MATH AIR A THOIRT A H-OLC.
Tha cùnntas againn gu’m b’ fhiach an t-Eachdraiche iomraiteach, Gibbon, aig uair a bhàis mòran airgid a chuireadh r’a chéile, ach beag, o bhuidhinn reic na h-Eachdraidh aige mu Aomadh agus Thuiteam na h-Iompaireachd Ròimheich: obair tha làn de bharailibh Ana-creideach. Le cainnt mhiodalach ghabhdach, maille ri fanaid mhi-chiatach, agus beumaibh an-diadhaidh, tha i fior ullamh a ghintinn dìmeas air a’ Bhìobull. Ach thugar fainear! dh’ fhàgadh an t-airgiod a chuireadh mu’n seach o bhuidhinn na h-oibre so, do neach a bha o sin ’ga ghnàthachadh a chuideachadh mór-sgaoileadh nan Sgriobtuire Naomha.
Tobarmhoire. D. C.
title | 16 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 1 |