AM MADADH-ALLUIDH MU DHEIREADH.
Tha e air ’ìnnseadh dhuinn gur e MacAoi, tighearna Phollachaig, oighreachd bheag ’an taobh tuath na h-Alba, an duine a mharbh am madadh-alluidh mu dheireadh a chunnacas san rìoghachd-sa. Cha ’n ’eil os ceann leth-cheud bliadhna o’n a chaochail an duine so. Bha e dlùth air seachd troidhean air àirde, agus anabarrach foghainteach, dreachmhor agus eireachdail ’na phearsa. Bha boirionnach bochd san dùthaich sin a’ sìubhal troimh mhonadh farsuing agus dithis phàisdean beaga leatha ’gan giùlan a h-aon ma seach. Choinnich am madadh-alluidh no mac-tìre i. ’Am priobadh na sùl sgrios e an dà phàisde lurach, agus b’ ann air éiginn a fhuair i féin as, an déigh a lamhan agus a casan a bhi air an reubadh gu truagh leis an uile-bhéist chìocraich oillteil. ’Nuair chuala Mac-an-Tòisich, ceann-feadhna Chlainn-Chatain so, chuir e ’mach a thogail na dùthcha gu h-uile, agus dh’ àithn e do na h-uile mac màthar san tìr os ceann chóig bliadhna deug a dh’ aois a bhi cruinn aig a’ chaisteal an la màireach air a’ mheadhon latha. Thàinig an t-àm agus bha daoine na tìre gu léir san làthair ach tighearna Phollachaig, an duine bu mhisneachala agus bu tréine ’nam measg gu léir. Cha robh toil aig Mac-an-Tòisich falbh as ’eugmhais, bha e fo chorruiche mhòr nach do sheas MacAoi a’ choinneamh mar a dh’ iarradh air. Mu dhà uair an déigh a’ mheadhon latha thàinig e ’na làn éideadh ghàidhealaich, a bhreacan m’a ghuaillibh, agus cuaille do bhata math daraich ’na làimh. “Cha ’n àbhaist leamsa,” arsa Mac-an-Tòisich “a bhi mar so a’ feitheamh ri daoine air na chuir mi fios, agus idir cha do shaoil mi gu’m biodh tusa air deireadh ’nuair tha cuis-eagail san dùthaich agus na daoine air éiridh gu dol air a thòir.” “Ciod so a’ chuis-eagail” arsa tighearna Phollachaig “a tha ’nur beachd? ciod an t-sealg air am bheil na daoine ’triall?” “Nach cual’ thu” arsa Mac-an-Tòisich “gu’n robh madadh-alluidh san dùthaich, agus nach d’ innis mo theachdairean mar a mhilleadh na leanaban?” “Seadh, seadh,” arsa ’m fear eile, “chuala mi sin, ach chaidh e as mo chuimhne. Ma ’se e sin a’ chùis-eagail a thog an dùthaich, cha ’n ’eil fàth-cabhaig’ ann. So agaibh,” ars’ esan ’s e ’fuasgladh sgioball a bhreacain, “so agaibh ceann na béisde. Mar bha mi tighinn thairis air guala na Beinne-Móire, thachair a’ bhéist orm agus thug e ionnsuidh orm. Thug mi aona ghleadhar dha ’am mullach a’ chinn leis an sgealb mhaide so ’m làimh agus thuit an trusdar mar gu’m b’ uan a bhiodh ann, agus mun d’fhuair e as a’ phaiseanadh tharruing mi ’bhiodag agus sgud mi ’n ceann de ’an eagal gu’n éireadh e a rithist, oir their iad gur creutairean ciogailteach iad.” “ ’Fhir mo chridhe” arsa Mac-an-Tòisich, “ ’s tù fear mo làimhe deise mar bha thu riamh, agus mar chuimhneachan beag air na thachair, bheir mi Seunachan, am baile beag ud thall mar oighreachd dhuitse agus do d’ theaghlach o so a mach gu bràth, a bheathachadh do mhiol-chon thug pilleadh air mac-tìre agus a chuir a ’d rathad e.
C. C.
title | 10 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 2 |