NAIGHEACHDAN.
Cha chuimhne leinn riamh cho beag naigheachdan a bhi air feadh gach dùthcha. Cha’n fhiosrach sinn gur fiach ni sam bith aithris ach an losgadh eagallach a bh’ ann an NEW-YORK, prìomh-bhaile America mu thuath. Bha ’n losgadb so anabharrach millteach; chaidh cóig ceud agus seachd ’ar fhichead de thighean a losgadh, a thuillidh air an ionad-mhalairt Dhùidseach agus té do na h-eaglaisean Dùidseach. Tha ’n calldach air a mheas mu thuaiream ceithlr muillein pùnnd Sasunnach. Gu fortanach cha deach móran dolaidh a dheanamh air sluagh. Cha ruig sinn a leas înnseadh nach buin am baile so do Bhreatunn, ged tha mòran malairt eadar an da àite, agus cha’n eil teagamh nach dean e pàirt dholaidh do mharsantan na dùthcha so.
Bha coinneamh agus cuirm anabharrach aig a’ Chomunn Oiseineach air an 9mh la deug; shuidh cóig fichead ’s a h-ochd deug aig bord na dìnnearach; ’s duilich leinn nach tiochd cùnntas orra san àireamh so ach chithear e san ath Theachdaire.
title | 20 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 3 |