[30]


CLACHAIREACHD.

Do thròmpaid fhonnmhor, ’Iomraidh, séid,
Saor-Chlachaireachd ard-chuir an céill
Do thìribh céin as dlù;
Thoir sgeul mu mhac treun Dhaibhidh seach,
Solamh, ro ghlic, neo-choimeasach,
N ard-mheas os-ceann achrùin.


[31]

Teampuill shòleimt; tùir chorra àrd,
Aitreabh chuach-mhullach, tighean àillt,
Ar làmh-ne thog gu beachd:
Dean àithn do dhaoinmaraon bhiluaidh
S biodh astar adhrail ciang ath-fhuaim
Mór-luach na Clachaireachd.

Am bochdna éigin còmhnar leinn,
An nochds an t-ocrach cóbhraidh sinn,
Sud stéigh ar comuinn chaoin:
Thar comunn tàhtle roghadh stuth;
Oir sparraidh Cairdeas duinri duin’;
Sinn uile bidh mar aon.

Do thrómp ard-fhuaimneach, ’Iomraidh, séid,
Cluinneadh an Cruinne- gu léir,
Mór-fheum Saor-Chlachaireachd:
Chuir Iùl Neo-chrìochnach i air chois,
As shocraich i air thalamh bhos,
Samhladh air àgh ri teachd.

Ead. le DONNSHUIL.

title5
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text2
<< please select a word
<< please select a page