[51]

KINGSTON, &c .

Tha aon bhuaidh shònruichte air Kingston nach fhaca mi air mòran bail’ ’an Canada, ach e fheinse sin, co pailtsa tha clachan ann; ach tha clachan an Kingston cho pailtsa tha sgleut am Baile-Chaoluis; agus is rogha chlach air son togalach iad cuideachd. Thàbhuil, tha aitreabh ghasda agus sràidean glan, grinn ann, agusga ghabhail uile thar a cheile, is baileachan beag glè laghach e. Tha am fearann mun cuairt air rud-éiginn aotrom, mar is do fhearann clachach a bhisna h-uilait; ach air a shon sin, tha cliù ro-mhath dheth airson barra, gu sonruichtair-son cruineachd. Tha mòran seòladaireachd adol air aghairt mun bhaile so, am fadsa bhios an loch fosgailt’, agus on rinneadh an canàl tha taoghall sluaigh agus bathairsgach eile moran nis air. Gach bathar a bhios dol suas an dùthaich, thig soithiceanan soga thoirt air falbh; gach siol as biadh as duine thig a nuas an dùthaich, thig soithichean an so leis; a thuille air gum bheil mòran iasgaich air a chumail air aghaidh ann, agus gubheil e ro ghoireasach ri Staid New York, oir tha Oswego dìreach fa-chomhair taobh eile an luich. Chan urrainn domh a ràdh ciod en leud a thann san loch san àite so, ach shaoilinn nach e no trì ficheadsa coig-deug, no ceithir fichead mìle.

S ann mach cùlaobh Khingston than dùthaich ris an canar Frontenac; tha Hastings acrioch-


[52]

nachadh rithe-san agus tha Northumhberland a rìs nis fhaidair aghart air an taobh shuas aig an abhainn Trent. Chan fhaic am fear ìmrich an abhainn so idirsan dol air aghaidh, oirsann a tha iga taomachadh fhein ann am Bàgh Qhuinte, sgiath den loch a dhfhàgas ena dheígh air a làimh dheis. ’SePort Hopea cheud bhaile puirt is fiù aithrís a chithear an déigh falbh á Kingston. Tha easan na bhaile beag tha ro àillidhsan t-sàmhradh. Tha e air a shuidheachadh air stèigh àird, thioraim, agus tha fearann gasda mu thimchioll. Tha seòladaireachd chunbhalach thuigagus uaithe; agus tha sgadan as bradans gach gné éisg a tha air an loch, ro phailt mun cuairt da. ThaPort Hopeceud mìlesa deich o Khingston agus trì fichead air a shùil o Thoronto.

title8
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p

parent textCeann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath
<< please select a word
<< please select a page