[36]

MU’N DRUCHD.

Is taitneach an an àm dol a mach samhaduinn, mu éirigh na gréine, beachdachadh air cùirneinean bòidheach an drùchd, aìr gach duìlleach agus bileag fheòir adeàlradh ann an gathaibh na gréine mar dhaoimeanan boillsgeil. ‘Nuair a dhéireas aghrian tha gach cùirnein diubh sin adol as an t-sealladh, agus than duilleach agus gach bileag fheòir atiormachadh suas; agus ma than latha tartmhor teth, fàsaidh an talamh a bha gu fiunnar tais samhaduinn, gu tioram crainntidh. Ach a rithistnuair a théid aghrian fodha tuigear gum bheil am feur agus an duilleach afàs tlàth, agus am fonn fiunnar.

Chan ann on fheur no on duilleach a than àitidheachd no an t-uisge tha deanamh suas an drùchd, ateachd; chan ann, mar shaoilear, a tha eg éiridh on talamh; is ann o tha eteachd a nuas on àile.

Nuair a chuirear coire làn uisge air an teine, fàsaidh an t-uisge uidh airn uidh, teth, agus tha toit ateachd a mach as an fheadan. Than toit so, a thana h-uisge ann an dreach eile, acoimeasgadh leis an àile agus air a call. Ma dhfhàgas tun coire air an teine, fàsaidh an t-uisge gu h-iomlanna thoit, caillear an toit air fad anns an àile, agus cha bhi a làthair ach an coire falamh.

Nan cuireadh tu càileiginn den toit ann an gloine, agus an sin taobh muigh na gloine fhuarachadh le bréid fliuch a chur ma timchioll, chitheadh tu gum fàsadh an toit a tha saghloinena h-uisge, a shruthadh sìos taobh a stigh na gloine.

Nuair a dheàlras aghrian, tha a teas do ghnà asùghadh suas an uisge on fhairge, o lochain, o aibhnichibh, agus o fheur; achs ann a tha ega dheothal suas ann an dreach ceò tana, no smùid. Ma sheasas tu ri taobh aibhne no lochain ri latha ro theth, agus beachd a ghabhail air cuspair dorcha sam bith, feudaidh tufhaicinn mar mhaoth-chrith san àile. ’Sann a than coslas so ag éiridh on toit a bhidireadh, agus chan ann on chrith a tha san àile. Chaneil amhaoth-chrith san àile, mar o shéide na gaoithe, ag oibreachadh atharrachaidh ann an coslas na chì thu troimhe. Chan urrainnear am fìor aobhar a shoilleireachadh, ach tha e fìor choslach ris an sin a bheir air maide dìreach amharc cam lechur fodha san uisge. Ma chuireas tu beagan uisge ann an soitheach, agusfhàgail


[37] sgaoilte ris aghrein ri latha teth, bithidh e air a shùghadh suas, no air a thiormachadh air an dòigh so, agus cha bhi e ra fhaicinn.

Tha, uime sin, an t-àile a tha os ar ceann agus gach ni mun cuairt duinn, agiùlan air gach àm mòran uisge; ach than t-uisge mar cheò no mar smùid thana. Fàsaidh an ceòthran so mar bha an smùid air a chur anns aghloine fhiunnair, ’na uisgenuair a chinneas e fuar.

Tha iomad ni adeanamh an àile nis teotha no nis fiunnaire air aon àm na air àm eile; ’sann as an teasnuair a thaghrian adeàlradh gu boillsgeil, agus as fiunnaire san fheasgar; tha e mar an ceudna airfhuarachadh leis an t-soirbheas. Mar is fuaire an t-àile, is ann as a chithear an àitidheachd. Mureil e ach fiunnar, chì thun t-uisge anns an àile ann an dreach ceò; ma bhitheas e ro fhuar, ’nuair bhitheas àiteachd san àile, cruinnichidh neòil dhorcha, no uisge; agus feudaidh so tionndadh gu reothadh no clacha-meallain, ni a dhfheudas a rithist leaghadh le teas chum uisge, agus an sin a bhi air a thionndadh gu smùid, gu ceò, agus a rithist air a chall anns an àile.

Nuair a bhios drùchd tróm ann, their daoine gum bi latha teth ann am màireach. Mar as soilleire an t-àile san oidhche, no mar is ainmige na neòil, is ann as pailten drùchd. Air oidhche sam bi móran neul cha bhi ach beag drùchd ann, oir tha na neòilnan iompaidh air an talamh a ghleidheadh blàth, agus a chionn nach biodh an talamh co mór airfhiunnarachadh, cha bhiodh na h-uiread uisgair socrachadh air on cheò a tha air an àile.

An lorg so tha aon ni feumail san aimsir is teotha agus is tirme, mar as a thuiteas de dhrùchd nodhealt san oidhche, ’s ann as fearr a gleidheas e gach pòr agus luibh o bhi air an tiormachadh suas. ’Nuair a tha neòil agus uisgann, cha bhi feum air an dealt, agus air oidhche ghruamaich, theirear nach bi drùchd ann.

Le imeachd a machan âm reothaidhs minic a chì sinn gach preas agus meanglan còmhdaichte le liath-reothadh. Chaneil san liath-reothadh ach drùchd air reothadh. Tha na craobhan, am feur, agus gach air abhlàr-a- muigh anabarrach fuar, agus chan e amhàin gun toir e air uisge luidhe orra on àile mar dhrùchd, ach reothaidh se enuair a shocraicheas e orra.

P. M.

title7
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text2
<< please select a word
<< please select a page