FREAGRAIDHEAN D’ AR CAIRDEAN
Fhuair sinn litir ar caraid á Ceann Loch Làthaich, agus tha’n a “Gael anns a’ Bhaile” a’ gealltainn gu’n dean e suas cungaidh a leigheiseas teum na nathrach ruaidhe co luath ’s a gheibh e ùine. Is duilich leinn gu bheil an uile-bheist a’ deanamh na h-uiread dholaidh anns na cearnaibh sin. Tha cínnte gu’n rachadh i air bàinidh uile gu lèir mu âm na bliadhn’ ùire.
Cluinnidh an Tuathach Cuaileanach uainn san ath Theachdaire.
’S duilich leinn gu’n robh litir Aristides tuille ’s anmoch airson na h-àireamh so; ach chuir sinn a bheannachd a dh’ ionnsuidh Eóghain a’ chaolais mar a dh’ iarr e oirnn.
Fhuair sinn litir a’ “Ghaeil Oig” agus is math a thaitinn i ruinn ged bha ise cuideachd tulle’s anmoch airson a’ mhìos so.
Ma leughas an “Osag” an ath àireamh de’n Teachdaire tuigidh i gu’n d’ fhuair sinn a litir agus ar barail m’a déibhinn. Tha sinn an dòchas gu’n cluinn sinn uaipe o àm gu h-àm.
Fhuair sinn mòran litirichean mu Mhelchisedec. Tha cuid diubh anns nach eil feum air bith, ach bheir sinn oidheirp air cuid de ’n fheadhain a’s fearr fhoillseachadh.
Chì ar cairdean ann am Baile-Bhóid nach ’eil sinn ’gan dì-chuimhneachadh. Tha sinn an dràsd a’ gabhail gach dòigh a’s urrainn sinn a rannsuchadh mu ghnothaichean na h-eaglais, ’se sin chum mion-chùnntas fhaighinn air a’ chùis o thoiseach gu deireadh, agus ths sinn a’ cur romhainn gu’m faigh gach cearn de’n dùthaich air an ruig an Teachdaire fios air.
Tha Mactalla ’gealltainn eachdraidh nam fineachan gun tulle dàlach; agus tha sinn fad’ air ar mealladh mur bi “Còmhradh ’ san ath âireamh. Tha cuid diubh as am mugha ar n-earbsadh a nis air faotainn beagan lasachaidh o mhóran saoithreach a bha iad a’ gabhail os lâimh o âm gu h-âm.
title | 21 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 3 |