AN TAGHAIRM.
B’e so an seòrsa Druidheachd no Buidseachais bu ghràineala ’s a b’ eagallaiche bh’ air a chleachdadh sa’ Ghàidhealtachd anns na lìnntibh dorcha chaidh seachad. ’Sann ’an eilean Mhuile bha ’n Taghairm mu dheireadh air am bheil cùnntas againn, o chionn sheachd fichead bliadhna. B’iad Ailean Mac Eachainn agus Lachunn Odhar an dithis dhaoine a chleachd an gnè bhuidseachais so mu dheireadh. B’ ann a chlann-Leathain iad le chéile—dithis dhaoine co danarra dhàna, cholgarra ’s a bha air Gàidhealtachd Alba.
B’ann do chleachdainnean nan Pàganach an Taghairm—ìobairt oillteil air a tairgseadh suas do’n droch-spiorad, tre ’n d’fhuair iadsan a thairg i cead dà nì iarraidh air. ’S minic a chuala mi seann daoine ’an làithibh mo leanabachd ag aithris mu’n Taghairm agus chuir e oillt orm nach di-dhuimhnich mi ri m’ bheò.
B’i ’n ìobairt so Cat air a ròsdadh ris an teine fhad ’s bu bheò e, agus an sin fear eile chur ’na àite. Bha so r’a chumail suas fad cheithir làithean agus cheithir oidhchean, gun ghreim bìdh itheadh ré na h-ùine.
Thòisich an Taghairm air a’ mheadhon-oidhche eadar dì-h- Aoine agus di-Sathuirne, agus, a réir eachdraidh nan linnte dorcha sin, cha deachaidh iad air an aghaidh fada ’nuair a ghrad lìonadh an tigh le droch spioradabh fo riochd chat mhòra dhubha. A’ chiad chat a thainig a stigh, an déigh sùil eagalach fhiadhaich a thionndadh air an fhear a bha ’cur a’ bhior-ròslaidh air an robh ’n cat mu’n cuairt, “A Lachuinn Odhair ’ic-Nèill” ars’ esan “s dona ’n laimhseachadh so air cat,” ach bha mar fhiachabh airson a bha ’tionndadh a’ bhior-ròslaidh air an robh ’n cat mu choinneamh an teine gun diog a labhairt no aon fhreagairt a thoirt ciod air bith a chluinneadh e. Thainig cat agus cat a stigh gus an robh ’n tigh no’n sabhal san robh iad ris an obair oillteil so làn chat, agus mar a b’ airde ’sgreadadh an cat a bha ’ga ròsladh ’s ann a b’ àirde sgriachail agus sgreadail gach cait eile, gus fa dheireadh an robh ’n sgriachail eagalach so os ceann ni air bith a b’ urrainn duine sam bith a smuainteachadh.
Mu dheireadh thainig cat anabarrach mòr a stigh, agus dh’ innis e do Lachunn Odhar mur stadadh e air ball mun tigeadh Ceann-feadhna nan cat a stigh mach faiceadh e flaitheas gu siorruidh.
Fhreagair Lachunn, Ged thigeadh gach cat air thalamh agus gach spiorad as an droch-àite ’stigh nach stadadh e gus am biodh an obair réidh; gu’m fuirgheadh e air a’ chuid bu lugha gus am faiceadh e
Bha ’n Taghairm crìochnaichte air a’ cheathramh latha, agus an sin bha e air a cheadachadh dhoibhsan a thairg an ìobairt ghrànnda so an iarrtus a chur an céill. Bha Ailean air a chur fo eagal co uamhasach ’s nach b’ urrainn da labhairt. Mu dheireadh thuirt e, Beairteas; —ach bha Lachunn na bu danarra agus na bu dàine agus dh’ iarr e Beairteas agus Clann, —agus fhuair iad le chéile na dh’ iarr iad— ’se sin a dh’ aona chuid sgeul na dùthcha—bha iad le chéile ’nan daoine tapaidh a thaobh nòs an t-saoghail so agus chinnich e leò mar is tric a ni e leis na daoine ’s miosa. Bha Ailean ’na dhuine colgarra aindiadhaidh. ’Nuair bha e air leabaidh a’ bhàis, agus a chomhairlich a chàirdean da e bhi na earalas an aghaidh chleachdainnean Shàtain “Fhalbh!” ars’ esan “ma tha Lachunn Odhar a chaidh romham san aon àite, ’s ma tha claidheamh a’s biodag ann, air m’ fhocal cumaidh sinn ar cuid féin a dh’ aindeoin Shàtain ’s a chuid feachd.”
’S iomadh sgeul eagalach tha air aithris gu ruig an latha-diugh mu Ailean agus Lachunn Odhar ann an eilean Mhuile. Cha b’ fhiach iad tighin thairis orra, ach gu bheil iad a’ toirt sealladh dhuinn air staid na dùthcha anns na lìnntibh dorcha sin, nuair bha saobh-chràbhadh, aineolas agus dorchadas a’ cuairteachadh na tìre.
Tha a’ chlach air na shuidh Cluasmhór, ( ’se sin ceann-feadhna nan cat) air a comharrachadh a mach chum an la-diugh, agus athailt a h-ìnean fhathast anns a’ chloich, agus nì ’s iongantaiche gu mór na sin, tha iomad aon san dùthaich a tha ’ga làn-chreidsinn.
Bha Ailean Mac Eachainn air a thìodhlacadh ann an eilean I, agus tha a leac r’a faicinn fhathast, agus a chruth air a shnaigheadh air a’ chloich ’na làn éididh.
Tha sean eachdraidh na Gàidhealtachd ag ìnnseadh dhuinn gu’n d’ rinneadh an Taghairm tamull roimh ’n àm air na labhair sinn, le Mac-Dhómhnuill-Duibh, ceann-feadhna nan Camronach. ’Se ’n nì a fhuair esan bròg òir, a bha e ri chur air cois chlì gach aon d’a chuid mac, air an oidhche anns an rachadh a bhreith. Bha ’n seana chleachdadh so air a chumail suas o lìnn gu lìnn, ’an tigh Mhic-Dhomhnuill-Duibh gus na chailleadh a’ bhròg òir bliadhna Thearlaich ’nuair a loisgeadh a thigh. Fhreagair a’ bhròg òir do chois chlì gach mic a rugadh dha ach an t-aon, fear dhiubh aig an robh dà chois mhòra reamhar a thainig a thaobh a mhàthar, agus b’e so an t-aon fhear do’n teaghlach ard so a theich riamh roimh nàmhuid.
C. C.
title | 2 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 3 |