Eilean Bhóid, Mios deireannach a’ Gheamhraidh, 1836.
Buaidh-làrach do’n Teachdair ùr airson mar mhìnich e dhuinn an Dòmhnach agus iomad ni eile, gu h-àraidh mu àireamh ar luchd-dùthcha ann an Glascho a fhuair na cléirich onorach a mach, fo ordugh nam ministeirean urramach Gàidhealach. Cha b’ ionann ’s na cléirich dhubha bha againne ’n uraidh ann am Baile-Bhóid, a thill ’san anail san uchd ma b’ fhìor, agus ’se 150 na fhuair iad uile—fear 40—fear 20—fear 10, agus bha aon fhear ann a bha ’ga mheas féin anabarrach forghuiseach tapaidh, nach d’ amais ach air a h-aon! Ach ’nuair a thill a’ mhuinntir a dh’ innis an fhìrinn ’se fhuair iad còrr agus 1300 osceann cheithir-bliadhn’ -deug a dh’ aois. Tha dòchas againn nach fhada gus am faic sinn a’ bhirlinn ùr a’ dol tròimh na Caoil Bhódach agus bratach “Craobh-Sheanachais nan Gàidheal” ’na croinn arda. ’S ann an sin a theid i air thoiseach air na h-uile bàta-toite san tìr— ’s co ionann muir no monadh, rathad mór no creachann—cha bhi bàta mór no beag nach strìochd dhi ’nuair a chi iad a’ bhratach; ach tha fiuthair againn gu’n tadhail i san dol seachad agus gu’n faic sinn, mar thuirt “Eoghan a’ chaolais” an Teachdaire le sgòd an t-siuil mhóir ’na làimh. Cha bhi mise toileach no leth-thoileach mur toir e leis air bord an sgiùrsadair mór an Fhìrinn agus stràchd no dha thoirt mu na casan do na spùinneadairean a dh’ fheuch r’ ar fàgail gun eaglais gun mhinisteir mur rachamaid a suas do chnoc-an-Ra, nì nach dean sinn, no do dh’ eaglais ùr nan Neo-eisimealach; b’e ’n earb a chur ’an loch ar cur ann, ach tha eagal oirnn nach buail e glé ghoirt D. D. cha ’n eil fios aig “Eoghan” có ris an abair iad “C. C.” ach ’s ro-mhath ’s aithne dhuinne D. D. agus cha ’n ann air ’fheobhas. Tha ’n dubh-ghall a thainig as an airde-deas ciad uair na’s caoimhneala d’ ar luchd-dùthcha na esan. Nam bu Ghall no Dùidseach a bhiodh ann cha bu nàr e, ach fear a rugadh ’s a thogadh ann an tìr nam beann a dheanamh a leithid, ’s gnothuch nàr agus mi-nàdurra e; agus ’s ann duinne ’s ion a bhi taingeil nach ’eil tuilleadh ’na chomas; Thugadh sibhse ’n aire nach feuch e ri stad a chur air an Teachdaire o’n ’sann sa’ Ghàilig tha sibh ’ga chur a mach. ’S iad na balachain nach biodh toilichte nan tachradh sin. ’S mór a’ chùis-ghàire bhi ’gam faicinn mu ’n ghealbhan a’ leughadh mu Eóghan agus fear nan guidheacha móra, crotachan na Beinne ’s an tarbh, an t-Eirionnach ’s a’ mhuc, agus môran eile. Tha ’n dràsd fear an déigh ’n fhir a’ cur sìos ’ainm airson na craoibhe-móire aig Mactalla, ann am bùth Mhr. Glas, deagh charaid nan Gàidheal; agus o’n ’sann san fhìor Ghàilig a bhitheas i tha dòchas againn nach e eilean Bhóid a bhios air deireadh a cheannach bratach àluinn Mhic Illeathain do’n bhirlinn.
Ma ’s fiach a’ bheag no mhór dha so àite san Teachdaire ’s ro-mhath; agus mur a fiach cuiribh lasair dhearg ris. Is mi ur dearbh charaid.
An Gael Bódach.
title | 16 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 3 |