NA COIG SPILGEINEAN GRAIN.
Dh-fheumadh iadsan a dh-àiticheadh dùthchannan fàs agus a dh’ oidheirpicheadh dòigh-riaghlaidh a shuidheachadh far nach robh riamh roimhe a leithid, móran foighidinn, móran cruadail, agus móran gliocais agus misnich, chum buadhachadh thar iomad cruaidh-chas a thachras riu. Bu daor an dearbhadh a fhuair ceud luchd-àiteachaidh na mòr-roinn ris an abrar Sasunn-ùr, ann an America, air an fhìrinn so. Bha an turus-mara fada agus gaillionnach, agus ràinig iad an dùthaich sin ’am meadhon a’ gheamhraidh 1620.
Air an ceud dhol air tìr air a’ chraig aig Plymouth, bha coltas na dùthcha anabarrach fàs, doichiollach agns neo-thaitneach. Bha na coilltean dorcha, doilleir, gruamach; agus a thaobh tighead na frith-choille agus nan drisean nach deachaidh riamh a chur fodha, bha e ro dhuilich dhoibh coiseachd annta. Cha robh fasgadh aca o’n ghaoith fhuair, no o’n t-sneachda; bha cuid diubh ’nam boirionnaich mheachair, mheuranda, le’n cloinn mhaoth, a chleachd giullachd a b’ fhèarr ann an seòmraichibh blàtha taitneach, agus leapannan tlusail socrach; ach san àite so cha robh tigh r’a fhaicinn, no uiread aon déile leis an togt’ e. Cha robh ac’ air ach tòiseachadh agus craobhan a leagail sìos, agus leò sin agus leis a’ bhàrlach seorsa bhothan a thogail mar a b’ fhèarr a dh’ fhaodadh iad. Bha na h-Innseanaich lìonmhor mu’n cuairt doibh, ann am bothana faoine ris an abrar wigwams, agus ghlachd ioghnadh anabarrach iad ’nuair chunnaic iad na coigrich gheala. An toiseach theich iad air falbh agus an sin sheas iad air fàire fad’ as, a dh’ amharc air na daoine geala; ach cha b’ fhada gus na chaill iad móran d’ an eagal agus a lìon cuid a’s cuid dh’ fhàs iad eòlach orra, agus air uairibh bha iad a’ nochdadh càirdeis agus a’ tairgseadh sìl doibh. Cha b’ fhada mhair an caoimhneas so, oir dh’ fhàs iad amharusach, iargalta, farmadach, agus bha e furasd’ fhaicinn gu’n robh iad a’ meas nan daoine geala ’nan luchd-fòirnidh agus mar nàimhdibh; air chor agus gu’n robh
’Am measg an uireasaibh cha b’e ’n t-aon bu lugha nach do chuireadh crodh g’an ionnsuidh fad cheithir bliadhna ’n deaghaidh dhoibh ruigheachd. Chluinnte na pàisdean òga a’ caoineadh ’s ag iarraidh an lòin bu fhreagraiche d’ an inbhe mhaoth, am bainne nach robh ann r’ a thoirt doibh; agus cha bu lugha na sin an ionndrain a bh’ air aig na boirionnaich a bha euslainteach, agus a’ fannachadh ’s a’ crìonadh as le dìth nan goireasan bcaga bha feumail ’nan staid bhreòite; ach san àite so cha robh aona chuid bainne, no siùcar, no cearcan, no uibhean. ’S ann air aran garbh, neo-ghrinn, air a dheasachadh le gràn pronnta no brùite a’s mò bha iad a’ teachd beò. ’An deigh sin uile bha iad foighidneach agus taingeil.
Ach tha cruaidh-chàs ann a’s miosa na biadh neo-ghrìnn, agus ’se sin ’nuair nach urrainnear uiread dhe fhaotainn ’s a tha feumail chum beatha. ’Se so ris an abrar Gorta, agus thainig an t-àmhghar so air an luchd-àiteachaidh sa’ bhliadhna 1621, a’ bhliadhna, n déigh dhoibh ruigheachd, agus bha iad ann an staid ro thruagh le cion bìdh. Fad dhà no trì mhìosan bha iad gu tur a dhìth arain. Bha ’n cairdeau taobh thall a’ chuain còrr agus trì mile de mhìltibh air astar, agus gun fhios aca mu’n staid san robh iad. Bha móran do’n fheadhain bu laige na cheile nach do sheas fada ris; chaith an fheòil bhàrr an cnàmh agus bhàsaich iad. Chìte clann bheag le ’m bilibh tiormaichte seargte ag iarraidh beagan arain air am pàrantaibh—ach an t-aran, mo chreach! cha robh ann. Anns an staid mhuladaich so bha iad tric ag ùrnuigh ri Dia, a’ guidhe gu ’m biodh e tròcaireach r’a phobull anns an fhàsach; agus cha bu diomhain doibh; thainig soithichean á Breatunn a rinn cobhair orra; agus air do’n bhàrr a chuir iad abuchadh, bha pailteas aca.
Dà bhliadhna ’n deaghaidh so thainig gorta anabharrach eil’ orra. Dh’ fhàs fa dheireadh an téinn co cruaidh ’s nach robh iad a’ riarachadh ach cóig spilgeinean gràin san latha do gach pearsa—cóig spilgeinean gràin! ’S furasda dhuinn a chreidsinn gu’n deach an luathsachadh brònach so a ghrad itheadh. Tha sinn gun chùnntas ciamar a chrìochnaich a’ ghorta so; ach tha fios againn gu bheil co’ -ainm an latha air an d’ ràinig iad Plymouth air a chur air leth chum aoradh folluiseach agus chum cuirme. Anns a’ bhliadhna 1820 thainig an dà cheudamh co’ -ainm mu ’n cuairt. Ghabh daoine fòghluimte agus cràbhach móran saothair chum gliocas a theagasg do’n phobull so, a bha nis air fas anabarrach saoibhir, leis an airc a dh’ fhuiling au sìnnsir a chur fa chomhair na staid shona san robh iad fèin; agus ’nuair bha bòrd na cuirme air a luchdachadh leis gach nì bu shòghmhoire ’s bu chostala na chéile, chuireadh CÓIG SPILGEINEAN GRAIN aig taobh gach trìnnseir, mar chuimhneachan air cruadal agus foighidinn an athraichean.
A mhuinntir òg mo ghràidh, ma bhios sibhse air àm sam bith ’an cunnart a bhi moiteil mu’r biadh, cuimhnichibh air na CÓIG SPILGEINEAN, agus bithibh taingeil.
title | 11 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 1 |