AM MINISTEIR AGUS FEAR NAN CAONNAG.
Bha aig an duine chneasda so mac bràthar, a bha anabarrach stròghail; bha e san arm, agus chuireadh as e, airson a dhroch giùlain. Bha e ann an iomad còmhrag-deise, agus struigh e a mhaoin ann an dubhailc agus ’an gniomh-nàire. Chaidh an t-òig-fhear neo-chùramach so aon là a dh’ fhaicinn bhrathar- ’athar, a bha ’na Cheannard san arm, agus chum e dag r’a bhrollach, a’ bagradh a thilgeadh mur tugadh e dhà cóig ceud bonn crùin. Bha deagh fhios aig a’ Cheannard, a bha ’na dhuine foghainteach, ciod an duine gun chiall a bha ann am mac a bhràthar, agus thug e dhà òrdugh a dh’ fhaighinn an airgid; ach san àm cheudna a’ toirt ioma comhairle dhleasnach air. Mharcaich an t-amadan ceann-laidir gu h-uaibhreach air falbh le ’chobhartach; agus mu fheasgar bha e dol seachad uir tigh bhràthar ’athar a b’òige, am ministeir, air an d’ rinn e guth, ag innseadh dha na thug am bràthair athar bu shine dha, agus mar dhearbhadh air nochd e an t-òrdugh dha fo làimh an t-Seanalair. Rug am ministeir air an sgrìobhadh á làimh mhic a bhràthar, agus dh’ amhairc e air le càileiginn do dh’ iongantas—agus an déigh dha bhi ’co’ -riasonachadh ris chuir e seachad e, ag ràdh; —gu’m b’i a bharail nach b’ann air dòigh cheart a fhuair se e; agus ann an ceartas nach fhaodadh e a thoirt dà gun fhios d’a bhràthair, agus gun a chead fhaotainn. Bha dag an òganaich gu grad r’a uchd. “Tha mo bheatha,” deir am ministeir, “fo dhìon an Uile-chumhachdaich; agus cha cheadaich e dhomh a call a thoradh m’ ionracais agus do mhi-bheus-sa.” Thug an cruadal so air mac a bhràthar a ràdh, gu’n robh tuillidh sgàth air an t-Seanailear ged bu sheann saighdear e, roi ’n bhàs, na bha air a’ mhinisteir. “Eagal ormsa roi’n bhàs,” arsa ’m fear eile, “an saoil thu gu’n robh mise cóig bliadhna-fichead ’am mhinisteir aig Triath na beatha, gu eagal a bhi a nis orm roi’n bhàs? Cha ’n ’eil; ’sann duitse ’bhuineas fiamh a bhi ort roi’n bhàs; tha thu gu carach, cealgach, agus a’ gabhail ort a bhi a’d dhuin’ -uasal! Tha thu a’ d’ dhuine tagluinneach, tuasaideach, as a’ bheil thu deanamh uaill! Tha thu ’mealladh òighean socharach, airson a bheil thu a’ maoidheadh do
P. M.
title | 4 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 3 |