FREAGRAIDHEAN D’AR CAIRDEAN.
Fhuair sinn litir chaomh Thorcuill Udlaidh, agus bheir sinn oidheirp air leas nam balachan a chur air aghart mar tha e ’g iarraidh; ach mun teann e féin r’a chuid-san d’on obair, chomhairlicheamaid da dol fad ràithe do Chàradal, a stuidearra fo iùl a’ mhaighstir-sgoile sa’ ghleann; agus bheireamaid a’ chomhairle cheudna air iomadh fear a thuillidh air, nam biodh a chridh’ againn an ainmeachadh. Chuir am maighstir-sgoile so a mach Dònad, no Gràmar no Leabhar-taibse Gàilig, o chionn ghoirid, agus mholamaid do Thorcull agus do gach neach leis an àill briathrachas no snasdachd cainnte bhi aca, fear de leabhraichean ar caraid a cheannach, agus a bhi ’g obair air, a dh’ oidhche ’s a latha gus an dean iad iad féin coimhlionta chum a’ Ghàilig a thuigsinn agus a sgrìobhadh mar bu chòir dhi.
Ach ged tha ’n leabhar so math a’s ra-mhath ’na àite féin, tha coltach gur fagharsach esan agus gach leabhar eile air an cuala’ sinne riamh iomradh ’an coimeas ris an leabhar ùr a ta Mr Lachann Mac’Illeathain ag uidheamachadh mu chumhachd agus aois na Gàilig. ’Se ainm an leabhair so, mar chì sibh o’n litir aige san Teachdaire so, Adhamh & Eubha, agus cha’ ’n ’eil teagamh sam bith nach tig e ’mach ma gheibh e mìle ceannaiche.
Mur ’eil Lachann còir air deargan a’ chuthaich, rud nach b’ àbhaist da idir a bhith, air chìnnte fhuair e sealladh air chor-eiginn air a’ Ghàilig nach d’ fhuair daoin’ eile; agus nan deanadh rannsachadh agus rùrach, ùprait agus for-fhaiseachadh air feadh mhìltean de leabhraichean anns gach cànain, an sealladh so thoirt dà, cha b’ iongantach leinn e bhi aige. Tha cuid a dhaoine ’smuainteachadh gu’n teid aig’ air; cuid eile a chrathas an cinn agus a chuireas an corag air clàr an aodainn dìreach aig ìochdar na h-aide, ach ’s iad Goill tha ’deanamh so. Air ar son-ne ni sinn mar a tha “Eoghann a’ chaolais” los a dheanamh mu “Chrotachan na Beinne,” cha dean sinn móran fàidheadaireachd m’a dhéibhinn gus an cluinn sinn deireadh a’ ghnothuich. Ach faodaidh sinn so a ràdhainn, gur cinnteach gur h-i ’Ghàilig a’s tinne air an Eabhra ann an aos-mhorachd, oir tha i anabharra na’s sine na aona chuid a ’Ghréigis no’n Laidiunn; agus ma theid aige-san air a dhearbhadh gur sine i na’n Eabhra, toillidh e taing a luchd-dùthcha ré linntibh fhathasd ri teachd.
Tha ar cairdean air Gaidhealtachd agus Galldachd a nis a’ fàs lìonmhor agus o nach urrainn duinn an litrichean a fhreagairt uile, tha sinn a’ meas gur fearra dhuinn leigeil leò ga àm eile. Tha na gruagaichean féin air tòiseachadh ri litrichean a chur chugainn; agus cha do chuir ni riamh tuillidh iongantais oirnn na litir fhaotainn o “Sheònaid òig” leannan “Chalum Chìobair” air an robh iomradh san Teachdaire mu dheireadh. Bi’ so a’ cheud té fhuair sinn uapasan, agus tha sinn a’ tuigsinn gu math nach do thaitinn e rithe bhi diomoladh bardachd Chalum. Cha ’n olc an comharradh so—theagamh nach bi i co duilich a thàladh ’s a shaoil sinn.
title | 23 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 2 |