SGEUL MU BHOLTAIRE AN T-ANA-CREIDEACH.
Chualas mu Voltaire, an t-Ana-creideach ainmeil sin, gu’n do chuir e roimhe an Creidimh-Criosduidh ’thilgeadh bun-os-ceann, agus sin le a làimh féin! “Tha mi sgìth,” ars’ esan, “ag éisdeachd ris air aithris gu’m bu leòir dà-fhear-dheug a stéigheachadh Criosduidheachd; agus tha ’mhiann orm fheuchainn nach feumar ach aon g’a chur mu làr.” Ach O cia diomhain bha beachd an duine so! oir, a réir cùnntais, bha ’cheart chrann-teannta leis an do chlòdh-bhuaileadh a shaothair chum Criosduidheachd chur sìos, air a ghnàthachadh sa’ bhliadhna 1822. (mur ’eil gus an la an diugh,) a chlòdh-bhualadh mòran Bhìobull agus leabhraichean diadhaidh eile. —Salm lxxvi. 10. “Gu cinnteach bheir fearg duine moladh dhuit: fuigheall na feirge coisgidh tu.”
D. C. Tobarmhoire.
title | 14 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 1 |