[25]

AN TEACHDAIRE ÙR GÀIDHEALACH.

DARA MÌOS A’ GHEAMHRAIDH.

II. AIREAMH.

CROTACHAN NA BEINNE.

(Air a leanailt o’n cheud àireamh.)

Mun àm so thainig cuideachd do dhuaislibh air chéilidh do thigh-mór a bha mar thrì mìle don bhothan anns an rohh an crotachan bochd a chòmhnuidh. Bàbhaist do na h-uaislean so dol a mach a mharcachd, agus gu tric choinnich iad Crotachan-na-Beinne, agus bu chleachdadh dhoibh amharc air le mór iongantas, agus le cuid diubh fochaid a dheanamh air le tàir agus magadh a bha nàr agus peacach. Lasadh an t-òganach bochd le feirg ach cha robh comas aigair. Bha emach latha do na làithean ann an coille challduinn a bha saghleann os ceann a thighe, agabhail beachd air na blàithean àillidh bhacinntinn mu bhruachabh an uillt. Bha sòlas airgam faicinn afàs gu h-ùrar bòidheachghabh e tlachd dhiubh mar gum bu leanaban da féin gach aon diubh. Mar bha e asiubhal o bhlàth gu bláth abeachdachadh mar bha iad afosgladh le blàs na gréine, agus asgaoileadh a mach an àilleachd, chuale sgriach oillteil air abhruaich os a cheann! Bhamhada dìleas maille risan t-aona chompanach a bhaige air uachdar an t-saoghail uiledhìrich em bruthach co dians a burrainn da, an còir ra thaobh, dian gu bhi shuas ged nach tréigeadh e a mhaighstirbhan sgriachail eagalach afàs na bàirde mar bha iad adìreadh, agus air dha mullach na bruaicheruigheachd chunnaic e bean-uasal òg àillidh aruith gu dian adh ionnsuidh an àite san robh ena sheasamh, agus dlùth air a déigh, tarbh fiadhaich air bhreathas, abùirich gu h-eagalach agusga teann-ruagadh. Ann am priobadh na sùl bhiodh in glaic adhaircean na béiste agus air a milleadh, ach thàr am mada gu foghainteachan coinneamh an tairbh agus chaidh e eadar es a mhaighdeann. Dhì-chuimhnich Crotachan-na-Beinne a chrùbaiche agus a laigse agus thug e as a theasraiginn na baintighearna; agus mun gann a ràinig e far an robh i thuit i air an làr le h-oillt agus le sgìos. Chaisg am madadh boile an tairbh, agus thog an crotachan bochd, le neart nach creideadh neach a bhi aige, amhaighdeann air a ghuaillibh agus ghiùlain e air falbh i don choille. Chàirich ena suidhe i ri taic craoibhebha i ann am paiseanadh, agus chrath e uisge air a basaibh agus a bathais ard, àillidh os ceann na chunnaic e riamh, agus geal mar shneachd na h-aon oidhche. Bha a mala mar iten fhìreina shùil dùinte mar gnm biodh ina suain shàmhacha falt òr-bhuidh


[26] sgaoiltena chuachagan dualach ma guaillibh, agus i uile gu lèir anabharrach eireachdail. “Tha i àillidh da rìreadharsesan— “tha i àillidh, àillidh; ach dùisgidh i as aphaiseanadh so, agus fosglaidh i a sùileantionndaidh i air falbh le h-oillt uam, mar a ni gach aon a chì mi, bidh mi fuathach leatha mar bha abhrùid a theab a milleadhach O! tha i bòidheach, bòidheacharsesan mar chrath e tuillidh uisge air a h-aodann ciùin. Tharruing i osna thrómbhan deur atéarnadh air a leth-cheanndhùisg an ainnir ògdhfhosgail i a sùil ghormbheachdaich i air achrotachan thruagh a bhana shuidhe dlùth dhi air an fhòidCha do chlisg icha do ghabh i eagal roimhe— ’an àite sins ann a bheachdaich i air le bàigh agus càirdeasthug i taing dha ann an cainnt chaoimhneil agus le deòir asruthadh osùilibh tlàth. Chlisg an crotachanlas a chridhe le togradh ùr. So acheud sùil chaoimhneil a bheachdaich riamh airagus O! àilleachd na sùl sin. —Chaill e ann an tiota am fuath a dhfhairich e co fadan aghaidh achinne-dhaonna, aghruaim agus an smalan a bha co fada, eadhon oòige airaodann, dhimich iad air ball roimhn t-sealladh chaomh chairdeil leis an damhairc an ainnir àluinn so air. Thuit a fiamh-ghàire mar ghath soluis air anam a bha gus an t-àm sin gu dubhach dorchabha fonn milis a briathran mar cheòl a thaisg e suasna chuimhne agus nach burrainn da a chaoidh a leigeil air dìchuimhn. Thachair e mu dheireadh air aon don chinne-dhaonna dan dthug e gràdhcha be a h-àilleachd, cha be a h-eireachdas, cha bi a bathais ard no a mala chaol, cha biad a cuaileanan òir len duala bachlach fàinneach, cha biad na nithe so uile thug buaidh air cridhe Chrotachain-na-Beinne, ach deur na taingealachd a bhana sùil, fonn a cainnt atairgseadh buidheachais, an gàire neo-chiontach, achiùineachd a bha sacheud shùil a dhamhairc air riamh gun fhuath agus gun -meas.

Dhinnis i dha mar thachair dhi bhimach air an raon, gun robh i air chéilidh maille ri cairdean eile ann an tigh mór a bha sachoimhearsnachd, agus gum be Màiri a bainm dhi. Thairg e dol dachaidh leatha, agus béiginn doibh gabhail seachad air an àite far na theasraig e i on tarbh. Mhothaich iad gun dfhalbh abhéisd, ach bham mada còir marbh air an fhraoch. Sheas Crotachan le mór-mhuladdhfhàisg e a dhà làimh le duilichinn— “Mo charaid, mo charaid,” arsesan, oir be Caraid an t-ainm a thug e air achù, “mo charaid, mo charaid truagh an ann mar so a thàan dfhàg thusa mi? Do gach beò-chreutair air uachdar an t-saoghail bu tun t-aon amhàin a ghràdhaich mi. Gabh mo leisgeul, ’sen diugh acheud uair a dhearc sùil orm le blàs, ’s en diugh acheud uair a labhradh focal rium gun mhì-thlachd; cha dfhiosraich mi cairdeas riamh o dhuine no o mhnaoi on thainig midhionnsuidh an t-saoghail gus an la-diugh. Rinn an cinne-daoine tàir ormmagadh orm; agus dhfhuathaich mise iadsan. Na clisg idirarsesan, “chan e sin idir mo nàdurfuath chaneil ann am chridhechaneil fuarth agam ortsachaneil, chaneillabhair thu gu caomh riumgu caoimhneilgu bàigheilrinn thu gâire caoimhneis riumràinig so mo chridhe, agus gu latha-bhrâth cha dìchuimhnich mi thu. Faic am mada


[27] bochd sin, bha gràdh agus bàigh aige-san riumach cha bhi miga ghearanthuit egad theasraiginn, agus cha bhi miga chaoidh; ach càit a nis air uachdar an t-saoghail mhóir am faigh mi caraid eilena àite?” Thuit na deòir gu frasach air a ghruaidhibh. Ghuil Màiri maraonbha truas aice don aonaran bhochd, —don chrotachan thruagh aig nach robh caraid no bana-charaid air uachdar an domhain. “ ’Bheil thugul?” arsesanagul air mo shonsa? —mo bheannachd, mo mhìle mìle beannachd! —so acheud deur a shileadh riamh air mo shonsaShaoil mi nach robh deur san t-saoghal so air mo shonsa.” Ràinig iad dorus an tighe far an robh i air chéilidh, agus an sin dhealaich e rithe, oir cha rachadh esteach ged dhasluich i air. Dhinnis i don chuideachd agus da cairdean mar thachair. Chuir an eachdraidh thug i dhachaidh iongantas orra; chuir iad romhpa air an la-màireach gun rachadh iad uilechoimhead achrotachain a thoirt taing dha airson a ghiùlain.

Mar phill an t-òganach bochd so dhachaidh lasanam le dòchais ùra. Air leis gun robhn saoghal na bàille na bha e riamh roimheaghrian na bu shoilleirena blàithean na bu bhòidhcheceileirean nan eun na bu cheòlmhoiretoirm nan eas féin na bu taitniche.

Labhair Màiri gu tric agus be a sòlas a bhilabhairt mu mhisnich an òganaich bhochd a theasraig i. Bha aona bhaintighearna mhór uaibhreach san tigh a thainig a nuas á Sasunn, agus cha robh uair a labhradh Màiri mun chrotachan nach lasadh i le feirg. “Na cluinneamarsisetuille mun chreutair ghrannda sin; na tugadh a h-aon agaibh am shealladh e, na faiceam e gu bràth; o mòige cha burrainn domh amharc air creutair cearbach uireasach, truagh mar tha esan,” Bha mac aice so sachuideachd, òganach ard-inntinneach, uaibhreach stràiceil, àilgheasach mar bha a mhàthair. “Theid mise leatarsesan ri Màiria dhamharc an duine thruaigh sin a theasraig thu, crùbach, grannda, crotach mar thà e. Ràinig iad tigh achrotachain. Dhamhairc e orra le fuairead agus suarachas, oir bàbhaist leò magadh agus tàir a dheanamh air, agus shaoil e gun dthainig esan air an àm a dheanamh dìmeas air mar bu chleachdadh dhoibh; achnuair chunnaic e fiamh-ghàire air aodann àillidh Màiri, a làmh sìnte dha gu fàiltechur air, dhfhalbhfhuairead agus a mhì-thlachd, agus bhoillsg sòlas agus gairdeachas airanam. Ach mhothuich e gu làn mhath am mi-thlachd a bhalasadh air gruaidh an t-Sasunnaich uaibhrichnuair chunnaic e Màiri alabhairt le caoimhneas ris achrotachan; an tàir agus an dìmeas leis an robh eg amharc sìos air féin.

Air ball las anam achrotachain le h-eud, agus cha bu lugha na sin a las cridhe an t-SasunnaichCrotach, deireasach bochd mar bha e, thuig am fear eile gun robh spiorad ard anns acholuinn bhreòitegun robh inntinn gaisgich aige, ged bhan truaill anns an robh an deagh chlaidheamh co suarach agus co faoin. Bhan t-aona ghuth aig achrotachan a bfhonnmhoire agus a bfhèarr a chualas riamh; agus bha móran fiosrachaidh aige. —Le briathraibh taghta ann an cainnt nam bard labhradh e mu bheannta, mu choilltean agus chreaganbha fios aige air ainm gach eòin agus gach blàths gach luisthuig e a rinn iad uilebha cràbhachd mhórna


[28] anam. Ged nach robh a spiorad air a ceannsachadh mar bu mhiannach leis féin, ghabh achuideachd iongantasnuair chualiad e. Thòisich an Sasunnach uaibhreach agus a chridhe laiste le h-eud, ri connsuchadh ris, ach phronn e am priobadh na sùl e.

Choinnich e féin agus Màiri tricna dhéigh sin mu na bruachan. Bha ise toigheach, mar bha e féin air uaigneas nan coillteanairde nam beann agus garbhlach achreachainn. Chinn iad eòlach air a chéile agus o àm gu àm na bu deònaiche air a chéilechòmhlachadh. ’Na chuideachd agusna sheanchas fhuair i eòlas agus fiosrachadh mórdhì-chuimhnich i a ghràindeadchinn e na bu tlachdmhoirena beachdbha gliocasna bhriathraibh agus dhéisd i ris mar fhear-teagaisg a chuir am Freasdalna rathad. Dhùisg a dhòchais agus bha sonas agus sòlas ag éiridhna shealladh. Ghabh e misneach. Latha do na laithean mar bha iad ag imeachd mu na bruachan, esan ag innseadh dhi ainm nam blàithean agus nan lus, sheas e agus sheall ena h-aodann. “A Mhàiri,” arsesan, “ghràdhaich mi na blàithean sindhfhair mi thairis orratha spéis mhór agam dhiubh; agus carson? —a chionn nach do ghabh iad oillt romham, nach do theich iad uamcha do sheachain iad micha drinn iad tàir ormsgaoil iad an àilleachdam shealladh. ’StusaMhàiri don uile chinne-daonna gu léir an t-aon nach drinn geur-leanmhuinn orm agus nach dfhuathaich mi. chaneil fios agam, no cia as a thàinig mino mo chairdean no mo dhàimh air uachdar an t-saoghail. Ciamar thainig mi don àite so, nodhfhàgadh miam measg nan gleann so chaneil fios agam. ’S creutair mi air an drinn an saoghal tàirdhfhuathaich mathair agus mo mhàthair mithilg iad uapa mi, ach chaneil mi ann an uireassaibhtha do dhòr agam na cheannchadh sodal agus cairdean, agus ged tha mo cholunn lag, breòite, bochd, tha manam làidir, beothail, àrdtha spiorad agam anns abheil gràdh nam faighte gràdh a choinnicheadh ea Mhàirin do choinnich e e an spiorad ceudna annadsa?”

Chlisg Màiri! —thug i oidheirp air labhairt ach dhfhairtlich e oirrebhrùchd na deòir a mach osùileanbha i làn truais, làn ionganntais

(R’a chrìochnachadh san ath Theachdaire.)

title1
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text2
<< please select a word
<< please select a page