MARGAIDHNEAN.
Cha ’n eil móran mùthaidh annta so air a’ mhìos so, ach gu bheil an t-ìm Eirionnach ’s a’ mhuicfheoil shaillte ni’s daoire na tha iad am bitheantas.
Tha Mairtfheoil 4, 5, agus 6 sgillean a réir an t-seòrsa
Muiltfheoil 5, agus 6 sgillean a réir an t-seòrsa.
Laoighfheoil 7, 8, 9 sgillean a réir an t-seòrsa.
Muicfheoil 4, 5, am sgillean a réir an t-seòrsa.
am pùnnd beag nan sè-ùnsa-deug Sasunnach.
Tha na h-uighean ochd sgillean an dusan.
Tha ’Mhin a’s fear 2 sgillinn Shasunnaich agus an seòrsa ’s faigse dhi sin fichead sgillinn a’ chlach nan ceithir-pùinnd-deug de’n tomhas Shasunnach.
Tha prîs na h-uile seorsa bathair anns am bheil iarunn no seòrsa sam bith de mhiotailt ag ardachadh; agus ’se ’s aobhar air so na rathaidean iaruinn a tha iad a’ deanamh anns an h-uile cearn do Shasunn agus iomadh àite air Galldachd. Tha iad so a’ fàs anabarrach lìonmhor; agus ma rinn na bàtaichean-toite móran mùthaidh air gnothaichean na Gàidhealtachd, ni na rathaidean iaruinn, a rêir gach coltais móran tuillidh na sin air gnothaichean na Galldachd. Cha dean iad feum ach air àite còmhnard, ach có ’s urrainn a ràdhainn nach bi iad fhathast a’ cuairteachadh còrsa na Gàidhealtachd agus na Galldachd? Bheir sinn oidheirp air cùnntas thoirt mu’n déibhinn san ath Theachdaire.
title | 19 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 3 |