MONTREAL, &c .

Tha MONTREAL mu thuaiream ceud gu leth mìle os-ceann QHUEBEC, ach chan fhadabhith-


[47]

earga ruigheachd air-son sin uile, oir tha bàtaichean-toite ri fhaotainnan sin h-uile latha, air chor is nach ruig am fear-ìmrich leas a bhi ial ri port aon uair is gum bi e deas air-son a thuruis. Chan àbhaist doibh so bhi thar ceithir uaire-fichead adol suas, agusse dolar gu-leth am fàradh is tric leòbhi togail. Bithidh iad astad iomadh uair a ghabhail a staigh connaidh, aig baile beag a tha air taobh na laimhe deis den abhainn, ris an canarTHREE RIVERS,agus aig baile eile os-ceann sin greis, air taobh na laimhe clì, mar a theid neach suas, don ainm SOREL. Tha na h-uile chì am fear ìmrich air an astar so anbarach coltach richéile, gach fearann, gàradh agus taigh, cladh agus taigh-aoraidh, air an leagadh a mach air an aon dòigh. Tha turaidean fuasach àrd ac air an togail air na teampaill, agus tha iad so, mar an aitreamh eile, tubhta le iarunn geal, air achd isnuair a dhealras a ghrian orraig cho àrd is a tha iad fhein agus bruachan na h-aibhne air abheil iad air an togail, gun saoil am fear imrich gur an a bhios na rionnagan air éiridh air, iomadh uair, mu thrì uairean a dhfheasgar. ’Nuair a ruigeas neach ceann-shuasLake St Pierrebithidh eileanan nis leòrga chòlachadh tuille gus am bi e am MONTREAL, agus an déigh dha fhàgail. Tha MONTREAL, air athogail air eilean ann an àite ro fhasgathach, tiorail; oir tha monadh cruinn air achùlga dhionadh on ghaoith tuath agus apilleadh teas na greine staigh ris. ’Se thadeanamh


[48]

an eilein so agus fir eile tha làimh ris, gubheil an abhainn adolna tri meòir far am bheil an eile, don ainm an OTTOWA (àth-a- tùath) ’coinneachadh rithe, beagan os-ceann a bhaile; ach faodaidh neach so a thuigsinn uile on ainm, MON-TRE-AL (Monadh thrì allt). Tha MONTREAL ma ta na bh-aile glan eireachdail, a cuir thairis le biadh agus le dibhe agus le iomadh gnè chosnaidh, thaghnà soirbh ri fhaotainn do luchd-ìmrich. ’S aithne dhomh Gaeil a chaidh a staigh ann gun tasdan dan t-saoghal ac a than diughnan daoine saibhir, agus a ghnàthachadh cainnt chumanta na dùcha sin, air neo-ar-thaing an t-saoghail; ach se mo chomhairle do gach fear a tha cuir roimhedhol suas an dùthaich, gun fhanachdan so ach cho goiridsa dhfhaodas e. Tha cuideachd sabhaile so tha cuir luchd imrich suas gu ruig KINGSTON air son aon suime, agus tha micreidsinn gur i sin dòigh is buannachaile do neach a ghabhail. Ach tha rathad air a dhol ann, se sin, tha luch-imrich mar is tricegabhail suas an OTTOWA leis na bàtaichean-toite gus an ruig iad abhainn dhubh, a tha tighinn a staigh innte shuas ann an GLOCESTER, ris an abrair RIDEAU (ruith-dubh). Tha canàl a dol mach ris an so fad an rathaid gus am bheil e ma dheire, abualadh ann anLAKE ONTARIOaig KINGSTON. Ach cha bhàtaichean-toit a thac air, tha e cho cumhann is nach dean a chùis air ach sgothannan-slaodaidh. Tha cheud-gu-leth mìle eadar MONTREAL agus KINGSTON an rathad so, tha


[49]

sea fichead agus trì deug dhiubh sin ann sachànal air fad, agus tha min dùil gur e eadar thasdan deug agus còig deug am făradh coitchionta. Le neach a dhol suas mar so, gheibh e na bhios aige dhimrich leis gun mhòran a chosdadh dha, ach mas ann suas rathad na St Lawrence a théid e, mothaichidh e atharacha, oir tha iseruith cho brais an iomadh àites nach eil e air chomas do bhàta de sheòrsidir, a dholna h-aghaidh; ionnas gur ann le carbadaibh, air tìr, tha iad ag aisig luchd imrich mu chuid di, agus tha na ràideanan sin cho olc, ’sgubheil e mi-thaitneach iomadh uair do dhuine lom, ’dhol seachad annan carbad, gun ghuth thoirt air fear an teaghlaichsna h-ìmrich. Ach cha neil an t-asdar mar so ach naodh fichead mìle, agusse rathad is giorrasis saoire don fhear aig nach bi dragh sam bith ach a phearsa fhéin. Am fear theid suas mar so gheibh e deadh shealladh air an dùthaich ghaelich, Gleann-a- garuith. ’S isecheud chuid a chòlaicheas ris de CHANADA UACHDRACH. Is tric leis na bàtaicheanbhigabhail staigh connaidh aig LANCASTER agus aig CORNWALL, bhaile bheag, laghach, a bhuineas don Ghleann. Ma théid coigreach a staigh do dhaon de na bailtean sin, cha ruig e leas fiosrachadh air-son fear sam bith den fhine Dhomhnullach, nis lugha nas urrainn e a shloinneadh sios, no a shloinneadh suas mar bu choir dhomh a ràdh, air mac athar, a sheanar, ’snan daoinethàinig roimhe; co tuileadh a their nach eil Gaeilan America? Tha mòran a dheileanan


[50]

air an amhainn suas fad an rathaid gus an ruigear JOHNSTOWN. Tha cuid diubh so, glè bhòideach ri dearcadh orr’, ach cha neil ach droch fhearann, ann sachuid is dhiubh. Tha PRESCOT agus BROCKVILLE suas o so, agus nuair a dhfhàgas neach BROCKVILLE greis na dhéigh tachraidh ceann gu h-iosalLAKE ONTARIOris. Ach cha tuig neach gur loch a than so ach gann, aig cho lionmhorsa tha eileanan ann, gus am fàg e Kingston fada fadana dhéigh.

Ach gu pilleadh a dhionnsaidh na h-OTTOWA. Am fear a theid suas oirre-san, an uair a thig e dhionnsaidh a chomair tha egabhail an iarsan iar-thuath gus an ruig e ceann a chanàil. Chì e iomadh àite grìnn an so, mar a thaPOINT FORTUNE, &c . Tha Chatam, dùthaich ann sam bheil mòran Ghael, aig fearga fàgail air a làimh dheis an so. Ach ged tha càirdean dhomh a cheanaan so, cha chomhairlichean tuille dhuibh gus fanachd ann-san no an àite-sam bith eile air an OTTOWA; cha neil ann ach droch fhearann mar is trice, agus tha e anbarach fuarsa gheamhradh, seach mar is urrainn do dhuine, nach robh riamh ann fhein, non àit eile den t-seòrs, a thuigsinn. ’Nuair a ruigeas fear beul an RIDEAU, tha e gabhail deas an iar-dheas, agus afagail STORMONT, GHLINNE-GARUITH agus LOCH-IALL, fada nan cianna dhéigh, air a làimh Chlì. An déigh dol seachad tre Ghreenville &c ., tha an canàl trèorachadh neach, ma dheire dìreach staigh gu baile Khingston.

title7
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p

parent textCeann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath
<< please select a word
<< please select a page