MU AINMEANNAN MHIOSAN NA BLIADHNA.
Tha sinn a’ tairgseadh móran buidheachais do Mhr. P. Friosal ann an Inbhirnis airson ioma fiosrachadh a thug e dhuinn mu’n chúis so, agus a ta sinn a nis a’ foillseachadh.
Thug sinn oidheirp a chionn ghoirid air mìneachadh a thoirt air ainmeannan làithean na seachduin, agus tha sinn a nis ri oidheirp a thoirt air ainmeannan nam mìosan a mhìneachadh. Cha robh sinn riamh toilichte leis an dòigh air am bheil mìosan na bliadhna air an sgrìobhadh sa’ Ghàilig—mìos deirannach a’ Gheamhraidh—ceud mhìos an t-samhraidh &c. Cha ’n eil teagamh air bith nach robh ainm Gàidhealach aig gach mìos sa’ bhliadhna ged a chaidh iad ’an càileiginn air dì-chuimhn. Tha cuid diubh againn fhathasd, cuid eile r’am faotainn ann an seann leabhraichean, agus tha cuid air chleachdadh fhathasd ann an Eirinn.
I. JANUARY,ceud mhìos na bliadhna sa’ Bheurla, mìos deireannach a’ Gheamhraidh. Tha ainm ro fhreagarach againn airson a’ mhìos so, àm gairdeachais anns
II. FEBRUARY,an dara mìos, ceud mhìos an Earraich agus mìos a’s giorra sa’ bhliadhna. ’Se sean ainm a’ mhìos so AN GEARRAN, gèarr ùine, am mìos a’s giorra.
III. MARCH,an treas mìos, dara mìos an Earraich, Am Màrt, mios a’ Mhàirt. So an t-àm de’n bhliadhna anns am bheil cùram, faicill agus faire feumail a thaobh gach beò-chreutair a ta ’n earbsa ri mac an duine—an t-àm a’s laige tha iad, tròm le àl—tha na lusan maoth a’ brùchdadh a mach—tha crodh a’s caoirich agus capuill ’am feum cùram agus aire àraid, agus mur faigheadh iad an cùram faicilleach so cha’n eil teagamh nach bàsaicheadh móran diubh anns na cearnan fuara d’ am buin sinn. Uime sin ’s ro fhreagarach an t-ainm a th’ againn air a’ mhìos so, Mìos a’ Mhaith-Fheairt, ’se sin mìos an deagh chùram, mìos an deagh aire, air a ghiorrachadh gu mìos a’ Mhàirt
IV. APRIL,an ceathramh mìos, mìos deireannach an Earraich. Tha sean ainm againn fhathast air mhairionn airson a’ mhìos so, An Giblinn, ’s e sin r’a ràdh, An gioball ùine Tha ’n t-ainm so air a thoirt o na focail Gioball—Inneil no Buill acfhuinn, agus beartan a dh’ oibreachadh an fhuinn, caibeachan, croinn arain &c.&c. agus an ùine anns a’ bheil iad sin feumail—mìos anns a’ bheil daoine ’tòiseachadh ri ruamhar agus treabhadh, &c.
’Se ’n t-ainm a th’ aca sa’ Ghàilig Eirionnaich air a’ mhìos so an ceud-ùine, no mar their sinne, an céitein, ’nuair tha na craobhan agus na lusan a’ brùchdadh a mach agus a’ tòiseachadh ri fàs.
V. MAY,an cóigeamh mìos, ceud mhìos an t-samhraidh, AM MIOS Màigh, no Bealltainn. Tha ’m focal so Màigh a’ teachd o dhà fhocal tha air ruith ’na chéile, Math aoidh, mìos a’ mhaith-aoidh, se sin mìos an deagh choltais, an deagh aoidh, air a ghiorrachadh gu Mìos Màigh. Cha ruigear a leas seadh an fhocail eile, Bealltainn a mhìneachadh, ’se sin ùine no àm Bhéil. B’é Bel dia mór nan cinneach, ìodhol-bréige na dùthcha mun d’ thainig solus an t-soisgeil ’nam measg; agus fo ainm an dé-bhréige so bha aoradh air a dheanamh do’n ghréin. Air latha Bealltainn bha teintean air an lasadh air mullach gach beinne agus air ionadan nochd eile mar urram do’n dia so, agus is ann o’n t-seana chleachdadh so tha’n t-ainm Bel-teine no Bealltainn air a thoirt air a’ mhìos so.
VI. JUNE,an sèathamh mìos, mìos-meadhoin an t-samhraidh. ’Se sean ainm a’ mhìos so A’CHIUINE ainm fìor fhreagarach, mìos na sàmhchair agus na sìth.
VII. JULY,an seachdamh mìos, mìos deireannach an t-samhraidh. ’Se sean ainm a’ mhìos so an T-IUCHAR; ann an cuid a dh’ àiteachan their iad am Futhar.
VIII. AUGUST,an t-ochdamh mìos, ceud mhìos an fhogharaidh. Tha ainm Gàidhealach againn air a’ mhìos so, AN LIUNASDUINN no an Lùnasdal, ’se sin an ùine a lìonas, an t-àm am bhéil an t-arbhar a’ lìonadh agus ag abuchadh.
IX. SEPTEMBER,an naothamh mìos, mìos-meadhoin an Fhogharaidh. ’Se sean ainm a’ mhìos so SULT UINE, ’se sin an t-àm anns am bheil gach beò-chreutair sultmhor, anns an staid a’s airde thaobh reamhad agus meudachd; agus an t-àm anns am bheil gach seòrsa barra abuich agus làn, deas chum a ghearradh a sìos.
X. OCTOBER,an deicheamh mìos, mìos deireannach an fhogharaidh. Tha ainm Gàilig againn air a’ mhìos so a ta ro fhreagarrach, AN DAMHAIR, air a tharruing o dha fhocal Damh agus Dàir, àm na Dàmhair no na Dàra aig a’ chuid a’s lìonmhoire de bheathaichean, agus àm a’ chladh aig a’ bhradan, aig na samhnachain, agus ioma seors’ éisg eile.
XI. NOVEMBER,An t-aona mìos deug, ceud mhìos a’ Gheamhraidh. ’Se ’n t-ainm Gàilig air an àm so’n bhliadhna AN T-SAMHUIN, ’se sin an tàmh-ùine no an t-sàimh-ùine, anns am bheil daoine ’leigeil an sgìos an déigh obair an t-samhraidh agus an fhogharaidh.
XII. DECEMBER,An dara mìos deug, mìos-meadhoin a’ Gheamhraidh. ’Se ’n t-ainm Gàilig air an àm so, AN DUMHLACHD no an DUDLACHD, air a tharruing o dhùmhlachd an t-sneachda agus dùdlachd na h-aimsir mu’n àm so.
Anns a’ chùnntas so cha ’n ion duinn a smaointeachadh gu bheil na h-earrannan air am bheil ainmeannan Gàilig, a’ tòiseachadh air a’ cheud latha agus a’ crìochnachadh air an latha mu dheireadh do na mìosan a réir nan ainmeannan Beurla—Tha na h-ainmeannan Gàilig anabharrach sean, agus rinn na Goill ioma mùthadh o àm gu h-àm anns na riaghailtean so. ’Sann sa’ mhìos-mhàirt a bha ’bhliadhna ’tòiseachadh o shean.
C. C.
title | 11 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 3 |