NITHE A’S FIACH AN CUMAIL AIR CHUIMHNE.
Tha e air a mheas gu bheil ann am farsuingeachd an t-saoghail gu
Tha an talamh air a roinn ’na cheithir ceàrnan farsuing ris an abrar an Roinn-Eòrpa, Asia, Africa, agus America: ’S iad so ceithir chèarnan an t-saoghail.
Tha mu thimchioll tri muilleine deug mìle de’n t-saoghal comasach a bhi air ’àiteachadh; agus diu so tha anns an Roinn-Eòrpa cóig; ann an Asia a h-aon deug; ann an Africa naoi; agus ann an America ceithir deug muillein.
’S i an Roinn-Eòrpa a’ chèarn a’s lugha de’n t-saoghal, agus America a’s mò.
’S i an Roinn-Eòrpa a’ chèarn a’s cumhachdaiche de’n t-saoghal, agus America a’s anfhainne.
’S i Russia an dùthaich a’s farsuinge de’n t-saoghal, agus a’s ro thaine tha air a h-àiteachadh.
Cha ’n’eil China ach mu’n cheathramh cuid cho farsuing ri Russia, gidheadh tha ’dheich uiread àireamh shluaigh innte.
Ged ’s i America a’ chèarn a’s farsuinge de’n t-saoghal, ’sann innte ’s lugha tha ’lnchd-àiteachaidh.
’S i Russia an dùthaich a’s fuaire de’n t-saoghal, agus Birman ann an Innsibh na h-aird-an-ear, a’s teotha.
’Siad Peru agus Chili, ann an taobh deas America, agus Tibet ann an Asia, agus Switzerland anns an Roinn-Eòrpa, na dùthchannnan a’s ro lìonmhoire monaidhnean a tha air an t-saoghal.
’S iad Persia agus Arabia ann an Asia; agus a’ Ghearmailt agus Russia, na dùthchannan a’s còmhnairde th’ air an t-saoghal.
’S e Chimborazo ann an taobh deas America, monadh a’s àirde tha air an t-saoghal; oir tha e fichead mìle sè ceud agus ochd troidhean air àirde os ceann còmhnard na mara, no teann air ceithir mìle.
’S i Amazon, mar an céudna ann an taobh deas America, an abhuinn a’s mò th’ air uachdar an domhain. Tha an abhuinn so a’ ruith mu chóig mìle mìle mu ’bheil i a’ ruigheachd a’ chuain.
SEANA-CHEANN.
title | 11 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 2 |