhaile, cha sealladh is tàire. Tha mòran de luchd-siubhail ag ràdh, gur e so àit is boichechunnaic iad riamh; agus cha neil min dùil gun abair neach sam bith a chìth e, gun tug aon duine tuillesa chòir de cliù dha air an dòigh sin. Air mo shon-sa dheth, mur gun robh eachdraidh beatha a bhàird agam, cha chreidinn nach ann air Còmhnardan Abrahaim a bha enuair a sheinn e

Gach sràid is àillidh grìneachan,
Mar phalace rìgh ran cuartachadh;”

agus cha chreid mi fhathast nach ann abruadaradh air féin, no air àiteiginn eile ro choltach ris, a bha enuair a phonc e na facail sin. Cotharaichear a mach an so don fhear-ìmrich far an do thuit, agus far an do thiolaiceadh, an cath-mhìleadh ainmeil agus urramach, Wolfe; maille ri iomadh àit eile anns na thachair nitheannan mòra agus iongantach, ann an streup nan sàr, air an làtha sin. Gheibhear deadh shealladh den Dùn an so cuideachdan t-aon daighneach, tha min dùil, is treasa thaig Breatann, ged is iomadh àit anns sabheil cnòda fearainn aic’, ach Gibralter a mhàin a sheachnadh. Ach chan ann le ìnnleachd dhaoine rinneadh cho làidir e; bha e gu nàdarrail fregarach air-son an fheuma so. Chan urrainn dómh aràdh cia-meud an àird a thann; ach tha e uile choltach leam gubheil


[33]

bearradh a chnoic air am bheil e air a thogail, a thrì àird ris a chreig air am bheil Caisteal Dhùn-eideinn air a thogail. Tha an cnoc so cho fagus don abhainn, is nach eil rùm ach aig aon streath de thaighean, agus aig ceum aimhleathan rathaid ri bhonn, air an dàrna taobh; agus tha a chreag a thana aghaidh cho corrach, is nach gabh dìreadh rithe ach le fàradh. Mar so, tha e soirbh ri thuigsinn nach eil an daighneach so furasd athoirt a mach bhàrr tìre; agus bharr an uisge bhiodh e eu-comasach, oir shaolainn, ged nach biodh gu h-àrd ach sgioba bhalach, le càrn chlach a bhi goireasach riu, gun cuireadh iad an càbhlach bu treasa a sheol riamh air aghaidh cuain don aigeal. Cha neil an abhainn ro leathan an so, is cha mhò tha iruith ro bhras. Is bàtaichean-toite thag aisig tarsuinn eadar Quebec agus Liverpool Ur; ach tha bàtaichean eile de gach seorsa lionmhor nis leòir, ris gach gnè chosnaidh a gheibh iad mu thimchioll a bhaile; agus bidh na ceudan de shoithichean Breatannach ann fad an t-sàmhraidhsan fhoghair, ag iarraidh fiodha, &c . Tha iasg ro phailt air an abhainn so gu leir; agus tha sin anbarach goireasach do luchd-àiteachaidh Chanada Iochdrach, oir cha mhòr diubhsan a dhitheas feòil car ùine àraidhas t-earrachse sin, o òidhchInide gu latha Caisge. Mar so, ged than t-iasg pailt, tha e glè mhiaghail ac; ach, air an làimh eile, tha sofàgail na feola nis saoire.

title5
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p

parent textCeann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath
<< please select a word
<< please select a page