[31]


LAITHEAN NA SEACHDUIN.

Is muladach da rìreadh ra thoirt fanear an dorchadas anns an robh ar n-aithrichean o shean mu dhéibhinn nan nithibh as cudthromaichean t-aineolas truagh anns an robh iad a thaobh nithe spioradail, agus an saobh-chràbhadh grànda tàmailteach fon robh iadan tràilleachd bhochd. Shaoileamaid nach robh e comasach do dhuine aig an robh spiorad, amothachadh don ghréin, don ghealaich agus do na mìlte reull àillidh maiseach thasoilleireachadh na h-iarmailt ghuirm os ar ceann, gun a thuigsinn gun robh iad uile air an cruthachadh air tùs le làimh an Uile-chumhachdaich, oir tha iad gu léir atogail dearbhadh làidir air cumhachd agus air gliocas neo-chrìochnach, neo-mhearachdach an Ti àrd a rinn agus a dhealbh iad gu léir, agus a ta, a latha agus a dhoidhche afaire thairis orra agus afreasdal doibh gu léir. Ge sàmhach, ciùin tha iad atriall; ged nacheil guth no comas cainnt aca,

Gidheadh le cluasaibh tuigse ghlic
Cluinnear am fonns an ceòl gu tric,
Aseinn gun tàmh air feadh gach linn,
Is tusa, ’Dhia, a chruthaich sinn! ’”

Mar so tha na nèamha afoillseachadh glòir Dhé, agus na speuran anochdadh gnìomhara a làmh; achs duilich a smaointeachadh ciamar thainig Iodhol-Aoradh a stigh, agus a chinn e co chumanta, choitchionn air feadh an t-saoghailgidheadh chaneil eachdraidh againn air aon rìoghachd air uachdar an t-saoghail nach do thuit anns apheacadh nàr so. Biad na ceud diathan-briége lòchrain àrd nan speur; ’na dhéigh sin rinn amaideachd dhaoine diathan-bréige do spioradaibh ghaisgeach agus dhaoine cumhachdach a


[32] dhfhàg an saoghal so, agus mu dheireadh, o cheum gu ceum, rinn iad diathan-bréige do dhiomadh seórsa bheo-chreutairean anns amhuir agus air tìriasgan, beathaichean, eunlaith, agus creutairean snàigeach agus puinnseanta. Tha soabh-chràbhadh luchd-àiteachaidh Shasunn, na h-Eirionn agus na Gàidhealtachd soilleir o ioma ni tha sinn o latha gu latha acluinntinn gun bhismuainteachadh notuigsinn gu ro shoilleir ciod as ciall doibh. ’Sann diubh so LAITHEAN NA SEACHDUIN, no na-h- ainmeannan a thagainn anns aBheurla agus anns aGhàilig air na làithibh sin. Smuaintich sinn gun robh cuid dar luchd-dùthcha, math dhfhaoidte aineolach air seadh nan ainmeannan sin, agus leis nach bu mhisde fiosrachadh aithghearr fhaotainn mun déibhinn.

Air tùs, DI-DOMHNUICH an t-aimm cumanta air latha na sàbaid. Feòraicheamaid ciod is ciall don fhocal Di thadol roimh ainm àraid gach latha. ’S airidh air ar mothuchadh gun robh solus an latha anns gach rìoghachd o shean, ’na shamhladh air an Ti ghlòr-mhoir a chruthaich gach . Anns an Laidinn obheil co iomad cainnt eile iar teachd, ’se Dies a thaca air son latha; ’se Deus a thaca air son Dia. ’S ann á so tham focal Beurla, Day, iar tighinon Laidinn Deus, no Dia saGhàilig. Than lathana shamhladh ro fhreagarach air an sin anns nacheil dorchadas sam bith, thasoilleireachadh agus ablàiteachadh an t-saoghail; asgapadh shochairean agus sòlais air feadh gach cearna dhe. Anns aGhàilig Albannaich, agus Eírionnaich, tham focal so Dia no De, no mar deir sinn air Gàidhealtachd Alba Di air a chur roimh ainm gach lathaDia no Di-dòmhnuichDi-luainDi-màirt, &c. Gun teagamhsann o na Rómanaich a fhuair sinn am focal so Di, —a thadol roimh ainm làithean na seachduinclaonadh aithghearr air an fhocal Laidinn, Dies, aciallachadh latha. —Di-dòmhnuich, ’se sin latha-dòmhnuich. Tha am focal so, Dòmhnach, ateachd o fhocal Laidinn, aguss iad na Criosduidhnean a thug an t-ainm so air ceud latha na seachduin, oir cha be so a bainm dha o thùs ann an Eirinn, ni ann an Albainn, ach Di-sùl no Dia-sùlsùl, on fhocal Laidinn, Sol, aghrian, —latha na gréine, no, mar their iadsan Laidinn, Dies-Solis, no, saBheurla, Sunday. ’S ann on fhocal so, Sol, no, Sul, ainm na gréine, thainig am focal, sùil, oirs in t-sùil grian na colunn. Be so matà, ceud ainm Eirionnach agus Gàidhealach an latha so, Dia-Sùl, ceart mar Dies-Solis an Laidinn, agus Sunday na Beurla; ach dhatharraich na Criosduidhnean an t-ainm Paganach so agus thug iad ainm ùr air an latha, ’se sin Di-Dòmhnuich. A nis, ciod is ciall don fhocal so, Dòmhnach? Chan fhaod e bith nach focal Paganach, ana-creideach, ana-criosdail a thann, oirs aithne dhuinn cuid do dhaoine aineolach saGhàidhealtachd agus cuid do mhinisteirean, a chuireas sgraing orranuair chluinneas iad Di-dòmhnuich atighn á beul duine, mar gun cluinneadh iad droch fhocal; agus tha cuid de Mhaighstirean-sgoile Gàidhealach feadh ar dùthchathigeadh thairis air ainm an fhir nach abair mi co luaths a theireadh iad Di-dòmhnuich— “Latha na Sàbaid,” arsiadsan. Mo thruaighe


[33] na h-ùmpaidhnean bochda! ’Sen dara h-ainm gu mór as freagaraiche nan t-ainm eile. Se Latha-na-Sàbaid an t-ainm Iudhach, ainm latha deireannach na seachduin, ’s ni h-e ceud latha na seachduinlatha naomha nan Iudhach, agus ni h-è latha naomh nan Criosduidhnean. Ciod ls ciall do Dhi-dòmhnuich? Bheir mi dhuit e san Laidinn, Dies-Domini, Di-dòmhnaigh, ’se sin Dino latha, an Tighearna, no saBheurla, The Lord’s Day,acheart ainm a thug deisciobuil Chriosd air an lathaainm an t-soisgeiloir chaneil san fhocal so Dòmhnuich ach am focal Laidinn, Domini, a thug na ceud Chriosduidhnean a stigh, air ruith gu Gàilig, ceart dìreach mar ni cuid do dhaoine seòrsa Gàilig do gach focal Beurla thignan rathad. Di-Dòmhnuich, ’am briathrabh eile Lathan Tighearna,— ’s ionann sin agus Dies-Domini san Laidinn, no, the Lords Day saBheurla. Tha dòchas againnna dhéigh so nach bi uiread oillt air cuid a dhaoine roimhn ainm so, oir chan ionann idir e agus Sunday anns aBheurla.

DI-LUAINChan fheum an t-ainm so móran mìneachaidh, Dhinnis mi dhuibh gum be acheud ainm a bhaig muinntir Bhreatunn air ceud latha na seachduin, Di-Sùl, ’se sin latha na gréine, oir bighrian cuspair aoraidh a bàirde bha aca, agusna h-easbhuidh sin, aghealach. Tha fios aig cuid agaibh gur h-e ainm an latha so Di-luain, san Laidinn Dies-Lunælatha na gealaiche, oirs focal Laidinn, Luna, aciallachadh na gealaiche, air chors gur h-es ciall do Dhi-luain anns aBheurla, Moon-day, (Monday)latha na gealaiche. Rinn ceud luchd-àiteachaidh na rìoghachd so aoradh don ghréin agus don ghealaich fo shamhlaidhnibh air am bheil dealbh againn fhathast ann an cuid do sheann leabhraichibh.

DI-MAIRT. ’Sen t-ainm Paganach a thagainn fhathast air an latha so. Thainig enuas dar n-ionnsuidh o na Ròmanaich, oirs ainm Laidinn a thann, DIES-MARTIS; an neach sin ris an abair na Rómanaich agus na Paganaich, Mars, be dia achogaidh eìodhol bréige bha aig na Cinnich bhorba sin. Tha fios agaibh gur hen t-ainm tha aca saBheurla air an latha so, Tuesday.Chum so a thuigsinn thugaibh fainear gur h-iad na Saxons, no mar their sinne, na Sasunnaich, a thainig thairis oirnn as aGhearmailt, a thug am focal so nall leò. ’Se Tued, no Teud, an t-ainm a thaca air iodhol achogaidh no air Mars air tir-mór na h-Eòrpa, agus gu h-àraid saGhearmailt. ’S ann o so a bhan t-ainm TEUTONES orra, agus an cainnt TEUTONIC; oir be TEUD dia mór na rìoghachd sin, agus thug iad mar ainm do threas latha na seachduin Teud’sday no mar their sinn le atharrachadh beag saBheurla, Tuesday: ach sheas luchd-àiteachaidh na h-Eironn agus Gàidhealtachd Alba ris an t-sean ainm Ròmanach Di-màirtDies-Martis.” Lean luchd-àiteachaidh na h-Olainde na bfhaide na rìoghachd sam bith eile air aoradh a dheanamh don iodhol Teud agus is ann o so tha iad air an ainmeachadh Tuidsich no Dùidsich, an luchd-aoraidh aig Teud.

DI-CIADAIN, no mar their sinn saBheurla, Wednesday.Tha fios cinnteach againn ciod is ciall don fhocal so. ’Sann o na Saxons agus ni h-ann o na Rómanaich a


[34] fhuair sinn am focal so. An déigh do na Rómanaich pilltinn dachaidh dan dùthaich féin, thainig na Saxons (na Sasunnaich) a nall o thir-mór na h-Eòrpa, gu h-àraidh on Ghearmailt agus chuir iad cuid mhór don rìoghachd fòdhpa. Thug iad an cleachdainnean féin a stigh, agus an t-iodhol-aoradh a chleachd iads na cearnaibh as an dthàinig iad. Be WODEN an t-iodhol urramaichte aig na Gearmailtich gu léir agus na Sasunnaich a thainig thairis as na dùthchanna sin. ’S e sin an t-ainm a ta gu tric airaithris ann an dána Oisein, (Odin) far abheil sinn gu tric aleughadh mu thalla Odin, agus sgiath Odin. Ann an riòghachdan na h-airde-tuath, anns an t-Suain agusam measg nan Lochlannachse Odin no Iadon an t-iodhol a bàirde; agus tha dàna nan dùthchanna sin adeanamh iomad iomradh air. ’S ann o so a thuigeas sinn ciall an fhocail so Di-Ciadain. Tha fios agaibh nacheil an litir W, ra faotainn saGhàilig, agus béiginn doibh uime sin, C, a churna h-àiteDi-Ciadain, no mar their iad saBheurla, Woden’s day no, Wednesday.Tha iomad àite feadh na Gàidhealtachd air an ainmeachadh as déis Odain. Ann an Lagan Locha-buidhe ann am Muile, tha Uamh-Odain agus tha iomad iomradh air ann an sean eachdraidh na h-Eirionn agus Gàidhealtachd na h-Alba.

DI-ARDAOIN no Di-thordainagus mar their iad saBheurla Thursday,san t-seana Bheurla Thor’sdaylatha THOIR.

S ann a nall on Ghearmailt, mar an ceudna, fhuair sinn an t-ainm so.

Do réir eachdraidh na Gearmailt agus nan rìoghachdan tuathach, be TOR mac ODAIN, agus be so an t-iodhol a bairde bha aca air fad. Ann an dealbh a thagainn de ann an seann leabhraichibh, tha e air a nochdadh dhuinnna shuidhe air cathair-rìoghail àrd agus coron òir air a cheann; agus chaneil teagamh air bith nach do chuir na Suainich na Lochlannaich, &c. gu bàs cuid dan leanaban féin mar ìobairtean don iodhol eagalach so. Bhan cóigeamh latha don t-seachduin air a choisrigeadh dhàsan agus airainmeachadhna dhéigh Di-Thornsan t-seana Bheurla, Thor’sday. ’S ann on iodhol mhór so thainig cuid do na h-ainmeannan tha cumanta saGhàidhealtachdam measg nam fineacha thainig do na h-eileana tuathach o Lochlann, mar tha Clann-Leòid. Tha gu h-àraid ainm aig achinneadh so a fhuair iad o Thor, ’s iad sin TORCULL no Tor-ghille, se sin gille Thoir; agus maraon TORMOID, no mar bu chòir a sgriobhadh, Tormond. ’Ses ciall don fhocal so Mond, sachainnt Lochlannaich, maol, no bhi as eugmhais fuilt air acheann. O shean, ’nuair a bàbhaist doibh òganach air bith a chur air leth nochoisrigeadh seachad do mhaighstir, bàbhaist doibh am fait a lomadh bhàrr a chinnmar so Maol-Moire, ’se sin gille-MhoireMaol-Chalum, ’sesin gille-ChalumMaol-Phàdruig, ’se sin gille-PhàdruigMaol-Chiarain, gille-Chiarain: achan àite maol, focal Gàidhealach, tha acam measg nan Lochlannach, Mond, aciallachadh an ni cheudna. Tor-mondse sin maol no gille Thoir, agus iomadh ainm eile don t-seòrsa cheudna. O so tuigidh sibh gur hes ciall do Dhi-ardaoin, latha Thoir, no Di-Thorna, an cóigeamh latha don t-seachduin air a choisrigeadh don iodhol eagalach, TOR. Air tir-


[35] mór na h-Eòrpa tham focal so air a sgrìobhadh, Thordan, air alts gu bheil so amìneachadh dhuinn cionnas a than cóigeamh latha airainmeachadh Di-Thordain. ’S ann on fhocal so, TOR, tha torrunn agus tàirneanach ateachd; oir, a réir eachdraidh nan rìoghachdan sin, be TOR dia an dealanaich agus an tàirneanaich aguss ann uaithe thainig ainm an Tàirneanaichnar n-ionnsuidhTor-neanach, ’se sin fuaim no obair Thoir: ceart mar be Jupiter dia an Tàirneanaich aig na Ròmanaich; agus thug iad Jupiter Tonans air, no Jupiter an tàirneanaich, mar ainm, agus is airidh air ar beachd, ann an seann leabhraichean Beurla tha fhathast maireann gur h-es ainm don latha so, Thunder’s day,lathan Tàirneanaich, an latha thair a choisrigeadh do THOR, righ an Tairneanaich.

DI-H- AOINE, an sèathamh latha, ris an can iad saBheurla Friday.Ciod is ciall don fhocal so? Air tùs mothuicheamaid gum ben t-ainm a bhaig na Rómanaich air an latha so Dies-Veneris, the day of Venus no mar a sgrìobhar e saGhàilig, latha Bhénuis, oir chaneil an litir V, againn saGhàilig, agus tha Bh aseasamhna h-àite. Bi Bhénus bain-dia aGhaoil agus gach suirdhe agus neo-gheanmnuidheachd, agus bhan sèathamh latha don t-seachduin air a choisrigeadh dhise. Tham focal so Bhenus ateachd o fhocal Gàidhealach, Bean, air chor agus gur fior Ghàilig an t-ainm Laidinn Dies-Veneris, latha na mnathaDi-bheana; agus tha sinn aleughadh gum be sin gun teagamh ceud ainm an latha soam measg nan Eirionnach agus seann luchd-àiteachaidh na Gàidhealtachd. Ach ciod an cairdeas tha eadar sos an t-ainm tha aca saBheurla, Friday?Innsidh mi sin. Ben t-ainm a bhaig na Saxons a thainig a nall o thir-mór na h-Eòrpa air Venus, be sin Freia, no aBhean; air alt agus gur h-e seadh an fhocail so Friday,latha Freia no Feria, —latha na mnatha; air neo a réir an t-sean ainm Eirionnaich agus Ghàidhealaich Di-Bheana. Tha cuid asmaointeachadh nacheil san fhocal Di-h- aoine ach acheart ainm a bhaig ar sinnsir air, mar thuirt mi cheana, Di-Bheana, (Dies-Veneris nan Romanach) ach tha mi asmaointeachadh o nithibh a leugh mi ann an seann leabhraichibh Eirionnach, gu bheil seadh eile aig an fhocal so, di-h- aoine; agus gur h-iad na ceud Chriosdnean a thug an t-ainm so dha, direach mar a dhatharraich iad Di-sùl gu Di-dòmhnuich, latha na gréine gu latha an Tighearna. Anns gach Foclair Gàilig chì sinn gur es ciall don fhocal aoine, trasgan latha air na ghléidh na Criosdnean trasgan latha air am bheil na Pàpanaichga chumail fhathast: air chors gur h-es ciall do dhi-h- aoine, latha an traisg. ’S e Aoine na Ceusda, ainm an latha ris an abair iad saBheurla Good-friday.Tha dòchas agam gun drinn sinn ainm an latha so soilleir dhuibh— ’Am measg nan Romanach Dies-Vèneris, latha Bhénuis— ’am measg nan Saxons, Dies-Freia, ’se sin Friday nan Sasunnach, agus gus an latha diughsen t-ainm a thaig na Dùidsich air mnaoi mhóir Frau no Frow. ’Se ainm an Di-h- aoine acasan, DIES-FRAU: —latha na MNATHA MÓIRE, latha an traisg; agus tha an trasg mar chuimhneachan air an latha air na cheusadh ar Slànuighear.

DI-SATHUIRNE. ’S ann o na Rómanaich a fhuair sinn an t-ainm so. Be SATURN a h-aon do na h-


[36] iodhoil mhóra acasan; agusse ainm an latha so aca sin, DIES-SATURNIDI-SATHUIRNE, an latha bha air a choisrigeadh thairis don iodhol thruagh so.

Mar so tha sibh afaicinn gun robh aig na daoine aineolach on dthàinig sinn, seachd diathannan-bréige urramaichte os ceann chàich, agus thug iad an ainm do sheachd làithibh na seachduin mar onair dhoibh; agus tha am focal sin Di no Dia adol romhpa, a leigeil ris duinn gun robh na h-iodholan sinnan diathan aca.

Mar so bha iomadh dia-bréige aca, ach bha seachd gu h-àraid ann dan dthug iad urram sònruichte; agus thug iad an ainmeannan air seachd làithibh na seachduin.

1. AghrianSaBheurla Sunday
2. Aghealach Do. Monday
3. Mars, no, Teud, do. Tuesday
4. Woden, do. Wednesday
5. Thor, do. Thursday
6. Freia no Bhénus, do. Friday
7. Saturn, do. Saturday

title6
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text2
<< please select a word
<< please select a page