TOIMHSEACHAIN, AIR NEO DUBH-FHOCAIL, NAN INNSEANACH.
THA na h-Innseanaich anabharrach déigheil air toimhseachain, dubh-fhocail chiogailteach dhorcha tha duilich fhuasgladh. Tha móran d’an aimsir air a caitheamh ann am fearas-chuideachd do’n t-seòrsa so. Tha feadhain ann a tha ’falbh na dùthcha, a’ dol gu bainnsibh ’s do gach seòrsa cuideachd agus còmhdhail, chum toimhseachain agus dubh-cheistean dorcha chur ris a’ chuideachd, agus mar so feala-dhà agus sùgradh a chur air aghaidh. Tha cùnntas againn gu’n robh ’leithid so do chleasachd agus do shùgradh air banais Shamsoin ann an leabhar nam Breitheamhna xiv. 12, 13. “Agus thubhairt Samson riu, Cuiridh mi nis toimhseachan a mach dhuibh; ma chuireas sibh gu cinnteach an céill domh e an taobh a stigh do sheachd làithibh na cuirme, agus gu’n faigh sibh a mach e, an sin bheir mise dhuibh deich thar fhichead brat-lìn, agus deich thar fhichead culaidh eudaich. Ach mur urrainn sibh a chur an céill domh, an sin bheir sibhse dhomhsa deich thar fhichead brat-lìn, agus deich thar fhichead culaidh eudaich. Agus thubhairt iad ris, Cuir a mach do thoimhseachan, agus gu’n cluinn sinn e.” Tha sinn mar an ceudna a’ leughadh mu thoimhseachain a chuireadh a mach le Eseciel trid àithne fhuair e o Dhia, agus tha e air a chur sìos anns an xvii. caib. o ’thoiseach. Tha righ Daibhidh a’ deanamh móran labhairt anns an t-Salm xlix. 4, agus Salm lxxviii. 2, mu chosamhlachd agus mu shean-fhocail dhorcha; agus tha e air aithris mar dhearbhadh air gliocas righ Sholaimh gu’n d’ fhosgail e suas uile dhubh-cheisdean ban-righinn Sheba. Tha sinn a’ leughadh 1 Righ x. 1. “Agus an uair a chuala ban-righinn Sheba cliú Sholaimh ann an ainm an Tighearna, thàinig i g’a dhearbhadh le ceisdibh cruaidhe” agus tha sinn a’ leughadh anns an treas rainn, “Agus mhìnich Solamh dhi a briathran uile: cha robh ni air bith am folach air an righ nach do mhìnich e dhi.”
Tha ’n sgeul beag Innseanach a leanas a’ toirt soilleireachadh dhuinn air a’ chleachdadh so. Bha ann roimhe so righ mór cumhachdach ann an rìoghachdaibh tìorail Innsean na h-aird-an-Ear, d’ am b’ ainm Rionnag-Lasrach. agus ghairm e air uaislibh, air maithibh agus air flaithibh àrd na cùirte, le’n eachaibh, an carbadaibh, marcshluagh agus feachd na tìre gu léir a dhol a shealgaireachd fhiadh-bhéistean na dìthreibh. Bha tart air an righ, agus dh’ iarr e uisge. Thug esan a b’ àrd-chomhairliche dha e gu tobar domhain, agus ’nuair a bha ’n righ ag amharc sios do’n tobar, ghrad thilg an slaoightire gun iochd a bha air a chùl sìos e do’n t-slochd. Phill e gu luath air ais do cheanna-bhaile na dùthcha, chuir e’ mach gu’n d’fhuair an righ bàs air dhòigh eile, agus ghairm se e féin ’na righ ’na àite.
Theich a’ bhàn-righinn ’nuair chual’ i mu bhàs an righ, agus
An ceann beagan bhliadhnaichibh chinn an leanabh so àrd, dreachmhor. Có b’urrainnear a choimeas ris? Cha robh san dùthaich gu léir laoch eile cosmhuil ri Para-maran. Bha iomradh san àm sin air ban-righinn àillidh bha ’chomhnuidh ’an dùthaich chéin, an t-aona bhoinne-fala b’àille, do réir sgeul gach aon a chunnaic i, air uachdar an domhain mhóir. ’Se b’ ainm dhi so Sinalada, ’se sin r’a ràdh, Réul-na-maise. Chuala Para-maran mu àilleachd Shinalada, agus chuir e roimhe a faotainn air neo bàsachadh san oidheirp. Dh’ ìnnseadh dha nach pòsadh i gu bràth a h-aon air bith nach fhuasgladh a dubh-cheisdean, agus nach mìnicheadh gach toimhseachan a chuireadh i riutha; agus iadsan nach b’ urrainn so a dheanamh gu’m bàsaicheadh iad air son an dalmachd. Dh’ ìnnseadh dha gu’n d’ fheuch na ceudan ris na toimhseachain fhuasgladh ach gu’n d’ fhairtlich iad orra, agus chuireadh gach aon diubh gu bàs; ach a dh’ aindeoin so uile chuir e roimhe an deuchainn a thabhairt. Bha ’anam laiste le dòchas; dh’ fhairtlich air a chairdean a chomhairleachadh an aghaidh na h-oidheirp chunnartaich so, agus a dheòin no ’dh’ aindeoin dh’ fheuchadh e ’chùis. Thog e air chum pàilliuin Shinalada. ’Nuair thainig e ’n sealladh a’ bhaile-mhóir bha ionghnadh air mu ghlòir agus rìomhadh agus beairteas a’ bhaile sin. Chunnaic e naoi ceud, ceithir fichead agus naoi geatacha-deug—mìle tobar—pàilliuna àrda dreachmhor—sràidean
Dh’ amhairc a’ bhan-righinn mu’n cuairt di agus bheachdaich i air coigreach àrd. “Suidh,” deir i “ri m’ thaobh air a’ chathair rìoghail.” Thòisich i an sin air na toimhseachain agus na dubh-cheisdean a chur ris. Chuir i aona mhìle toimhseachan ris, ach mar a chuir is’ iad dh’ fhuasgail esan. Thuig a’ bhan-righinn gu’n do choisinn e a làmh. Chriothnaich i air a cathair òir; thainig laigsinn oirre agus dhlùthaich a maighdeannan oirre, a’ crathadh uisge cùbhraidh air a h-aodann. Cha robh a nis ach aon ni r’ a dheanamh. Bha e mar fhiachaibh air a’ phrionns’ òg aon toimhseachan a chur ris a’ bhan-righinn, agus mur b’urradh dhise ’n toimhseachan so fhuasgladh, bu leis féin i; ach nam fuasgladh is’ e, bha esan ri bàs fhaotainn airson a dhalmachd. Thug am prionnsa toimhseachan di agus dh’ fhàg e i ré na h-oidhche, agus bha e ri teachd air ais sa’ mhaduinn a dh’ fhiosrachadh am b’ urradh dhi an dubh-cheisd a thug e dhi fhuasgladh. Mu dhubhar an anmoich thainig òigh àillidh dhreach-mhor air a h-éideadh le uile rìomhadh na dùthcha do sheòmar a’ phrionnsa, agus labhair i ris. “O thusa” deir i “a’s àille ’m measg dhaoinibh—a choigrich àird ata gu ceart air t’ ainmeachadh Ailleachd an t-saoghail mhóir, thainig mi a ghuidhe gean-math agus càirdeis.” “Có thusa?” arsa ’m prionnsa— “Mise,” deir i, “nighean ard-fhir comhairle na ban-righinn; chuala mi gù’n d’thug thu toimhseachan di nach b’ urradh dhi fhuasgladh; innis dòmhsa suim agus brìgh an toimhseachain sin chum gu’n ìnnsinn e sa’ mhaduinn.” “Thoir dhomh”
title | 5 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 1 |