[68]

EILEAN IRT.

A Theachdaire,

Cha sgrìobhadair ach leughadair mise mar as trice. Gu dearbhs math, a bhaist sibh e anTeachdaireoir tha etoirt eòlais agus fiosrachaidh do gach seòrsa dhaoine, gidheadh tha dream beag ann nacheil atoirt spéis daach nam biodh sibhse air cuireadh thoirt doibh a dhionnsuidh a bhaistidhs ann a mholadh iad e.

Nuair a dhiarr duine àraidh air an ollamh urramach, Thomson, sgrìobhadh an aghaidh an Teachdaire, thuirt e, Cha dean mi sin gus am faic mi nis fearr ann an lamhan eile, rud nach fhacas fhathast. Bu duine ainmeil so aig an robh ceann mór glic tuigseach fòghlumte; mhol e an Teachdaire, agus on tha esan asiubhal a lathas a dhoidhche, thugadh luchd -ruin an aire nach beir e orra ann an dorchadas an inntinne féin.

Si an àithne fhuair ar ceud sìnnsir, “Sìolaichibh agus fàsaibh lìonmhor”, agus ged a bhrist iad gach àithne eile, ghléidh iad an so, oir tha an sliochd co lìonmhor ri gaineamh na tràgha.

Achna déigh sin uile tha eilean beag dlù dar tir far nacheil so atachairt mar ann an àiteachan eile, agus tha sin ro iongantach oir than t-eilean fallaintha buntàtacoircefeòilbainneeunlaithiasg agus aodach aca, agus Gàiligga labhairt, ach gidheadhan àite bhi dol an lìonmhoiread, ’s ann tha iad gu truagh alughdachadh. Anns abhliadhna so chaidh cha robh anns an eilein so ach ceithir fichead agus sèa-deug, eadar dhaoine, mhnathan agus chlann, àireamh móran nis lugha na bhann roimhe. Than t-eilean so fada mach air achuan ceithir agus da fhichead mile nis faiden iar na Uist. Chan eil comunn no dàimh aig luchd-àiteachaidh an eilein so ri dùthaich sam bith. Tha aon uachdaran os an ceann a thana rìgh, ’na bhreitheamh agusna mhinisteir. Chan eil lighiche, bean-ghlùine no maighstir-sgoilaca. ’Nuair a bhios cùirt, pòsadh, no tòrradh aca, bidh an Rìgh agus gach duine agus bean air an eilein cruinn còmhladh, agus tha na dleasnais sin air an coimhlionadh gu riaghailteach. ’S còir dhomh a nis ìnnseadh an dòigh air am bheil am pobull alughdachadh no acrìonadh as; direach trid an aineolais féin agus a bhi as eugmhais nam meadhonan a tha aig daoineile. Thachlann asiubhal no abàsachadh aig àm am breith no latha no dhan a dhéigh; —chan eil ach a h-aon ann an deichnear afuireach beò dhiubh no aruigheachd achóigeamh latha, Cho luaths a theid an leanabh a bhreith tha clùd cùrainn air a chur timchioll air anns am bheil e abàsachadh gun chomas solus an t-saoghail fhaicinn. Tha ministeir dìchiollach ann an Irt, ach chan eil ena chomas àite bean-ghlùine agus lighiche dheanamh. Nacheil e ro iongantachnuair tha luchd-riaghlaidh agus ministeirean acuimhneachadh agus acuideachadh uireasan agus aineolais dhaoine ann an rìoghachdabh eile, gun -chuimhnicheadh iad cor bochd am bràithrean anns an eilein bheag so.

title15
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text3
<< please select a word
<< please select a page