CUMHACHD NA GAILIG.
Fhir-dheasachaidh,
THA mi ’nis os ceann còrr a’s sèa bliadhna deug ag éisdeachd searmoin Bheurla. —Bha mo riasan féin agam air so agus cha’n eil gnothuch aig an t-saoghal ris—co dhiù, o chionn ghoirid ghabh mi aite-suidhe ann an eaglais Ghaelaich—bha mo riasan féin agam air so cuideachd agus cha’n eil gnothuch aig an t-saoghal ris—ach feumaidh mi nis aideachadh gu bheil cumhachd anns a’ Ghàilig thar gach cànain!
Thig i air a’ chridhe mar sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh—no mar uisge ’mhuilinn a chuireas gu gleus an roth-mór ’s an roth-beag— ’s gach roth a’s clach a t’ann gus mu dheireadh an labhair an clabar. ’S ann mar so da rìreadh a thachair dhòmh-sa— ’nuair thogar a’ chomhla-uisge ’s a thig an soisgeul fallain a nuas ’na mhaoma troma tre thorraig na Gàilig, theid m’ aigne, mar gu’m b’eadh, air bhoile—buailidh cuisle mo chléibh cho làidir ’s cho cas agus gu’m feud thu ’cluinntinn, agus nuair theid mi dhachaidh cha tàmh ’s cha’n fhois domh gus an tòisich an clabar, an teanga, ri dàn!
Tha agam mòran diubh so nach faca sùil. Cuiridh mi aon fhear thugaibhse leis a so, agus ma bheir sibh misneach dhomh bheir mi dhuibh aon airson gach mìos sa’ bhliadhna. Theagamh gur h-ann a gheibh mi trod mòr air a shon so, ach ciod a th’ ann ach cealgaireachd a chleith air duine ni nach urrainn sinn a chleith air Dia? Tha E féin a’ moladh an fhir a labhras an fhìrinn sin a mach, mar tha ’na chridhe a steach.” So an laoidh—
A Dhia mo chridhe gleus gu ceòl
Do d’ mhòrachd féin amhàin is fiù,
Tha aingil naomh a’s airde ’n glòir
Gun sgìos an còmhnuidh ’seinn do chliù!
’S am bi ’nan tosd an cinne-daonn’
Ag iarraidh toirt a’m plaosgaibh faoin?
Tha ’ghrian ’s a’ ghealach anns an spéur
Do ghnà ag éigheach“ ’S Tusa Dia;”
’S tha ’choillteach mhòr le h-iomadh craobh
A’ seirm ’s a’ saobhadh do’n ard-Thriath.
S am bi ’nan tosd an cinne-daonn’
Ag iarraidh toirt a ’m plaosgaibh faoin?
Tha boladh cùbhraidh nan ùr ròs,
Gach blàth a’s bòidhche agus lus,
A’ tairgseadh ìobairt agus tùis
Do’n Tì a dhùisg iad suas o’n dus.
’S am bi ’nan tosd an cinne-daonn’
Ag iarraidh toirt a’m plaosgaibh faoin?
Tha eòin na h-ealtainn air gach tom—
Tha torman tróm leum-uisg’ nam beann,
Tha magh is frìth—tha samh nan tonn
A’ seinn le fonn “S Tu’s Tighearn ann;”
S am bi ’nan tosd an cinne-daonn’
Ag iarraidh toirt a’m plaosgaibh faoin?
Ach cha’n ’eil dadum cosmhuil riut
A’ measg na chruthaich Thu gu léir,
Is cha’n ’eil nì no neach no cainnt,
A labhras t’ainm ach t’ fhocal féin:
So far am faigh thu moladh saor,
Ged bhiodh ’nan tosd an cinne-daonn’!
An Dara Mìos, 1836
AN GAEL ANNS A’ BHAILE.
title | 3 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 4 |