ORAN.
Air a thionndadh o’n Bheurla.
AIR FONN—“An’ sae will we yet.”
A luchd-comuinn mo rùin suidhibh sùnndach mu’n bhord,
’S na biodh cùram an t-saoghail ach faoin a’ cur òirnn,
Biodh ar cridheachan gun ghruaim, sinn gun smuairean gun smal,
Bho na fhuair sinn riabh ar fóghnachduinn mar dh’ fhòghnas gu’m faigh.
Mar a dh’ fhóghnas gu ’m faigh, mar a dh’ fhóghnas gu ’m faigh,
Bho na fhuair sinn riabh ar fóghnachduinn’ mar dh’ fhóghnas gu’m faigh.
Cuir an còrn suas fo stràchd do’n liùnn làidir nach fann,
Chuireas slàint’ anns na pòraibh ’us sòlas ’nar cainnt,
Bu ghnà leinn bhi ri cridhealas ’nuairshuidheamaid mu n drm,
’S com nach òl sinn cuach mar b’ àbhaist duinn o’n thàrladh dhuinn ann;
Bho na thàrladh dhuinn ann, bho na thàrladh dhuinn ann,
Com nach òl sinn cuach mar b’àbhaist duinn o’n tharladh dhuinn ann.
Olam slàint’ air an tuathanach a’s buaidh air a’ chrann,
Agus duais da ’na ghniomh o thùs bliadhna gu ’ceann;
Mar thig àm cuir ’us buana mu’n cuairt oirnn gun fheall,
Gheibh gach neach mar tha san dàn da ’s cha bhi fàillinn duinn ann;
Cha bhi fàillinn duinn ann, cha bhi faillinn duinn ann,
Gheibh gach neach mar tha san dàn da ’s cha bhi fàillinn duinn ann.
Le deadh rùn agus càil òlam slàint’ air an Righ,
Agus buannachd air ’arm-fheachd air fairge ’s air tìr;
Aig lìonmhorachd nan nàimhdean ri h-àm dol san strìgh,
Bhiodh aig Breatunnaich buaidh-lârach ’s mar a b’ àbhaist gu’m bì.
Mar a b’ àbhaist gu’m bi, mar a b’ àbhaist gu ’m bì,
Bhiodh aig Breatunnaich buaidh-làrach ’s mar a b’àbhaist gu’m bì’.
Airdghobhar, 1836. E. M.
title | 10 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 3 |