CALUM CILLE.
NA PRISEAN AGUS GAINNE AIRGID.
A Theachdaire,
Tha fios air an cosg aig móran de dhaoine gu bheil prìsean a’ chruidh, gu h-àraid, ni ’s ìsle air a’ bhliadhna so na bha iad o chionn deich-bliadhna-fichead. Tha gainne airgid ’na ghearan cho coitchionn, cha’n ann amhàin am bliadhna ach daonnan, s gu’n canar mar fhocal cumanta nach robh e riamh cho gann.— ’Se nì th’ air m’ aire ’nochdadh leis an Teachdaire anns gach àite ’n téid e, gu’n robh airgiod roimhe so móran ni bu ghainne na tha e a nis.
Anns a’ bhliadhna 1310 bha Alastair mór MacDhùghaill Morair Lathurna agus Iain Bacach agus Donnchadh, a dhithis mac ’nan ard chinn-fheadhna air arm agus cabhlach Shasunn a bha san àm sin a’ cogadh an aghaidh Albainn; gu
Sa’ bhliadhna 1494 thug Anna Fhriseal tagradh a mach an aghaidh Dhaibhidh Rois Bhaile-nan-gobhann airson creach a thug e uaipe á Cinnlinn, Bi Anna Fhriseal sin baintreach Choinnich-Mhic-Coinnich Chinn-tàile agus b’e’ n spùill 140 mart, 30 eich, 200 caora agus gabhar air am meas aig 24 sgilleanan am mart, 2 mharg an t-each agus 2 sgillinn a’ chaora. —Anns a’ bhliadhna cheudna bha Uisdein Chillrabhaig a’ tagradh Shir Alastair Mhic Dhònuill Lachaillse agus Ailein mhic Ruairi Mhùideart a chionn nach robh iad ’ga shaoradh á lamhaibh Siorram Chromba airson nan 600 mart. Tha e soilleir gu’n robh iad so ’nan Urras airson dìolaidh, ach ’se Iain Ros a’ cheud urras a b’hair. —Anns a’ bhliadhna 1507, bha Eòghann Mac Ailein agus Iain a bhràthair (Lochiall) Alastair Mac Shomhairle Eoghann Mac Dhònuill-Mhic-Coinneich agus Eoghann Mac-Shomhairle, air an tagradh aig lagh airson creach a thug iad O Iarla Huntlie’ giullaspuig Mac-Uilleam, agus tuath eile á Bàideineach, Garbha-mór agus Glaistein. O Ghiullaspuig ’na aonar thog iad 40 mart agus b’e am meas 18 sgillean an té
Sa’ bhliadhna 1513 bha tagradh aig Iain Grannt Friuchaidh airson creiche an aghaidh Shir Dònuill Mhic Dhònuill Lochaillse, ridire Uilleam Shiosal Comermōir, Dhònuill mhic Alastair mhòir, Eoghain mhic Eóghain am Pontoit, Alastair Mac-Iain mhic Alastair Ghlinne-gara, Dònull Mac Aonghais mhóir an Achadroma, Donull M‘Gilleaspuig agus tuilleadh. A thuilleadh air na h-uile ni do earnais no airgiod a bha ’n tigh a’ Ghranntaich thug iad leò 880 bolla coirce, air a mheas le ’fhodar aig 4 sgillean am bolla, —640 bolla eòrna aig 8 sgillean. Thog iad leo 300 mart 26 sgillinnean is bonn-a- h-ochd, 1000 caora agus mult aig 4 sgillean an ceann. ’S ann sa’ bhliadhna 1717 a thugadh an tagradh a mach ’nan aghaidh agus airson nan trì bliadhna bha fearann a’ Ghranntaich fàs (oir chreach iad air fad e) thainig an tiomlan gu 2000 pùnnd do airgiod. —Fadheòidh anns a’ bhliadhna 1528 thug Alastair M‘Leòid Dhunbheagain, Alastair M‘Leòid Mhuiginis, Donull ruadh, Fearchar Liath, Iain Mac-Aonghais agus Donull Glas M‘Leòid, cùis-lagha ’n aghaidh Iain Mhic Thorcuill Mhic Leòid, Leóghais, agus Dhònuill Ghruamaich Mhic-Dhònuill, Dhunsgàthaich (Sléite) airson Siol Leòid iomain a mach à Tnòtarnis, agus na h-uile nì bh’ aca thoirt uatha. —Bha ’chreach mòr gun teagamh 820 mart air am meas aig leth-chrun an té—220 each aig sèa marg an t-aon—2900 caora 4 sgillean an ceann—2780 gabhar aig 4 an té. Bha ’bharrachd air dìoladh a dheanamh airson an iomlain de so, 400 marg aca r’a phàidheadh airson an fhearainn a bhi fàs fad bliadhna. B’e b’ aobhar air a’ chreich so, an déigh do Mhac-Dhònuill nan Eilean a stoidhleadh agus ’fhearann a chall, gun d’ fhuair M‘Leòid Dhunbheagain ann an 1498 còir agus ’na dhéigh sin aonta 11 bhliadhna air Tnòtarnis agus MacLeòid Leóghas ùine ghearr ’na dhéigh sin. Ghléidh Dunbheagain a chòir; agus Oighre Leóghais agus Mhic-Dhònuill a chaìll an còraichean thòisich iad air an toirt a mach le laimh-làidir. —Gabh leisgeul mo chabhaig air an àm so. Is mi do sheirbhiseach ùmhal.
DOMHNULL GORM.
Duntuilm 11 Mios sa’ bhliadhna, 1835.
title | 6 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 3 |