[94]

BUACHAILLEAN NAN ALPS:

THA aig Buachaillean nan Alps (beanntan arda air tìr-mór na h-Eòrpa) adhaircean no dùdaichean mòra fada leis an àbhaist leo an spréidh a ghairm dhachaidh mu fheasgar. ’Nuair thaghrian adol fodhas a gathan deireannach ag òradh airde nam beann, na stùcan


[95] eagalach sin a tha o thoiseach gu deireadh na bliadhna air an còmhdachadh le sneachda, gabhaidh am buachaille tha air achnoc as airden adharcmar gum bu trompaid-bhruidhne bhiodh innte, agus atogail a ghuth co ards a thana chomas glaodhaidh e troin adhaircMOLAIBHSE AN TIGHEARNA DIA.” Cha luaithe chluinneas na buachaillean eile sachoimhearsnachd an glaodh so o bhuachaille na beinne na theid iad a mach gach aon ábhothan féin agus freagraidh iadMOLAIBHSE DIA. Tha iadga aithris so gun tàmh mu thuaiream ceithreamh na h-uaire o chnoc gu cnoc, o stùc gu stùc, garbhlach nam beann agus binnean gach craiges creachainn afreagairt don fhuaim, agus Mactalla gu stòlda ard ag éigheachnan déigh, MOLAIBHSE DIA. Tha sàmhchair an sin air feadh nan gleanntha gach glùn alùbadh agus gach làmh air a togail ann an urnuightha neòil dhubha dhorcha na h-oidhche atuiteamcluinnear an sin buachaille na beinne aglaodhaich gu h-ard troin adhairc, “Oidhche mhath do gach aonagus air ball freagraidh gach cnocs gach stùcOidhche mhath.” Tha nis sàmhchair mhòr air feadh nan garbhlach àrda so, oir ghabh na buachaillean uile mu thàmh.

Gu cinnteachs ciatach an cleachdadh so, ged nacheil sinn eòlach air a leithid san dùthaich so: agus O! bu taitneach ra smuainteachadh gun cuimhnicheadh buachaillean gach tìre Dia a mholadh gu moch, agus a chliù a ghairm air pilleadh an anmoich.

T. nan T. T. T.

title11
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text4
<< please select a word
<< please select a page