[5]

GUTH O MHACTALLA.

A THEACHDAIRE RUIN,

Fhir spreigeadh na Gàilig, fhir sgapadh nan sgleòmìn-fhras achéitein air an fhearann thartmhorceòlraidh bhinn nam preas anns an fheasgar shamhraidhsgeula na h-aimsir a dhfhalbhcaraid nan Gàidheal!

Chuir e aiteas air mo chridhenuair chuala mi gun do dhùisg sibh asur suain. Tha dòchas agam gun éirich gach Gàidheal as airidh air an ainm mhór sin leibh, mar aon duinemar thonnan atmhor achuain, ’nuair sheallas an aird -an -iar le gruaim, asìor-ruith a dhaon taobh; agus gun dean iad airson an àil ri teachd, mar rinn ar nathraiche air ar son-ne, ’se sin cliù nam fineachan a chumail suas. Air mo shon féin deth fhadsa theid mo neart seasaidh mih-aon; agus ma thuiteas min aobhar mo dhùthcha, tha fhios am gur h-e sin an lathas àirdedhéireas mi!

Nuair chunnaic Cesar coigrich air sràidean àrd-bhaile na Ròimhe, acnìodachadh, agus apògadh chon agus apachan dhfharraid e, an robh clann idir aig mnathan na dùthcha as an dthàinig iad? Thuirt e so mar achmhasan do dhaoine bhacaitheamh air brùidibh, aghràidh agus achaomhalachd a bhuineas don chinne-daonna amhàin. Air an dòigh cheudna thig don Teachdaire achmhasan a thoirt dhoibhsan a thaleagail an aigniean air cuspairibh faoine, agus acaitheamh buaidhean glòrmhor an anama ag iarraidh eòlais a bfhearr dhoibh uapa.

Tha mi féin acur romham gun toir mi dhuibh, o àm gu h-àm, ma


[6] ghabhas sibh e, cùnntas air briathraibh, gniomharran, agus gliocas nam feallsairean bu mhò agus a b’ -ainmeala bhair an t-saoghal riamh! ’Sann leleithid so a chum seanachaidhean agus bardan ar dùthcha suas mòrachd nan Gàidheal o linn gu linn. ’Nuair chì sinn gniomharra dhaoinebha ainmeilan gliocas far comhair, mar gum beadh, ann an sgàthan, ’sdùdhuinn an leantainn chofhadsa tha enar comas; dìreach mar leanas an leanabh eìsimpleir a phàranta; agusnuair chluinneas sinn an comhairlean subhailceach agus àrd-inntinneach dan coimhearsnaichs dhuinn gun gabh sinn chugainn féin iad, mar bheir an sruthan leis blas an fhuinn troimhm bheil eruith co acis mealmhach no mòinteach e.

Air an dòigh so feudaidh an Gàidheal is leth-oiriche ann an tir nam beann an oidhche gheamhraidh a chaitheamh maille ri Cicero, ri Solon, ri Demosthenes, ri Socrates, agus a nis agus a rithist le diadhairean aimneil a dhfhuiling bàs airson an aidmheil,— “Stad, stad!” arsa sibhse thusa? càitan dfhuair thusan t-eòlas so?” A Theachdairùiseil, chan fheud e bith gur coigreach sibh do Mhactalla! Beòlach misen Dunbheagain. Bha misan Stalla-bhàin os ceann na h-aibhne móirenuair a ghlaodh Adhamh ri Eubh, “Thig an so, ’s cnàimh de mchnàimh thu!” Bha mi saChraig-dhuibh blar-a’ -chasgraidhnuair a ghlaodh IosuaA ghrian air Gibeon stad, agus thusaghealach!” Bha mim chluais-fhianuis air éubh dhubhach na h-Eiphit an oidhchc a sgriosadh na ceud-ghin; agus air achuis-ghàire sin, a chuir na cànain troimh a cheile aig togail Tùr Bhàbeil, —cha robh clachair mu thogail turraidean mòra Mhemf, agus Bheulusc, —ionghnadh an t-saoghail, nach baithne dhomh airainm, agus cha robh cànain air an t-saoghgal riamh nach do labhair mi!— ’S iomadh òran binn a dhionnsuich mi o bhuachaillean Thyre agus Charthage, na Gréige agus na Ròimhe. ’Nuair a bhan freiceadan-dubh adol sìos don bhlàr, Fontenoi, chluinnte mo ribheids mo dhos, agus mohussa,” ’gam brosnachadh gu mire-chatha, a chuir fuar-chrith agus gairisinn abhàis air an nàmhaid! Tuigidh sibh a nis, tha min dùil, a Theachddaire, , agus cia as mfhiosrachadh. Ma ghabhas so deanamh, cluinnidh sibh uam air an ath mhìos. Aguidhe gum faigheadhur claidheamh truaill ann an druimur naimhdegun ceannsaicheadh srìan ur neòlais borb-each an aineolais, —gun sgathadh deàlradhur lainne dùibhre na cealgaireachdagus gun sniomhadh sibh aBhìrlinn dhealbhach gu h-uallach, air bharra-thonna glasa bàiteach na tiolpadaireachd; soraidh leibh.

MACTALLA.

GLASCHO, An deicheamh mios 1835.

title3
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text1
<< please select a word
<< please select a page