ORAN.
A rinneadh le duin’ āraid d’a chéile ar dha dealachadh rithe car ùine beagan ’an déigh dhoibh pòsadh.
Ma bheir mi sgeula
Dhuibh mu m’ chéile,
Gur e ’h-eugasg
Maduinn chéitein
Mu ghrian-éirigh,
Maiseach, ceutach, Flathail, éibhinn,
Milis, sèimheil, àgh-chruthach.
Milis, &c.
’M bi na speuran
Glan o neulabh;
’S gach beò-chreutair
’Dh-easbhuidh éislein,
S am bi éideadh
Nuadh air sléibhtibh, srath a’s réidhlein;
’S air gach géig binn-chlàrsairean.
’S air, &c.
Mar am faillein
’Am measg chrannabh
’Dh’ fhàs gu fallain,
Dìleas, daingeann,
Nach crìon gaillionn,
Ach sìor earrach a’ cur barraich
Uaine ’s gean gun fhàillinn air
Uaine, &c.
Mar a’ ghealag
’S fìor-ghlan lainnir,
A’ toirt barrachd
Air iasg mara,
Tha mo M hali
’S uaisle ceanal, suairce geanail,
’Am measg bhan ion-ghràdhaichte
’Am measg, &c.
Mar shoillse gealaich’
Do ’n a mharaich’
A bha tamull
Fad’ o fhearann,
Tha mo M hali-
Sa d’ a leannan, ’fògradh smal uaith’
’Tigh’n ’na char ’s fiamh-ghàir’ oirre.
’Tigh’n, &c.
Mar dhrùchd meala
Anns an earrach,
Cùbhraidh, fallain,
Do’n ùr fhaillein,
Mar chiùin dhealta
Do’n mhìn ghlas-fheur, tha deagh-chleachdadh
’Cur gu pailt gach àilleachd oirr’,
’Cur, &c.
Measg nam maighdeann
Bu tù ’n doimean
S gile soillse
’S gloine foinneal,
Deàlrach, boillsgeil,
Bainndidh caoimhneil, greannar, sgoinnmhor,
’S i gu loinnmhor stàdhantach.
’S i gu, &c.
’Measg nan òg-bhan
Gur ì ’s bòidhche
Theid ’an còmhdach,
Ceutach òrdail,
Té gun mhòr-chuis,
Gleusta stòlda, ’s beusach nòsan,
Spéiseil, còir, neo-àrdanach.
Spéiseil, &c.
A’s meallaich’ sùil
Fo mhala chiùin,
’S a’s maisich ’gnùis;
A’s dualaich’ cùl,
Le geal-dheud dlùth
’M beul meachair cùbhr’; a’s grinne ’n gùn;
’S o ’sàil gu ’crùn gun fhàillinn oirr’.
’S o sàil, &c.
’S iomadh òigfhear
A bha deònach
A bhi pòsda
Ris an òg-mhnaoi;
Ach ’s ann dòmhsa
’Thugadh còir oirr’ leam cha bhròn e,
S cha’n aindeòin leam gràdh thoirt di.
’S cha’n, &c.
Tha mo smaointean
A’ ruith daonnan
Chum an taobh
A ’bheil an fhaoileag,
Thar na gaothan
San la fhaoiltich, ’s tha mi ’saoilsinn
Nach dean aon ni fàireadh oirr’.
Nach dean, &c.
Mo chion ’s mo rùn
A’ chruinneag chùl-donn,
’S bean gun smùr i,
Beathail sùnndach
Dreachmhor, cliùìteach,
Gu neo-dhùbailt’; té gun chùl-chainnt,
Fialaidh, fiùghail, pàirteachail.
Fialaidh, &c.
Mo ghaol a’ chuachag
Smiorail uasal,
Cheanalt’, stuama,
Bhanail, bhuadhach,
Gheanail, shuairce,
Té gun ghruaman, té gun uabhar
Té gun fhuachd gun ghàbhalachd.
Té gun, &c.
’S cian s is fada
Mi o d’ chaidreamh!
’S beag mo chadal,
’S luaineach m’ aigne,
’S luaith’ air astar
Air chuan farsuing i na sneachda
’Siubhal seach air àrd-bheannaibh.
’Siubhal seach, &c.
’Fhir a shiùbhlas
Air chuan dù-ghorm
Nan tonn siùbhlach
’S nan long stiùrach,
Thoir mo dhùrachdsa,
Gun chùnadh, leat g’a h-ionnsuidh,
’S na bi diùid no sgàthachail.
’S na bi, &c.
title | 9 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 2 |