FREAGRAIDHEAN D’AR CAIRDEAN.
’S éiginn duinn le cion ruim móran a chumail fodha bha ’shannt oirnn a ràdh air an àm-sa, agus tha dòchas againn gu’n gabh ar cairdean ar leisgeul gar am faigh gach aon diubh freagradh air leth.
Tha sinn a’ tairgseadh móran buidheachais do “Shaighdear na h-iteige deirge” airson a’ chùnntais mu bhlàr Choruna. Cha d’ fhuair sinn fhathast cothrom air an iomlan de a leughadh, ach cha ’n eil eagal oirnn romh dhroch ni sam bith o’n iteig dheirg. ’S math tha fios againn air a h-urram, agus gheibh ar luchd-dùthcha fiosrachadh air cuideachd—bu dìleas duinn cuid de na sheas foidhpe; agus cha ’n ’eil suaicheantas a bhuineas do’n arm Bhreatunnach as an ion doibh a bhi ni’s uallaiche na iteag-dhearg an Fhreiceadain-Duibh!
Bheir sinn oidhirp air a’ mhìneachadh tha “A.B. C.” ag iarraidh mu’n riaghailt-sgrìobhaidh Ghàidhealaich “Leathan ri leathan a’s caol ri caol” a thoirt seachad san ath àireamh. Ge màlda ’n t-ainm a thug e air féin, ’s i ar barail gu bheil treis mhath ùine o’n a dh’ fhàg e’n A.B. C.
title | 15 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 4 |