[43]

FARFONADH.

A Theachdair Uiseil.

Tha micur romhamma chaomhnas Dia mo bheatha, agus ma


[44] bhitheas gach cùis mar is mianna dhearbhadh gur h-iGhâilig achiad chànain a bhair an t-saoghal; gur h-ilabhair an ceud duinegur h-ilabhradh le sliochd Noah chóig ceud bliadhnan déigh na dìle, ’se sin gus an deach a cur troimh chéile aig togail Bhabeil, agus gur h-in iuchair òir i a dhfhosglas brìgh bhriathran agus ainmeannan a bha cruaidh-ghlaiste fad mhìlte bliadhna! Gabhaidh mi os-làimh so uile dheanamh ann an leabhran Gàilig ris an abrar ADHAMH AGUS EUBHA, no CRAOBH-SHEANACHAIS NAN GAEL, nach cosg ach aon tasdan— ’se sin luach leth-bhodaich de mhac-na-bracha, cho luaths a gheibh mi mìle ainm; Agus mas urrainn do neach anns na trì rìoghachdan a dhearbhadh amaghaidh nach bi Ghàilig achiad chànain, fuilingidh mi mo chluasan a tholladh le teth-theallaich, agus mo bhàthadh ann am ballan-buaice!

Theagamh gun abair cuid, “ ’s ann than t-òlach air bhreathas! —am bheil e coltach nam biGhàilig achiad chànain nach faigheadh sgoilearan móra a mach roimhe so e?” stad, ’fhir dhùcha, stad: theirinn fhìn an ni ceudna eadhon an uraidh, ach cha bhiodh ann ach argumaid duine aineolaich. —Na sgoilearan as airdesgrìobh riamh mu thùs chinneach agus chànainean cha robh eòlas còir acair aGhàilig, agus iadsan diubh aig an robh, sann saBheurla ach beag a sgrìobh iad, agus uime sin, cha dràinig am fiosrachadh na Gàeil, ’s am beagan Gàilig cha do do thuig na Goill, agus aBheurla cha do chreid iad. ’S ioma ni cudthromach a bha fadan diomhaireachd a fhuaradh a mach mar gum beadh le tuiteamas, agus sann le tuiteamas agus chan ann le barrachd sgoilefhuair mise mach so: dìreach coltach ris an fhear roimhe so ri linn a bhisireadh asail a fhuair rìoghachdbha mi, mar bhall den CHOMUNN OISEINEACH asgrìobhadh Deuchainn aircraobh sheanachais nan Gàel” ’nuair fhuair mi gum feudta an leantainn air an luirg gu Adhamhgur h-ann ann an litir nam fineacha, ’s nach h-ann san litir Eabhraich eadhon a sgrìobh Maoisagus gun robh na Gàeilnan àirde còrr agus mhìle bliadhna mun drugadh e!

Neach air bith mata leis am bu mhiannADHAMH AGUS EUBHfhaicinn thugadh eainm don fhear is faigse dha de luchd-reic an Teachdaire Ghàelaich, no dhomh féin aig àireamh 23, Sràid Earra-ghàèl, fa chomhair Tigh-òsdan tairbh-dhuibh.

L. MACILLEAIN.

Glascho dara mìos a’ Gheamhraidh 1835.

title14
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text2
<< please select a word
<< please select a page