[1]

AN TEACHDAIRE ÙR GÀIDHEALACH.

CEUD MHIOS AGHEAMHRAIDH.

I. AIREAMH. 1835.

ROIMH-RADH.

A mhuinntir ar dùthcha, —Fàiltes furan oirbh!

THA nis dlùth air ceithir bliadhna on a sguir anTEACHDAIRE GAELACHo shiubhal na dùthcha, agus mar tha fios agaibhs iomad ionndrain a bha air. ’S ann le mór-dhubhachas da rìreadh a chuala na Gàidheil air an àm an t-aobhar a thug air an duin’ -uasal shuaircechuir a mach an Teachdaire sgur car tamuill da shaothair, do bhrìgh bristeadh beag a thainig air a shlàinte; ach bha do ghnàth dùil aca o àm gu h-àm gum biodh ena chomas tòiseachadh as ùr air amhìosachan thaitneach a thug uiread fhiosrachaidh agus shòlais do shìol nan Gàidheal. Mar thubhairt e féin san litir-dhealachaidh a chuir emach air an àm, “Ged a béiginn abhìrlinn a tharruing gu tìr cha bann chum a toirt as a chéile, ach chum a calcadhs a cur fo uidheam ùr.” Smuaintich sinn gum biodh i o chionn fada air sàile asiubhal o eilean gu eilean, lecroinn ardas a siùil bhòidheach gheala, a sgioba fhiùghanta chruadalach, gu buadhar, luachmhor, furbhailteach mar a bàbhaist. Bha sinn fo bharail gum biodh tonnag ùr a dhìth air bean aPhìobaire roimhe sogum biodh ar caraid Fionnla agus a ghoistidh, Para Mór, a mach gu Galldachd, agus Marsaili Mhór gu fogharadh o chionn ioma seal. Chan e gu bheil sinn idir afaotainn coire don duinuasal cheanalta, oirs làn-chìnnteach sinn nach leisg no easbhuidh gaoil da dhùthaich thug air a pheann Gàidhealach a thasgaidh co fada. —Bha clàrsach naomha na h-EIRIONN fada gun ghleusadh agus bu mhiann leis òrain bhinne Shioin uidheamachadh air a son.

S iomad coire fhuair cuid do Chléir na Gàidhealtachd don Teachdaire fhads a bha edol a mach; achs fhada mun dfheuch a h-aon diubh fear a bfhearr a churna àitenuair a sguir e. Thamhiann oirnn deuchainn eile thabhairt, agus ceumannan an fhir nach mairionn, an seann Teachdaire, a leantuinn fhads a bha e taitneach no tarbhach, co dlùths a dhfheudas sinn. Cha tig e dhuinn geallaidhne móra dheanamh anns acheud dol a mach, ach so their sinn, nacheil saothair no oidheirpnar comas nach cleachd sinn. Cosmhuil ris an t-seillein ghniomhach, asiubhal o bhlàth gu blàth atrusadh na cìr-mheala, bidh sinne acruinneachadh o bheinns o shratho mhuirs o thìro eachdraidh gach dùthchao oibribh na cruitheachdo leabhar mór Nàduir agus o Leabhar Freasdail an Tighearna, gach ni a smuainticheas sinn a


[2] bhìos taitneach no tarbhach dar luchd-dùthcha, agusse ar dòchas gun teid againn air so a thairgseadh ann an cainnt shnasmhoir ghrinn, agus gum bi an clòdh-bhualadh agus gach gnothach eilebhuineas do chur a mach amhìosachain so do réir sin. Tàirngidh e beagan ùine mum bibhirlinn tha sinn a nis acur gu sàile fo làn-uidheam no gach aon don sgioba iasgaidh ealamh, eólachna àite féin: —fhuair sinn amhàileid, ach chaneil am bathar fhathasd air a thaghadh no air a chur an ordugh mar bu mhath leinn. ’S éiginn uime sin gun gabh ar luchd-dùthcha ar leisgeul, ma chi iad feum againn air, car ùine bhig. Geallaidh sinn nach faidh aona chuid sgainneal no tuaileas àite gu bràthnar duilleagaibh. Feuchaidh sinn naigheachd na rìoghachd a thoirt seachad ceart do réir na fìrinn, gun chlaonadh a nùnn no nall. Chaneil ninar beachd ach eòlas fallainfiosrachadh feumaileachdraidh thaitneachuirsgeulan gun choiredàna beaga laghachfearas-chuideachd neò-chiontach, a thoirt dar luchd-dùthcha; agus uireads as urrainn duinn don fhòghlum agus don fhiosrachadh tha mach air feadh na Galldachd a sgapadh gu farsuing fial, saor, air feadh na Gàidhealtachd, ann an cainnt bhlasda ar dùthcha féin. Tha dóchas againn gun seas ar luchd-dùthcha sinn. Tha nis anns aGhàidhealtachd fichead a leughas agus a sgrìobhas aGhàilig air son a h-aon a bhannnuair thòisich an seann Teachdairair dol a mach. Ge nach biodh ann ach buill a’ “CHOMUINN OISEINICHféin, ma sheasas iadsan sinn cha bhi dìth no deireas air an TEACHDAIRUR. air am biodh eagals an leithidean ra thaobh? Tha sinne agus iomadh caraid teas-chridheach, acur romhainn nach sguir sinn dar saothair gus am bi EOLAS SGRIOBHAIDH AGUS LEUGHAIDH NA GAILIG CHO CUMANTAIR GAIDHEALTACHDS A THA EOLAS NA BEURLA AIR GALLDACHD, no, gus an tog sinn i CO ARD RI AONA CHANAIN EILE SAN ROINN-EORPA. Chaneil sinn afaicinn saoghaltas urrainn ar bacadh.

S i ar n-ùrnuigh dhùrachdach gun soirbhicheadh Freasdal caomh an Ti as airde leinn, agus gun deanadh e sinn murrach air math ar dùthcha chur air aghaidh, agus nach ceadaichear dhuinn aon ni chur a mach a bhiosna aobhar-aithreachais air leaba bàis. A luchd-dùthcha ionmhuinn, Is sinneur cairdean dìleas.

Luchd-uidheamachaidh anTEACHDAIRUIR GHAIDHEALAICH.”
C. C.

Ceud mhìos aGheamhraidh 1835.

title1
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text1
<< please select a word
<< please select a page