FAILTE DO’N TEACHDAIR’ UR.
’FHIR MO CHRIDHE,
Tha sibh a nis air tòiseachadh air a’ mhìosachan lurach so chur d’ ar n-ionnsuidh a rithist, agus mìle misg air an fhear nach guidh soirbheachadh math leibh féin agus leis an Teachdaire! Gu ma maol-chluasach a bhios an Gàidheal a dhiùltas ard-chathair a thighe dha, agus gu ma toll-sporanach an sgrubaire sin leis am bu daor e air an t-sè-sgillinn chrotaich, leibideich, bhochd. Cha ’n fheud e bhith gu’n d’ rugadh e ’s an tìr anns na rìoghaich FIONN, agus anns na sheinn OISEIN, neach a ni di-meas air an Sgeulaiche òirdheirc. Ma rugadh, gu robh e féin crùbach agns na h-uile fear a ghabhadh a leisgeul crotach rè làithibh am beatha! Nam biodh fhios agaibhs’ an othail a tha’m measg nan Gàidheal o na chual’ iad gu’n robh sibh air tòiseachadh as-ùr. Is iomad là mall-triallach agus oidhche chianail a bha againn o na sguir sibh dheth; ach, buidheachas do ’n fhortan! mhosgail an Teachdair as a shuain, agus le binn-ghuth àidh ghairm e sinne o’r cianalas, agus dh’ fhògradh ar dubhachais mar neòil na maidne. Fosglaidh ar bilean le gàire, agus ni ar cridheachan gairdeachas ’san “Teachdaire Ghàidhealach.”
Tha na buidsichean air chrith le h-eagal, —tha glùinean luchd-ghisreagan a’ bualadh ri chéile le h-ioghna, —agns tha an dream a tha toigheach air ti, deoch, agus rìomhadh, a’ fàs bàn le geilt-chrith thaobh an sgiùrsaidh sgailldidh a b’ àbhaist duibh a chumail ri earbuill nam biasdan. ’Se mo dhòchas nach do lagaich bhur làmh agus nach do mhaothaich bhur cridhe thaobh an dream so; oir is da rìreadh muladach, eadhon anns an linn sholusaich so, na beachdan faoine tha móran ag altrum mu’n timchioll. —Gabhadh sibhse’ air ur n-aghaidh ’nur n-obair ghràidh agus theid mise ’n urras nach fhada gus am feud iad luidhe far na luidh am mart cean-fhionn, àig cùl a’ ghàraidh. Cha ’n urrainn iad coire dheanamh oirbhse ge nach ’eil teagamh nach ’eil na h-it-cheannaich, na sgaomadairean agus na h-uile tha miannach air féin-ghlòir ealamh gu bhi ’spùtadh a mach puinnsean na cùl-chainnt ’nar n-aghaidh, ach na mò oirbh iad na ’s mò air craig tonn-fhras nan uisgeacha càr-gheal. Cha dean e coire air bith do ’n ghealaich na h-uile cù tha eadar tigh Iain Ghrot a’s lùchairt an righ bhi tathunnaich rithe. —Tha sibhse tuille ’s ard—tuille ’s daingnichte ann an gràdh gach fior Ghàidheil gu bhi air bhur dochann leò. ’Se comharradh a’s fearr air duine th’ ann an dreuchd follaiseach, na h-eucoraich agus luchd-dubhailc a’s mi-bheus a bhi ’na aghaidh.
Ach ged a tha na connspeachan air bàinidh gu bhi ’n sàs annaibh, is lionmhor agus is treun bhur càirdean— ’s ioma broilleach tha bualadh le mór-aoibhneas, agus làmh chairdeil a tha sinte ’mach gus an Teachdaire fhàilteachadh gu furanach. Eiridh frog air an t-sean-aois ’nuair a ni sinn ’ainmeachadh; —Suidhidh na baintighearnan òga leis sa’ choille-chnò— ’an lagan doilleir, —no ’am bun tuim far nach cluinn iad ni ach beul milis an Teachdaire, no binn-cheileir na cuaiche, no fann-thorman nan sruthana meara; tha gach fleasgach a’ mionnachadh gu bheil fiosachd agaibh do bhrìgh cho mion-eòlach ’sa tha sibh air gach lide thig amach air am beul an àm seasamh dhoibh
’Fàilt’ ort féin, a Theachdair’ Ghàidh’laich!
Sgeul a’s fearr leinn thu bhi fallain;
Do bheatha choidhch do thìr nan ard-bheann,
Far an d’fhàg thu sinn fo smalan;
Gleus gu réidh do theudan clàrsaich,
’S tog gun dàil do dhànaibh ealamh,
’S tuitidh Sprochd mar bhochdan cràiteach,
No mar chorp gun chàil gu talamh.
Fosgail-sa do bheul gu tùrail,
’S seinn mar smùdan ùr-laoidh theud-bhinn,
Freagraidh MACTALLA an tùs thu,
’S freagraidh do luchd-dùch’ gu léir thu,
Freagraidh maighdeannan nam beann thu,
Mar organ milis srann-bhig éibhinn;
Togaidh gach cruitear sgiathach ceòl duit,
Fhir bu bhòidhch’ ’s bu sheòlta sgeula.
O! tog-sa ort, a thosgair àluinn,
Le do Ghàilig ’s fearr gu còmhradh,
Innis mu gach comh-stri ghàbhaidh
Bh’anns gach āit’ mu ’n d’ fhàs thu eòlach,
Stiùr sinn gu dearg-fhaich’ an lasgair’,
Far na thuit na gaisgich chròdha,
’S gus gach uaigh ’s na shìneadh cŭraidh,
’Smath a’s urrainn thu g’ar seòladh.
Brosnuich sinn le eachdraidh Albainn.
(Far ’m bu chalma dalm’ na treun-laoich)
Gu bhi deothal og-mhil thairbheach
As gach sgrìobhadh dearbhta feumail;
Seirm dhuinn farum sin gach borb-bhuill,
’S fuaim bh’aig arm-chleas garbh na Féinne,
’S ged nach fhearr sinn féin na cearbaich,
Cha bhi do sheanachas searbh r’a leughadh.
Feumaidh tu air uairibh éiridh
Do na speur’ ri reub-ghaoith ’s gaillinn;
Bi’dh mìle Gàidheal ri do shàiltean
O, cia gàbhaidh ni thu ’n tarruing!
’Nuair gheibh thu iad gu suidhe ’n òrdugh,
’Nan còmhlain fòil fa chòmh ’r na gealaich,
Mu’n ghorm-bhrat àluinn, pàirt-dhait ìnns dhoibh
’S mu gach rionnaig dhrìlsich ’s planat.
Bheir thu ’n sin cruinn-leum do ’n fhairg’ leo,
’Measg nan iasga garbh a’s òga,
Ach feuch, a theachdair’, nach teid cuid dhiu,
’Shlugadh leis a’ mhuic mar Iònah!
Treòraich iad a ris gu sābhailt,
As na h-uisgibh càr-gheal leòmach;
Gu ’m fàg thu iad a’ call an lūis le
Gàiricich ’an dù’ich nam mòr-bheann.
Teagaisg iad le reachdan cràbhach,
Brigh’or, sàr-mhath, àghmhor, tùrail;
’S buail le cuaille cnuachd gach fàl-bheirt,
Gus am bàsaich iad ’s na cùiltibh;
Biodh gach duilleag ghrìnn an Teachdair’,
’Na gàradh-altruim do gach sùbhailc,
’S innis dhòmhsa ’n ceann na bliadhna,
Ma nochdar fiatachd dhuit ’san dù’ich-sa.
Tha e doirbh r’a thuigsinn ciod th ’air aire ’Bhaird-Bhric a dheanamh air an dream a ni di-meas air an Teachdaire; ach nam faiceadh sibhs a’ ghreann oillteil a chuir e air ’aodann aos-phreasach féin air dhà bhi crìochnachadh an òrain so, cha bhiodh teagamh agaibh nach robh peanas uamhasach éigin ’na bheachd. Cia air bith mar bhios sin, tha mise ’cur romham, o àm gu h-àm, a bhi cur cuid do dh’ òrain a’ Bhaird-Bhric d’ ar n-ionnsuidh maille ri eachdraidh fhiachail air bith a dh’ fheudas bhi air a cnuasachadh le ’r seirbhiseach fìor-dhìleas,
TUATHACH CUAILEANACH.
Bun Lochabar, Ceud Mhios a’ Gheamhraidh, 1835.
title | 2 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 1 |