[24]

FREAGRAIDHEAN D’AR CAIRDIBH.

Fhuair sinn litir onGhàidheal Bhòdachagearan air an uisinneachadh a fhuair Gàidheil Bhaile-Bhóid mu ghnothuichean na h-Eaglais, agus gu fìrinneach chan iongantach leinn iad a dheanamh gearain. ’S duilich leinn a ràdhnach ann am Bód uile than t-olc,” oir tha iad agearan ann an Grianaig air an dòigh cheudna. Cumaidh sinne sùil orra.

ThaDònull Sgoileirceart. ’Si Gàidhealtachd Alba an t-aon dùthaich air am fiosrach sinne nach deach riamh a chìosnachadh. ’S duilich leinn gu bheil a litir tuilles fada airson an Teachdaire. Chaneil air thalamh as lugha oirnn na litir fhadanuair a dhfheudadh i bhi mòran na bu ghiorra.

DeanadhSeanachaidhfoighidinn, agus theagamh gum faigh emhiann, Eachdraidh nam fineacha Gàidhealach, o àm gu h-àm. GheallMac-tallaso san t-seann Teachdaire, agus chì ar luchd-leughaidh gu bheil e fhathast beò.

S duilich leinn a radh nacheil ach beag meas againn air bàrdachdChalum Chìobair” ’S bitheanta le daoine bhiosan gaol tòiseachadh ri bàrdachd, ach tha eagal oirnne mureil dòigh air bith eilaige airSeonaid òga thàladh, nach toir e dhachaidh i air agheamhradh so.

Móran taing do dh’ “Alastair Dròbhair,” airson a chomhdairle chàirdeil. Chì e gun toir sinn seachad o àm gu àm, chan emhàin naigheachdan agus staid mhargaidhnean na dùthcha so, ach gun toir sinn cleachdadh dhùthchannan eile agus an eachdraidh, chum dorsa nan Gàidheal; ach an dràsd chan eil enar comas, oir bu chòir don àireamh so bhi air feadh na Gàidhealtachd roimhe so.

Tha Gàidheil Ghlascho ann an àrd-mhisnich air an àm so. Than t-Olla Leòdach afàgail sgìreachd Champsie agus atighin do dhEaglais GhàidhhealaichChalum Chilleann an Glascho. ’Se so a nis ainm na h-eaglais anns na shearmonaich fad ioma bliadhna, Mr. Iain MacLabhruinn nach mairionn.

Ged tha sinn fadair deireadh leis an àireamh so, tha dòchas againn gun teid againn air ar n-ùine shuidhichteghleidheadh an déigh so; agus gum bi àireamh don Teachdairemach aig toiseach gach mìos. Faodaidh e bith gum bin ath àireamh beagan làithean an déigh toiseach an ath mhìos, air neo bhiodh àireamh amhìos so agus àireamh an ath mhìos tuillidh as teann air a chéile; ach an deaghaidh sin, bheir sinn sàr-oidheirp air a bhi riaghailteach.

Chaneil enar comas freagaìrt a chur a dhionnsuidh tuille dar càirdibh air amhìos so, ach cluinnidh iad uainn air an ath mhìos.

title19
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text1
<< please select a word
<< please select a page