BLAR HOHENLINDEN.
Thugadh am blar so air an treas latha do mhìos meadhonach a’ gheamhraidh, sa’ bhliadhna 1800, eadar na Francaich, agus Impire na Gearmailt. Buinidh rìoghachd Hungari do’n Impire, agus deirear mar aithghearr, Hunich ri luchd-àiteachaidh na dùthcha so. Thachair iad aig Hohenlinden, fagus do Bhaile-mór Mhúnich, anns a’ Ghearmailt. Tha abhuinn Iser a’ ruith seachad air a’ bhaile so. An oidhche roi’n bhlàr, thuit móran sneachda, agus chum so bacadh air cuid de mhuinntir an Impire, air chor agus nach d’ thainig iad air an aghaidh co tràth ’sa b’àill leis. Thug an dàil so cothrom do na Francaich, agus chaidh an latha leo. Chaill an t-Impire deich mìle fear. Chuir am blàr so crìoch air a’ chogadh. Thug e fàth do’n bhard ainmeil, Tòmas Caimbeul, dàn a dheanamh, a tha iomad aon a’ cur ’am meas os ceann uile oibribh an duine chliùiteich sin. Anns an ranndachd a leanas, thugadh oidheirp air a thionndadh gu Gàilig.
Air Linden ’nuair bha ’ghrian a’ tàmh,
Gun smal, gun lorg, luidh sneachd air làr,
’S le duibhre geamhraidh bha a’ snàmh
Uisg’ Iser bu bhras car-shiubhal.
Ach sealladh eil’ air Linden bhoillsg,
’Nuair bhuail a’chaismeachd feadh ua h-oidhch’
Gu lasadh theinntean bàis, chur soills’
M’a dreach fo sgàile dorchadais.
Le trompaid ’s leus an òrdugh cath,
Gach marcaich’ tharruing lann gu sgath;
’S a’ sitrich bha gach srann-each math
Gu’n iomairt-oillt a dhlùthachadh.
’N sin chrith na cnuic le sgoltadh bheum,
Gu blàr ’gan greasad, eich rinn leum,
’S le srann mar thàirneanach nan speur,
Srad dhearg nan gunna-móra bha.
Ach seal na’s deirg’ ni ’n lasair càir
Air sliabh, ’s bidh leadairt sneachd air làr,
’S na ’s ruaidhe fathast bidh a’snamh,
Tuil Iser is bras car-shiubhal.
Si ’mhaduinn— ’s gann chuir grian air learg,
Troimh chiar-neoil chogaidh a gath dearg,
Air Francaich bhorb a’s Hunich gharg
Ri gàir ’nan ceanna-bhrat smùdanach.
Tha ’n cath na’s dòmhla! ’Laochraidh gluais,
Gu cliù tha greasad, no gu h-uaigh!
A Mhunich, t’uile bhrataich luaisg,
’S le t’ uile uaill thoir ionnsuidh orr’!
’S tearc theid as do’n thachair ann,
’Se ’s éideadh-bàis dhoibh sneachd nam beann;
’S a h-uile fòid a tha fo’m bonn
Bidh saighdfhear ann an tìodhlacadh.
Ead. le MUILEACH.
title | 9 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 1 |