RABHADH CUDTHROMACH!
Tha ann am monaidhnean na Gaidhealtachd an ceart-uair, seorsa de nathair mhilltich, is bàsmhoire gu mór, agus is puinnseanta na aona chuid, an nathair nimhe, no an ’nathair bhreac shligneach.
A chum gu’m biodh mo luchd-dùthcha ionmhuinn air am faicill roimhpe ìnnsidh mi dhoibh a coltas, agus ma thachras gu’n lot i neach ciod an leigheas a’s fearr.
Tha i’m bitheantas de mheudachd mhóir, ach tha ’n t-àlach, cia air bith cho òg agus cho beag, a cheart co nimheil ri’m pàranta. Tha dath ruadh oirre, agus tha i’m bitheantas r’a faicinn ’na cuaich eagalaich dlù do shruthana agus do lochana, a’ faire, feitheamh am faic i neach a’ dol a dh-òl dibhe! Chunnaic mise, Mactalla, i ’leum air iomadh neach, agus chuir e gairisinn air m’ fheòil. Cha luaithe lotas i aon na ’chailleas e ’chiall! chithear a shùilean dearg a’ seasamh ’na
Chunnaic mi seann duine còir, a chiabhan air liathadh, ’s na deòir le ’shùilibh a’ feuchainn r’a mhac, gille-òg tlachdmhor a chaidh a lot le aon diu, a chumail gun dol do’n àite cheudna ’rithist; rug a mhac air—thilg e air a dhruim air an talamh e, agus mun d’ thàinig cóig uairean, thainig e dhachaidh air a lot as ùr! ’S gann gu’n ruig mi ’leas ìnnseadh gur h-i ’n nathair so cliath na poit-thàirne.
AN GAEL ANNS A’ BHAILE.
title | 8 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 2 |