[62]

DAN.

Gur a h-éibhinn au sealladh
Anns achamhanaich shamhraidh,
Grian aig eirigh samhaduinn,
S a faileas air bheanntaibh;
Chan eil creutair air thalamh
Fhuair anail no seanachas,
Nach dean sòlas ra gluasad,
Dol mun cuairt air an fhairge.

Chan eil luibh anns amhachair,
Nach do neartaich ichinntinn;
S chan eil craobh anns achoille,
Nach do sgeadaich i rìomhach;
Mas em fraoch tha samhonadh,
Tha gu dosrach acinntinn,
Leghucagan dearga,
Deanamh seirbhisna rìoghachd.

Bheir i fàs as an fheur,
Tha ri beathachadh threudan;
Agus càileachd don eunlaith
Tha air sgiathaibh feadh gheugaibh
Iad len ceileire sùnndach
Aseinn ciùil anns achéitein;
Snuair thig aimsir na dùdlachd,
Gur a tùrsach an éisdeachd.

Chan eil pòr a ni fàs
Chuir an gràinsear san talamh,
Lebuadhanna blàthais,
Nach dean a ghràinne tróm, torach;
Nuair thig foghradh na buana,
Nithear sguaban deths adag,
Gus an cruinnchearna chruaich e,
Dhol ga bhualadh don t-sabhal.

S ged a dhubh iad sagheamhradh,
S ged a shlampair am fuachd iad,
Ni iad fàs anns an t-samhradh,
Feadh nan gleanntaibhs na luachrach:
Ach an duinenuair dheug e,
Theid en éideadh na h-uaighe,
Gus an tig an Aiséirigh
an éibhneis, no truaighe.


[63]

Theid achruitheachd ath-nuadhchadh,
Le buadhannan Chriosd,
Nuair a shaoras en sluagh
Bheir e suas leis chum sìorrachd;
Bhons ann aige than gealladh,
Abheatha, ’s an fhìrinn,
Abheir sòlas don anam,
Agus carthannachd ìnntinn.

S ann an sinbhios an sòlas,
Na lòchrain alasadh,
Agus ainglean is òighean,
Atoirt glòir aig achathair,
Don rinn an t-soillse,
S nach cuir oidhchoirre deathach;
S nach cuir sneachd oirre mùchadh,
No tuil dhrùiteach le frasachd.

S ann thaGhrianbheil an t-éibhneas,
Ag éiridhsna flaitheas,
S a gathanna treuna
Deanamh dèarsadh air thalamh;
Cur gach anam gu gleusadh
Mar a dhfheudas i tabhairt,
Dhfhaotainn ciùil anns na nèamhaibh
Ann an éisdeachd nan aingeal.

Fhads than duinen staid nàduir,
Chan eil aire aigair Criosd;
Ach mas beatha no bàs da,
Theid en làthair na Trìonaid
S cruaidhechridhe na stàilinn
Nuair a tha e fo dhìteadh,
Faicinnanma neo-bhàsmhoir,
Acall na slàinte tha sìorruidh.

Ach a Thì rinn am fuasgladh
Air do shluagh anns an Eiphit,
S a shaor iad on uallach,
Bhair an guailleangam feuchainn;
Thug thu thar amhuir-ruaidh iad,
S rinn thun cuanna chlàr réidh dhoibh;
Thoir sinne dhachaidh gu dshuaimhneas,
Tha gun fhuachd, gun teas gréine.

Nuair bha Maois air an ceann-san,
Gum bu shamhladh ort féin e;
Is nuair thug thu en fhàsach
Si do làmh a rinn feum dha;
Dhealbh thu nathair de phràis da,
S rinn thughàirdein da réir dha,
Chum a togail an àirde,
Fo sgàil achroinn-cheusaidh.

O Iehóbhah! tha deònach
Dheanamh tròcair air peacaich,
A thoirt maitheanais dòmhsa,
Ann am chòmhradh mur ceart e;
Fhads a bhios mi san fheòil so,
Dean mo sheòladh le dmhaitheas,
Thar uisgeachabh Iordain,
Ionnsuidh eòlais na beatha.

LE DONULL BAN NA LIB SAN EILEAN MHUILEACH.

title8
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text3
<< please select a word
<< please select a page