[57] MELCHISEDEC.
A theachdaire ainmeil,
O nach toil leam móran ainmeachadh mar roi-ràdh thaobh na ’s àill leam a chur a’d ionnsuidh air puinc eile, bithidh mi anns an àm so amhàin a’ guidhe deagh shoirbheachadh dhuit féin agus do d’ chairdibh lìonmhor.
Chunnaic mi mìneachadh air a dheanamh leis a’ “Ghàìdheal anns a’ bhaile” air Melchisdec, ann an ceud Theachdaire na bliadhna so nach do mhì-thaitinn idir rium, agus a tha mi ’tuigsinn a ta ’co-fhreagradh do bharail na cuid a’s mò do dhiadhairibh; air a shon so uile cha ’n’eil mi làn-riaraichte leis. Tha mi ’g aideachadh mur biodh againn mu thimchioil Mhelchisedeic ach an cùnntas aithghearr tha Maois a’ toirt air, nach biodhmaid ’an teagamh có è. Ach tha ’n t-abstol (Eabh. caib. VII) a’ toirt cùnntas farsuing agus iongantach mu ’n neach so. —Nise le bhi ’cumail as an t-sealladh beachd air ’fhoghlum o neach air bith eile, thugamaid fainear na nithe a leanas. An toiseach, Ged tha na sgriobtuire ag ràdh duine ris cha dearbhadh neo-theagmhach sin air; oir tha ’n tighearna Dia agus aingeil air an ainmeachadh mar sin, mar chithear ann an cùis an triùir dhaoine a thainig gu dorus bùth Abrahaim ann an còmhnard Mhamre, (Gin. xviii.) an aobhar Lot, &c. —A rithist, Ciod a’ chrìoch a bh’ aig
[58] Pòl le bhi mineachadh ainm agus ionad comh-
shuidhe an t-
sagairt rìoghail air leth air muinntir eile,
mur ann gu bhi ’
teagasg do na h-
Eabhruich gun d’
thug Maois Melchisedec air a nochdadh ’
ùghdarais mar righ fireantachd.
Oir is dà fhocal an t’
ainm a ta ’
ciallachach Righ agus fìreantachd,
agus theagamh nach b’
eòl do Mhaois ciod tuilleadh a theireadh e ris.
Thugadh Salem air a rìgheachd a chionn gur e sìth a thoirt mu’
n cuairt bu chrìoch d’
a fhoillseachadh anns an t-
saoghal agus a chur eadar-
dhealachadh eadar i agus rìoghachdan nan Canaanach a bha daonnan ri cogadh.
Agus mar sin mar an ceudna tha Pòl ag eadar-
mhìneachadh nam focal—
cha n’
eil teagamh sam bith agam nach ann o’
n dearbh ionad anns na choinnich e Abraham a thòisich an t-
ainm Salem a lean ris gus an do ghabh Daibhidh seilbh air agus a thugadh Ierusalem mar ainm air, ’
se sin focail tha ’
ciallachadh chi thu sìth—
A rithist,
ged their thu gu bheil Pòl a’
nochdadh do na h-
Iudhaich nach b’
aithne do dhuin’
air bith a shìnnsireachd leis na briathraibh ‘
gun athair gun mhàthair’,
&c. cionnas,
tha mì ’
feòraich dhìot,
a dh’
fhaodar a ràdh ‘
ach air a dheanamh cos’
uil ri ’
mac Dhé,
tha e ’
fantuinn ’
na shagart,
gu siorruidh’.
Có ’
n aon eile ris am bheil an sgriobtuir ag ràdh gu’
m bheil e cosmhuil ri mac Dhé?
Their thu gur ann gu samhlachail a bha e mar sin—
Bha Maois,
Abraham,
Daibhidh &c. ’
nan roimh’ -
shamhladh air,
cuideachd,
ach cha chanar ri h-
aon diubh gu’
n robh iad cosmhuil ri mac Dhé.
Ach theirear gu tric an duine ri Crìosd agus mar an ceudna gu bheil e cosmhuil ri Dia aig an dearbh àm is è am fìor Dhia—
Their thu gur ann ann an rathad sagartachd nan Lebhitheach,
a ta Pòl a’
labhairt ris na h-
Eabhru’
ich,
a bha mach as an dreuchd aig leth cheud bliadhn’
a dh’
aois.
Cha’
n’
eil sin làn shoilleir,
oir bha Ihoiadah ’
na shagart gu latha a bhàis (
130 bliadhna).
Cha mhò tha e ’
dearbhadh gur duin’
e gu’
n d’
thug Abraham deachamh dha,
oir,
air an dòigh cheudna bha na tìodhlacan a thug clann Israeil do na sagairt air an ainmeachadh suas do’
n Tighearna—
Cha mho is dearbhadh air gu’
n d’
thug Melchisedec aran agus fìon do Abraham,
oir ma’
s e Criosd a bh’
ann,
b’
e féin Tighearna na talmhainn uile a bheathaich clann Israeil anns an fhàsach 40 bliadhna le aran o nèamh.
A rithist,
tha e soilleir gur e Abraham aon a b’
ainmeile bh’
air thalamh r’
a linn féin,
gidheadh ’
se Melchisedec bu mhò, ‘
oir gun agadh air bith beannaichear an tì a’
s lugha leis an tì a’
s fearr;’
agus anns an Eaglais Iudhaich tha daoine gheibh bàs a’
faotainn deachamh,
ach an sin, (
an cùis Mhelchisedeic,) ‘
an ti aig am bheil fianuis gu bheil e beò.’
Fhuair Abraham agus na fàidhean bàs,
ach Melchisedec tha fianuis aige gu bheil e beò,
do bhrìgh nach do bhàsaich e idir anns an t-
suidheachadh ’
s na choinnich e’
m prìomh athair,
no san d’
thug e ’
n t-
òrdugh gu’
m biodh Criosd ’
na ard shagart gu siorruidh—
Tha e a rithist soilleir gu’
n robh foirfeachd shònruichte le sagartachd Mhelchisedeic os ceann sagartachd Aaroin,
a thaobh gu’
n ’
d’
rinneadh e,
cha’
n ann a réir lagh àithn’
fheòlmhor,
ach a réir cumhachd beatha gun chrìoch ’
na shagart an Dé a’
s ro airde’
Ach their thu riùm gur e Criosd tha ’
n t-
abstol a’
ciallachadh an sin;
ro-
mhath,
tha mise ’
faicinn reusonachadh an Abstoil mar gu’
m biodh e ’
deanamh aon diubh araon—
Tha e soilleir
[59] gu’
n do mhionnaich Dia do Mhelchisedec gu ’
m biodh am Messiah ’
na Shagart a réir ’
ordugh,
agus tha e so-
thuigsinn gur ann eadar an t-
athair agus am Mac o bha ’
n cùmhnant no na mionnaibh so.
Rinneadh coimhcheangal rì Abraham,
Daibhidh,
&c. cuideachd,
gidheadh eadar-
dhealaichte thaobh foillseachaidh.
Tha tosdachd Mhaois mu’n neach urramach so na mhór-iongantas’ ma bha ’leithid do dhuin’ ann cho faisg air làimh ri làithibh Abrahaim, oir cha b’ ann de theaghlach Israeil Iob ged tha na h-urrad chùnntais air a thoirt air ’nuair tha eachdraidh an aoin eile air a cleith—Tha e ’na iongantas cuideachd c’arson a bha Pòl cho dian a’ dearbhadh do na h-Eabhruich nach robh aithne air sloinnteireachd Mhelchisedeic, ’nuair a dh’fhaodadh sàr fhios a bhi aca féin nach b’ann de ordugh Aaroin e, thaobh ’s gu’m bu chomh-aois do Abraham e—Is e’n t-aon nì bh’an aire ’n abstoil a sparradh air na h-Eabhruich gu’n robh sagartachd Chriosd móran na b’ fhearr agus na b’iomlaine na sagartachd nan Lebhitheach a bha air a toirt seachad fo’ n lagh agus le daoinibh a bha feòlmhor, ’se sin peacach, agus bàsmhor, an uair a bha orduchadh Chriosd le aon aig an robh a shagartachd tre chumhachd beatha gun chrìoch, ’se sin Melchisedec, ri ’n canar Rìgh na fìreantachd agus na sìth, do bhrìgh gur ann a thoirt mu’n cuairt sìth agus fìreantachd a dh’ fhoillsicheadh e. —Agus ann an co’ -dhunadh ciod nan abrainn gu’n robh sùil aig Criosd ri Melchisedec ’nuair thuirt e ris na h-Iudhaich, Chunnaic Abraham mo lathasa agus rinn e mór-ghairdeachas. —Tha e soilleir gu’n robh cùnntais air an neach so nach d’fhuair sinne, o na tha Daibhidh agus Pòl ag ràdh mu ’thimchioll, Cha ’n aithne dhomh ciod a dh’fhaodas eachdraidh choitchionn [Profane.] a ràdh mu ’thimchioll.
Tha mi duilìch airson fad mo litreach ach ma’s iomchuidh e, ged a b’ann ’na h-earrannan, bhithinn ’nur comain airson àite thoirt dith a dh’ fheuch an toir neach-eiginn eile barail mu thimchioll na puinc so—Is mì ’an cabhaig le mór-ùmhlachd ’ur Seirbhiseach dìleas.