NAIGHEACHDAN.
’Se thachair nach ’eil naigheachd idir ann; ach ma ’s fìor an sean-fhocal gur “math an naigheachd a bhi gun naigheachd” cha ’n ion duinn so a ghearan. Cha ’n ’eil aig muinntir nam paipeir-naigheachd ach na h-oidhirpean a’s truaighe chunnacas, gu rud-eiginn is fiach a chur annta. Shaoil iad gu’m biodh cogadh eadar America ’s an Fhraing, ni gun teagamh a b’ fhèairde ’n dùthaich so; ach ’si barail a’s bitheanta tha sinn a’ cluinntinn a nis nach bi e idir ann. Tha Parlamaid na rìoghachd ri coinneachadh air a’ cheathramh la de cheud mhìos an Earraich.
A réir gach cùnntais tha sinn a’ faotainn tha ’n Cosnadh math sa’ bhaile so air an àm. Cha ’n abair sinn gu bheil e air chor air bith anabharrach; bidh daonnan fear no fear-eiginn a’ gearan; ach ’se ar làn-bharail gur h-ainmic a bha’m baile so ann an staid a b’ fhearr.
title | 22 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 2 |