BAS A’ CHRIOSDUIDH.
Thriall thu do’n ùir—Ach cha chùis dhuinn do chaoineadh,
Ged tha bròn agus dorchadas ’g aomadh mu t ’uaigh,
Chaidh do Shlánuighear romhad tre ’n chaol-dorus fhuar sin,
’S bidh lòchran a ghaoil-sa ’na sholus mu’n cuairt duit.
Thriall thu do’n ùir—Cha’n ’eil dùil againn t’ fhaicinn,
Ag acain tre fhàsach an t-saoghail-s’ r’ar guaillibh;
Nis fillte mu’n cuairt duit tha gairdeanan tròcair,
O’n bhàsaich am Fìrean bidh peacaich ’an dòchas.
Thriall thu do’n ùir—Ged b’e dùrachd do spioraid
Fantuinn car ùine bhig, air an taobh so do dh’ Iordan;
Ach las gathan nèimhe ’nan glòir air do shùilibh;
’S b’e caithream nan aingeal a ’chéud srann a dhùisg thu.
Thriall thu do’n ùir—Cha chùis tùrsa no caoinidh,
B’e Dia féin do sgiath— ’se t ’éiric ’s ceann-iùil duit;
’Se thug agus ghabh, agus ’rithist bheir beò thu;
Cha ’n ’eil gath anns a’ bhás o chaidh Criosd féin a leòn leis.
title | 8 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 1 |