TORONTO, &c .

Nuairthòisich na Breatannaich ri deanamh gach àite mar chìtheadh iad fhein iomchaidhan Canada, thòisich ri toirt nan ainmean a chitheadh iad fhein iomchaidh orra cuideachd. Leum iad air Toronto agus thug iad York air: ach bha an sean fhacal ag ràdh, far am biodh Chalum gum biodh fear dhiubhna amadan. B-amhuil a bha chùis an so, gach paipeir as litir rachadh sgriobhadh guNew York ’san Staidibh, bu cham gach còdhail dhoibh ach a dhol gu York;


[53]

scha robh sin annasach cuideachd, oir bha York nach robh bhliadhna dhaois, cheart chonewriNew Yorka bha trì chiad. Chunnaic iad nach robh a chùis uile gu léir mar bu mhath leò, leum iad a rìs air, sgrìob iad dheth York, agus thug iadLittle Yorkair. Dhfheith iad beagan, ach cha drinnLittlean gnothach ach fuasachlittlena b-fhearr, agus b-fheudar dlùthachadh ris an sean ainn Innseanach Toronto. Tha Toronto an diugh, mata, an déigh h-uile eíginn ás an dthàinig e, na thòr cho grinnsa thaig Breatann ann an America, ged is mòr am facal e. Tham baile so air a thogail air steigh thioraim, ghlain, rud bu choir a thoirt fainear, an còmhnuidhan Canada, ann an àm bhistéigheachadh baile; oir ma thogar aitreabh air fearann iosal fliuch an sin, is cìnnteach, don fhear a thàmhaicheas innt a bhi euslainteach galarach, agus cha bhi maille mhòir air a thinneas bàis cuideachd. Ach cha so an aon bhuaidh mhaith thair Toronto; chan aithne dhomh ciod ébhuaidh mhaith a tha air baileilesan dùthaich sam bheil e nach eil air. Tha fearann nis fhearr ann no than iochdar na dùcha, agus cha neil e cho fuar; tha bathar nis saoire ann no than uachdar na dùcha, agus cha neil e cho fuar. A dheanamh an t-seanachais goirrid cha neil fhios agam am faca mi àit eilean America Breatannachsam b-fhearr leam a bhifuireach. Agus cha m bailamhàin a tha eireachdail, than dùthaich thallsa bhos man cuairt air ro bhriagh cuideachd. Tha


[54]

Scarborough air an dàrna taobh aig, agus Trafalgar air an taobh eile. Tha Albion, Caledon, Erin, Esquesing, agus mòran eile de dhàitean tha ro mhath airson barra mach air a chùl. Gheíbh luchd imrich fearann fiadhaich nis leòr richeannachadh ledhol greis air aisan so, agus tha fearann gle mhath ann ach tha e tuilles fad o laimhrig. Be Toronto ceann-bhaile Chanada Uachdrach gus an daonadh an dhùthaich ri chéile, ach a nis cha toir na Canadaich urram dha, ach mar bhaileile; cha mhò bheir sinne, bidh sinnga fhàgail.

title9
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Mac Dhughaill Ceann-iuil an Fhir-imrich %p

parent textCeann-iuil an Fhir-imrich do dh’America Mu-thuath
<< please select a word
<< please select a page