A’ MHUILEID [Ainmhidh eadar capull agus asal. ] AGUS AN ASAL.
“Na biodh cabhag ort gach eisimpleir a chì thu a leantuinn.”
Bha Muileid agus Asal ag imeachd le chéile air turus àraid, sac do Shalunn air a ’mhuileid ach sac ollainn no clòimhe air an asail. Bha iad a’ dol thairis air abhuinn, ’s do bhrìgh gu ’n robh a’ mhuileid ìosal s an àth domhain, fhliuchadh an sac anns an robh an Salunn. Leagh mòran de. “Fhalbh,” ars’ a’ “mhuileid ’s feàirrde mi sud, tha m’ uallach ni’s eutruime; piseach air an abhuinn a fhliuch an salunn!” Ràinig iad allt eile, ’s leig an asal i féin air a glùinibh agus tumar na saic chlòimhe san uisge; ach mo thruaighe an t-ùmpaidh truagh! An àite ’n eallach a bhi na b’ eutruime, ’s ann bu truime chìnn i leis a’ bhogadh a fhuair i; agus chuir i roimhpe nach biodh cabhag oirre o sin a mach eisimpleir a leantuinn gun fhios c’arson.
title | 13 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 1 |