BRISTEADH NA SABAID.
Iadsan tha gach latha ’an tigh Dhé ag éisdeachd ’fhocail, cha ’n urrainn féin fhiosrachadh a bhi aca air lìonmhorachd an t-sluaigh nach ’eil a’ dol do dh’ eaglais air bith, ach a tha ’siubhal nan sràidean agus nan rathaidean móra, no a’ suidhe ann an tighean òsda ’nuair tha ministeirean agus pobull Dé cruinn ’na thigh-aoraidh.
’S ann do’n cheud seorsa bhuineas mise, ach bha e feumail domh air an t-sàbaid so ’chaidh fuireach aig an tigh, agus ’nuair a bhuail an t-uaireadair da uair-dheug, àm anns am bheil eaglaisean a’ bhaile ’stigh, thog mi ’n uinneag agus chunnaic mi air na drochaidean agus air da thaobh Chluaidh, sealladh eagalach muladach, mòran dhaoine agus mhnathan, ghillean agus nigheanan, beag agus mór, sean agus òg a’ mì-naomhachadh an latha naomh agus an Dia sin a thubhairt, Cùm do chas air ais o bhi ’gabhail t’ aigheir agus do thoil-inntinn féin air mo latha naomh-sa. Isa. 58. 13.
Cha ’n ann air sràidean agus air rathaidean móra amhàin, ach ann an ionadaibh còmhnuidh, tha ’n t-sàbaid ri bhi air a naomhachadh. Lebh. 23-3.
O lìonmhorachd an t-sluaigh a chunnaic mi o’n uinneig, bheireadh e orm a smuainteachadh, mur biodh fios agam air atharrachadh, nach b’e ’n t-sàbaid a bh’ ann idir, agus nach robh searmon sa’ bhaile. Tha fios agam gu bheil Glascho ainmeil air son aidmheil, seirc agus creidimh; agus gu cinnteach tha ministeirean agus luchd-riaghlaidh a’ bhaile ’deanamh móran math, ach ’na dhéigh sin uile tha mòran uilc aca fhathast r’a chasg agus r’a sgrios. Na caidleadh, matà, ach co-oibricheadh iad gu stad a chur air Bristeadh na Sàbaid. ’Se so am buinne-shruth tha ’slugadh agus a’ bàthadh mòran. —Leanadh iad air an obair mhath—togadh iad tuillidh eaglaisean—cuireadh iad a mach seirbhisich chum nan rathaidibh-móra agus nan gàrachaibh, agus co-éignicheadh iad iad chum gu’m bi tighean Dhé air an lìonadh; agus stadadh, éisdeadh, agus géilleadh an sluagh, air eagal gu’n abair an Righ nach blais aon do na daoinibh ud a fhuair cuireadh, a shuipeir-san.
’Se duine tha ’sgrìobhadh so, ach ’se Dia le ’mheur féin a sgrìobh, CUIMHNICH LATHA NA SABAID A CHOIMHEAD NAOMHA.
G. B.
Taobh Chluaidh 1835.
title | 16 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 2 |