SGIORRADH MULADACH.
Le truimead an uisge air an t-seachduin so chaidh, ghéill tuil-dhorsan linne-mhuilinn air a’ bhruthach os-ceann Ghrianaig, anns an robh meall anabharrach uisge, agus leis a’ bhruthaeh a bhi fìor chas, thainig an tuil le leathad le luathas agus le neart ana-cuibheasach mu aon-uair-deug air oidhche di-sathuirne so chaidh, a’ sguabadh air falbh thighean agus gach nì bha annta, daoine ’s mnathan a’s clann, agus eich. ’Nuair fhuair sinne ’n cùnntas, annoch di’ -dòmhnuich, chaidh aona-corp-deug-thar-fhichead fhaotainn; ach bha ionndrain air móran nach d’ fhuaradh gu ruig an t-àm sin. Gu cìnnteach ’s muladach an gnothueh so, agus tha iad ag innseadh dhuinne gu’n do bhrist a’ cheart linne so fichead bliadhna roimhe so aìr an dòigh cheudna, ged nach deach na h-uiread dholaidh a dheanamh ’s a rinneadh air an àm so.
title | 18 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 1 |