[42]

Bun Loch Aluinn
Mios-meadhoin aGheamhraidh.
1835.

A Theachdair ùir,

sìbh no ciod is ainm dhuibh chaneil fios agam, ach bha mi ro thoilichtenuair chuala miabhirlinn ùra bhi fo uidheam agus air sàile. Chuireadh cuid mar fhiachaibh orm gum bin t-seana bhirlinn a bhann, air a calcadhs air a tearradh as ùr agus le acfhuinn ùir achs mór mamharus gur bìrlinn ùr nodha ta annach ab-air-bhith i, soirbheachadh leatha! buaidh as piseach dhi, agus sonas dàsan aig am bheil am falmadair foachlais agus leis an sgioba chridheil, iasgaidh, thapaidh tha maille risSocrach, ciallach gu robh esan aig am bheil sgód an t-siúil-mhóir, agus furachail faireachail gu robh fear-ìnnsidh nan uisgeachan!

Cha luaithe fhuair mi acheud àireamh den Teachdaire ùram làimh na bha mina bhad. Cha dfhuirich mi ri sgithin no ri siosar a ghearradh nan duilleag, ach a stigh chaidh mo chorag agus fosglar suas e.

Leugh mi an Roimh-radhChaneil so gu h-olc, arsa mise, ach saoileam co è C.C. a sgrìobh so? Cha robh a h-aon don ainm so san t-seann sgioba. Chaidh mi air m’ -aghartleugh miFàilte don Teachdairùr.” Ubh ùbh! arsa mise, co è fear nan guidheachan móra? ’Fhir mo chridhe a theachdair ùir bi air tearalasan aghaidh a leithid so do chainnt. Tha min dòchas nacheil a mhiann oirbh misneach a thoirt da leithid so do chonaltradhtha tuilles achòir dhe so saGhàidhealtachd cheana gun bhiga chur dar n-ionnsuidh á Glascho. ’An àite misneach a thoirt da leithid a sheanchas, ’s ann bu chòiram bharail-sa, éiridh orran clàr an aodainn agus an-uaisle agus peacaichead na cainnt so a leigeil ris doibh. “Mìle misgarsesanairsan nach guidh soirbheachadh leibh”— “Maol-chluasacharsesan a rithistgun robh e.” Chuala mi gu robh sona chleachdadh cumanta ann an Lochabar o shean, na cluasan a sgudadh air falbh le cuirc do dhaon a ghoideadh mult no uanmar thuirt an t-òran:

A mhic abhodachain lachduinn
Thainá Lochabar nan craobh,
Cleas achait a dhòl an t-uachdar,
Theid achluas thoirt dìot on mhaoil.”

Toll-sporanacharsesan a rithist, “gu robh an sgrubaire,” ach chaneil an guidhe so ro thrómbn mhiosa gu mór e nan guidheadh e Toll-bhrioguiseach no lom-mhàsach gu robh e. “Crùbacharsesan, “gu robh e”— “Crotach gu robh e!” an cualas riamh a leithid? ’Fhir mo chridhe, a Theachdaire, na ceadaich so. Mo nàire! ma chluinneas na tiolpadairean Gallde, gun teagamh feannaidh iad sinn agus nàraichidh iad sinnan làthair an t-saoghail.

Na dhéigh sin uile tha mi glé chinnteach nach robh droch-rùn air bithan cridhe aBhaird-Bhric, agus tha mig aideachadh gur ra-mhath a sgrìobhas e aGhàilig; ach tha mi air muamhasachadh romh na Goillge neònach an gnothach iadsan a chur eagail air duine Gàidhealach sam bith.

Fàiltair Mactalla! So a h-aon don t-seann sgiobaMo bheannachd ort a Mhic-talla agus tog do ghutha mhic chridhes ann agad féin thachainntair leam gur leur leam thu ad sheasamh air


[43] mullach Caisteal Chola atogail do ghuth gu h-àrd, aglaodhaich air Gàidheil an t-saoghail uile éiridh mar aon duine agus seasamh guala ri guala as leth an Teachdair ùir, ’s na h-uile creag as garbhlach as caisteal afreagairt don ghuth!

Ach iad Cicero agus Solon agus Demosthenes agus Socrates? Chuala mi iomradh air fear Chìnsero agus fear Sholais ach ge h-eòlach mi air Gàidhealtachd cha dthàinig mi riamh an carabh Dhemostenes non fhir shocraich eile cainm so thairSocrates. Ubh-Ubh! a Mhic-tallas ann ad cheann féin tham fiosrachadh! Dhfheuch mi do leantuinn gus an dràinig thu Mhemf, ach so focal a dhfhairtlich orm. Dhfheuch mirithist agus a rithist fonn a ehur air, ach cha deach agam air— ’s ann thainig emach as mo bheul mar gun cluinneadh tu tathunn cuilein aig aMhemf! Marbh-phaisg air an fhocal ghràndae féin agus Beulusc— ’s beul-uisge gun teagamh thanar beachd a Mhic-Talla, aguss iomad beul-uisges beul-àtha tha saGhàidhealtachd.

Tha Mactallag ìnnseadh gun dionnsuich e iomad òran o bhuachaillean Thyre. Tha mideanamh dhe gur e so cuid den speileadh ùr tha muinntir shiorramachd Rois afeuchainn a chur oirnn, oirs ann a bàbhaist duinne a sgrìobhadh, Tirie, eilean tha dlùth do Chola, agus chaneil teagamh agam nach dionnsuich Mactalla iomad duanag laghach o bhuachaillean agus o ghruagaichean Thirieach chuala riamh daoine bhig ionnsuchadh òrain air aCharthage no mar their sinne, Carage? leabhar nan Ceistean gun teagamh— ’s iomadh latha thug miga fhòghlum, achs beag a bha dhfhonn òrain orm. Soirbheachadh leat a Mhic-talla!

Than eachdraidh mu na searragan uisge math, ach rud-eiginn tróm ra leughadh; ach nach innis sibh co è C. C.?

Leugh mi Crotachan-na-Beinne, ach chan abair mibheàg gus an cluinn min deireadh, ach so deir mi gur h-olc an cleachdadh a bhitoirt frith-ainm no leth-ainm air duine air biththam fasan so ro chumanta saGhàidhealtachd, achs fasan olc, nàr e.

Sheall mi air aBhardachd. Cha bhard mise, ach cha robh riamh anabharra spéis agam do dhàna bhair an eadar-theangachadh on Bheurla don Ghàilig. Tha blas na Beurla air achuid as fearr dhiubh. Cha tugainn aon luinneag a dheanadh fìor Ghàidheal aig nach robh focal Beurlana cheann no peann riamhna phluic airson làn-peice do na dàna sin tha air an eadar-theangachadhbha e co math dhuit feile-beag as breacan as osain as boineid a chur air Dùidseach. Thachuid eile don cheud àireamh math. Gabh air taghaidh a Theachdaire, buaidh leat! Is mise do charaid dìleas.

EOGHAN ACHAOLAIS.

D.S. —Tha Iseabal mo bhean acur mìle beannachd ad ionnsuidh agus ag iarraidh fios uait abheil iomradh air bith air an no air an t-siùcar a dhol nis saoire.

title13
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text2
<< please select a word
<< please select a page