PÀDRUIG O’ ROURC.
(Có nach cual’ iomradh air Pàdruig O Rourc? ’S iomad sgeul neònach tha air aithris ann an Eirinn mu ’thimchioll a’ ghaisgich iomraitich so. Ged nach ’eil annta air fad ach spleaghraich bhòsdail, ni bheil e comasach an éisdeachd gun seòrsa de thaitneachas. ’S ann ’an ainm Phàdruig féin tha na sgeulachdan spleaghrach sin air an ìnnseadh.)
Thachair dhomh, arsa Pàdruig O’ Rourc, a bhi aig Caisteal-nan-Leus ’n nair thainig Morair òg O’Nèill dachaidh o thir-mór na h-Eòrpa an déigh dha an saoghal gu léir a shiubhal; agus chuala mi le m’ chluais féin an triath òirdheirc, ’s b’e sin esan, ag ràdh, Ni faca mi dùthaich co àillidh ri Eirinn, no loch-uisge a’s urrainnear a choimeas ri Loch-Neagh nan iomadh buaidh. Bha Cloinn O’ Nèill ’s Cloinn O’ Rourc ’s Cloinn O’ Dònuill uile cruinn taobh Loch-Neagh aig caisteal-nan-Leus, aitreabh fhaoilidh na biatachd agus na h-aoidheachd mhòir. ’S ioma mult a’s damh a’s fiadh a’s bradan bha air an latha sin air an deasachadh do thuath agus chàirdean Nèill-òig-O’ Nèill, triath Ulstair. Cha b’iad na buideil bheaga leibideach a bha mach, ach na togsaidean mòra—Beòir agus fìon, agus am pailteas do Phoitein na dùthcha. —Bha clàrsairean agus pìobairean na tìre cruinn—agus air m’ fhocal ni robh bard no filidh no aosdana eadar dà cheann na h-Eirionn nach robh ann. Dh’ith agus dh’òl sinn uile gu neo-ghann—Thòisich an dannsadh air a’ bhlàr—agus air m’ fhocal neo-chealgach ’s ann an sin a bha ’bhreabail chòrr ’s am bas-bhualadh cridheil. Buaidh leat a Phìobaire Ruaidh! arsa mise, ’s tu féin a bheireadh cainnt as a’ mhàl. ’S e Niall òg mac O’Nèill e féin a thòisich an dannsa le Iudy O’ Rourc. òigh an fhuilt òir. M’aighear air a’
Ciod, a Phàdruig O’Rourc, arsa ’m fîrcan a thug an so thu? Air m’ fhocal fìrinn, arsa mise, cha b’ ann ’am dheòin—ach ’si ’cheist a nis, ciamar a gheibh mi as? Dh’ innis mi dha mar bha mi aig cuirm Nèill-òig-O’ nèill, mar dh’ òl mi am fìon ’s am branndaidh ’s gach deoch mhath eile bha ann—mar thuit mi
Uist! a Phàdruig, ars’ esan, tha mi ’faicinn dithis ’nan seasamh shìos fodhainn le gunnachan fada, agus ag amharc a’m dhéigh: —an àill leat peileir a dhol tromhad—tha dùil aca gur mult reamhar tha agam ’ga ghiùlan do ’n Chraig mhóir. Cha duirt mi focal, oir ciod am feum a bhi ’labhairt—dh-itealaich e air aghart na b’ àirde ’s na b’ àirde, a’ sìor dhol suas, a ghob ris na speuran, ’s mo dha chois féin a’ slaodadh ’na dhéigh agus greim daingeann agam air a mhuineal. C’àite bheil sibh a’ dol? arsa mise—nach innis sibh? Bi ’d thosd! ars’ esan, ’dé sin duitse a thrusdair mhisgich c’ àite bheil mi ’dol—cuisd, cuisd, a Phàdruig! na cluinneam focal a’ d’ bheul. Cha robh math a bhi ’labhairt. Mu dheireadh ruigear a’ Ghealach! meall mòr geal co cruinn ri ugh geóidh agus iarunn lūbach a mach as an dara taobh dhi, mar gu’m biodh corran air a shàthadh innte no pinne air an crochadh tu t’ ad. A Phàdruig, arsa ’n iolaire, tha mi sgìth—cha ’n ioghnadh leam, arsa mise, ’s dithis duinn sin, ach có ’s coireach? arsa mise, nach fhada o’n a dh’ iarr mi ort stad. Bi ’d thosd a Phàdruig arsa ’m fìrean, ni bheil feum dhuit a bhi ’labhairt—tha mi seachd sgìth dhìot, agus imridh tu teachd dhìom agus suidhe air a’ ghealaich! aig an leig mi mo sgìos
Ach coma có dhiù—sgaoil e mach a sgiathan mòra—rinn a’ bhéist glag gàire ’s thùirling e as le srann uamhasach, agus le luas an dealain troi ’n spear!
Do ghlaodh mi gu sgairteil ’na dhéigh, ach dh’ éigh mi gun stà—ni ’n tug e feairt orm—Dh’ itealaich e as mo shealladh, ’s ni faca mi e o’n àm sin. Breamas a’d chuideachd! deir mise—tubaist ort féin, ’eòin gun iochd!
’S furasda ’thuigsinn gu’n robh mi ’an droch cor, crochte mar so ris a’ ghealaich ’s a’ glaodhaich le m’ uile lùs. Fa dheireadh dh’ fhosgail dorus sa’ ghealaich, an lùdalan a’ dìosgail mar nach deach fhosgladh o chionn chiad bliadhna, agus có ’shaoileadh tu ’sheas san dorus ach Bodach-na-gealaich’ e féin. Dh’ aithnich mi e air a dhronnaig— ’s iomad oidhche chunnaic mi e ’na shuidhe mar gu’m bu ghreusaich’ e a’ deanamh bhròg.
Fàilt’ ort a Phàdruig O’ Rourc! ars’ esan, ciamar tà thu? Matà, seachd mìle fàìlt’ air ur n-onair, deir mise, tha mi dìreach ’an eatorras air an àm so féin. Ciod, ars’ esan, a Phàdruig O’ Rourc, a thug an so thu? Matà air mo bhoisteadh a’ cheart ni ’chuir an earbag air a’ mhuir, an éiginn. Leis a so dh’ innis mi dha na h-uile ni mar thachair, agus an cleas cealgach a
A Phàdruig, arsa Bodach-na-gealaiche ’s e ’gabhail snaoisein á adhairc mhóir a bha ’na làimh, A Phàdruig ni faod thu fantuinn an so. ’N ann mar sin a tà, arsa mise—thainig mi ’nuas an so, ’s cha b’ ann le m’ dheòin idir idir, ach ciamar le’r cead a gheibh mi a sìos? Faigh thusa sin a mach, a Phàdruig, ars’ esan, ni bheil gnothach agamsa ris—ach imich, bi air falbh a thiota—so so! leig as do ghreim, deir e. —Foighidinn, le’r cead, arsa mise, gu h-athaiseach màsanach, ni bheil fàth deifir ann, a’ bheil mi ach crochte ris a’ phinne lùbach so agus nam biodh fhios agaibh air, ni bheil mi ’ga mheas ’na fhàbhar ro mhór. Leig as do ghreim, a Phàdruig, ars’ esan—leig as a bhobaig air ball!
’Bheil bean-an-tighe ’s a’ chlann gu math? arsa mise, ’s gach ni a bhuineas duibh? ni ’n creid mi nach toir sibh cuid na h-oidhche do fhear-turuis bochd a ta ’n téinn co mór— ’s i mo bharail nach minic a ta coigrich a’ cur dragh oirbh san àite so, oir cha’n e sin an t-astar beag a dh’ ionnsuidh ur doruis.
Ni bheil bean no clann agam, a Phàdruig, no duine no creutair beò ach mi féin taobh stigh de’n ghealaich—leig as, bi ’g imeachd!
Matà, a charaid, arsa mise ’s mi ’g amharc gu colgarra ’na aghaidh, ni ’n leig mi as mo ghreim, agus gabh m’ fhocal air gu bi sinn ni’s eòlaiche air a chéile na tha sinn mun leig mi as mo ghreim—as a so cha téid mi le m’ thoil—a dh’ aindeoin do shròine, arsa mise, cha leig mi as mo ghreim. Tha bhuait, ars’ esan—cha dean, arsa mise—ni bheil cordadh gun dà fhocal, arsa mise; agus as a so cha téid mi gus am bi fios c’arson.
Leis a so phill e ’s tigh air, a’ breabadh an doruis as a dhéigh le farum co mór ’s gu’n do shaoil mi gu’n rachadh a’ ghealach ’na spealgan—Bha mi ’deanamh mo chas mar a b’ fhearr a b’ urrainn domh air taobh na gealaiche agus greim daingeann agam air a’ phinne ’nuair a phill am bodach doichiollach agus rong mór iaruinn ’na làimh ’s gun fhocal as a cheann thug e aona bhuille sgairteil tarsuinn a’ phinne ’s bristear ’na dhà leth e! Soirbheachadh leat a Phàdruig! ars’ esan, agus mór-bhuidheachas airson teachd ’am amharc—turus math dhuit do’n t-saoghal ìosal. Ni robh ùine no comas agam focal a fhreagairt—bha mi ’cur nan car—a sìos, a sìos—mo cheann an dara uair agus mo chosan an uair eile fodham ’s an ath mhionaid os mo cheann—a’ cur nan car—a’ fàgail na gealaich a’m dhéigh a’m dhearg dheannaibh. Am Freasdal a dh’ amharc orm! arsa mise, nach truagh an cor so do dhuine còir sam bith a bhi ann mu’n àm so de’n oidhche—dh’fhalbh mi gu glan réidh a nis! Is gann a bha ’m focal as mo bheul gus an cuala mi fuaim, agus ciod a bhiodh ann ach sgaoth gheudh a h-uile ceum o mhòintich Bhaile-Nà againn fhéin— ’Se so thug orra m’ aithneachdainn—An seann sgeigire bàn a bh’ air an ceann, thionndaidh e rium féin agus ghlaodh e ’mach, An tù tha ’n sin a Phàdruig O’Rourc? A’ cheart duine, arsa mise, oir bha mi ro eòlach air an sgeigire bhàn. Fàilt’ ort! a Phàdruig, ars’ esan, am bheil thu a’ d shlàinte an diugh. Matà, a sgeigire bhàin, arsa mise, ta mi mar a tà mi, ’s mi ’tarruing m’ analach, oir bha ’n anail ach beag á m’ chòm ’s cha b’ iongantach è.
Cha chreid mi a Phàdruig nach
’Eoin uasail thuigsich, arsa mise ris an sgeigire, (oir smuaintich mi gu’m b’e mo ghliocas teanga mhath shìobhalta ’chumail a’m cheann) ’eòin nan iomad buaidh; arsa mise, nach ’eil bhuaibh gabhail gu tir? Uist! ’amadain, ars’ esan, bi ’d thosd, bheir mi thar iomad cuan thu mun dealaich sinn. Sa’ cheart àm sin thainig long mhòr san t-sealladh a’ seòladh gu h-àillidh roi ’n t-soirbheas. A mhic chridhe, arsa mise, tha sinn calg-dhìreach os ceann na luinge, —nach teirinn thu ’s nach cuir thu mi ’s tigh san luing. —Uist! a bhurraidh, ars’ esan, cùm do theanga—nan leiginn as thu thuiteadh tu sa’ chuan. Cha tuiteadh, arsa mise; Thuiteadh, ars’ esan—gabhaidh mi cuid mo chunnairt, arsa mise—leig as mi. —Tubaist ort! ars’ esan ’s bi ’falbh. Leis a so dh’ fhosgail e a spòg, agus air m’ fhocal ’sann mar thubhairt e gu cinnteach a thachair. —thuit mi’s mullach mo chinn fodham a sìos do dh-aigeal na fairge! Tha mi caillte mu dheireadh, arsa mise—mo chreach! mo chreach! ni bheil dol as a nis!
Cha luaithe chaidh am focal a mach na thainig muc-mhara mhòr far an robh mi a’ tachas a cinn ’an déigh cadal nah-oidhche agus ag amharc orm féin ’an clàr an aodainn. Ni do labhair i aon diog, ach thog i a h-earball mòr agus tilgear aon dìle de’n fhairge thairis orm gus nach robh greim de m’ aodach o mhullach mo chinn gu bonn mo choise nach robh co fhliuch ’s a b’urradh dha bhith. An sin chuala mi guth, guth air an robh mi fìor eòlach ag ràdh, Eirich a bhrùid mhisgich, éirich air ball! Leis a so dhùisg mi agus có bha dìreach mu m’ choinneamh ach Judy mo bhean agus tuba mhór uisge ’na làimh leis an robh i ’g am thumadh thairis gun truas gun iochd! oir tròcair d’ a h-anam, ged robh i ’na mnaoi mhath cha dùraigeadh i riabh deoch no daorach fhaicinn orm.
Eirich! ars’ ise, mo nàire! mo nàire! an daorach ’s an dallanach a bhi ort air cuirm Nèill òig O’ Nèill. —Bha leaba neo-shocrach agad a Phàdruig, ars’ ise, aig bun na craige so—ni bheil dùil agam gu’n robh cadal sàmhach agad an so. Matà a Iudy a ghràidh, arsa mise ’s ann agam tha fios, is mì chuir seachad an oidhche bhruaidleanach a’ bruadar air lòin, agus mòintich agus iolaire, air a’ ghealaich, air geòidh agus muca-mara—tha mi nis a’ tuigsinn gu’n robh deoch
title | 2 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 4 |