[96]

NAIGHEACHDAN.

Tha e nis air a shocrachadh eadar an FHRAING agus AMERICA gun strìochd iad do bhreith rìgh BHREATUNN mu dhéibhinn achonnsuchaidh a bheatorra; air chor agus nacheil a nis coltas air bith cogaidh eadar an dhûthaich chumhachdach sin.

Cha dfhuair aPharlamaid móran ghnothaichean a chur seachad on a choinnich iad. Tha OConnell, “gille na h-aimhreitacur mòran dragh orra; agus cha lugha na sin an iomaguin a tha na rathaidean-iaruinn acur orra. Chan urrainnear a ràdh ciod iad na riaghailtcan a shocraicheas iad mu na rathaidean; ach chan eil teagamh aìr bith nach i so cùis as cudthromaiche, co dhiùs math no cron don dùthaich a bhiosnan lorg, a thàinig fa chomhair na Parlamaid o chionn ioma bliadhna. ’S gann gu bheil cearn air feadh Shasunn no na Galldachd anns nacheil iad acur aird air rathad-iaruinn. Chan eil teagamh nach bi aon diubh eadar Dun-éideann agus Glascho; agus ge beag feum a shaoileamaid a thair a leithid eadar Glascho agus Grianaig, tha iomradh làidir aca air tòiseachadh air aon gun dàil, a theid mun cuairt rathad Phaisleig. Chan eil dòigh eile astrachaidh ann coimeas doibh a thaobh luathaistha daoine fòghlumte anns na gnothaichean sin ag ràdh, gun deantar da-fhichead mìle san uair orra gu socrach, agus tha cuid adol mòran os-ceann so. Tairngidh each fichead tunna air fear dhiubh. On bheagan a thubhairt sinn tha e furasdfhaicinn a réirs mar theid na rathaidean so an lionmhoiread gun teid na h-eich a chur air chùl, agus gun ìslich so luach gach seòrsa gràin agus gach seòrsa bìdh a tha feumail do bheathach no dhuine san rìoghachd so. ’S e so thacur iomaguin air luchd an fhearuinn, agus atoirt misnich do luchd-nan-ìnnleachd. Nan tachradh so bhiodh a dhaona mhaitheas air gun cuireadh e á h-eisimeil dhùthchannan céin sinn airson gràin, nacheil sinn idir air an àm so; agus bheireadh e mòran cosnaidh do dhaoine sacheud dol a mach: —ach leigidh sinn seachad iad gus an cluinn sinn ni gliocas Parlamaid na rìoghachd mun déibhinn.

title14
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text4
<< please select a word
<< please select a page