CÒMHRADH NA H-ÀTHA.
Air dara h-earrann.
[Tha ’n Còmhradh a leanas a’ toirt eachdraidh air nithe fìrinneach a chunnacas ann an rìoghachdan reòta an taobh-tuath. Tha cuimhn’ aig cuid de’n luchd-leughaidh gu’n robh turus-cuain Chaiptein Parry agus maraichean ainmeil eile air am fosgladh suas anns an t-seann Teachdaire Ghaelach ann an Còmhradh-na-h- àtha, anns an àireamh mu dheireadh ach a h-aon de’n leabhar sin. Gheall Seòrus-nan-Long cùnntas a thoirt air cuid de na nithe chunnaic e ’nuair bha e le Caiptein Ross, agus tha e nis r’a ghealladh a choimhlionadh. Tha sinn a rithist ag ràdh gu’m faodar làn earbsa chur anns gach ni a labhras Seòrus, oir ged tha beagan do fhearas-chuideachd san t-seanachas, cha leig sinn focal á beul Sheòruis ach smior na fìrinn, chum eòlas taitneach agus feumail a thoirt d’ar luchd-dùthcha.]
Lachunn Bàn a’ tìreadh san àth—an sgalag agus na Buachaillean agus Seonaid Bhanarach—Seòrus-nan-Long air pilleadh dhachaidh o’n turus-chuain air an robh e le Caiptein Ross.
Lach. Fàilte ’s furan air Seòrus-nan-Long!— ’fhir mo chridhe ’s fada o’n dà latha sin—m’ aighear air do sheot le d’ pheiteig mhuinchillich ’s le d’ bhriogais chainbe ged tha boladh na tearra dhi—
Seòr. Tha co slàn fhallain ri ròn, gun dìth gun deireas, ged is cinnteach mi nach ’eil mi cho breac-luirgneach riutsa ’d shuidhe an so o chionn trì bliadhna a’ garadh do chas an oir an teallaich.
Lach. Cha ’n eil fhios ’am ciamar tha do luirgnean, ach tha thu dh’ aona chuid co breac-lethcheannach rium.
Seòr. Cha ’n iongantach sin— ’s ioma clach-mheallain fhuar reòta rinn lag ann o’n a choinnich sinn. Nam biodh do phluicean-sa reòta fad thrì bliadhna gun aiteamh gun leaghadh, cha ’n eil fhios ’am ciod an dath a bhiodh an diugh air do pheirceall. Am bheil thu leat féin?
Lach. Ma thà cha’n fhada bhitheas—cha’n eil sgalag no buachaille mór no beag, no banarach nach bi ’n so a thiota ’nuair chluinneas iad gu’n d’ thàinig Seòrus. Nach fìor mar thubhairt? —seall so iad ’nan deann-ruith—Seonaid mhór bhanarach ’am broilleach na cuideachd ge reamhar tróm i.
Seòr. Fàilte! Fàilte! Fàilte! a’ chondrachd oirbh, na tachdaibh mi—ùbh ùbh a Sheònaid ’s ann ort féin tha’n fheòil— ’s ann agad féin tha ’n tulchann chòir—cha’n ionann saill a th’ air t’aisne ’s na truaghain bhochda dh’ fhàg mi ’m dhéigh san taobh-tuath—air m’ fhocal a Sheònaid cha robh caomhnadh air bainne-blàth no air uachdar mun do chuireadh sa’ chulaidh so thu.
Seòn. Tog do d’ ghlagaireachd a Sheòruis—nach bochd nach d’thainig reothadh air do sgeig san taobh-tuath.
Seòr. Thainig sin air, a Sheònaid—ach cha b’e ’n reothadh faoin air nach tugadh blàs do shaille-sa aiteamh.
Lach. So so! suidhibh, suidhibh, a h-uile mac màthar agaibh faighibh àiteacha-suidhe—a nall am furm-smiùraidh—so dhuitse ’Sheòruis an suidheagan cònlaich air an d’ innis thu dhuinn iomad eachdraidh thaitneach roimhe so—mo ghille beag, cuir fóid mhòine fodhad ’s na cluinneam aon diog as do bheul air neo tilgidh mi mach air an dorus-chùil thu—dean suidhe a gharraich! So a nis a Sheruis a mhic chridhe, tòisich—ciamar chaidh an turus-cuain mu dheireadh leat?
Seòn. An toir sibh aite-suidhe idir dhòmhsa ’Lachuinn?
Lach. ’S tù nach ruig a leas— ’s ann fodhad a Sheònaid tha ’m pillean bog, —ach so dhuit boitein cònlaich air am faod thu suidhe mar gu’m biodh geudh air ghur. So so a Sheòruis, tòisich—tha ’n crann air an dorus—cluinneam ’ur sgeula.
Seòr. Dh’ fhàg sinn Sasunn toiseach an t-samhraidh 1829. agus an déigh ioma duilgheadas a’s cathachadh cruaidh an aghaidh sneachd agus gaillinn, ràinig sinn an cuan mór ris an abair iad muir Ghreenland far an àbhaist leo bhi ’g iasgach nam muca-mara.
Lach. ’S i sin a’ mhuir fhuar fhàsail.
Seòr. Cha ’n eil i fasail idir—fuar mar a tà i tha i loma-làn de bheò-chreutairean—cha’n aithne dhomh gu bheil fairge san t-saoghal
Sgalag. Ach a sheòruis, innis so dhomh, ciamar tha iad a’ teachd beò ’s na cearna fuara sin? ciod a th’ ann r’a ithe? Cha do thuig mi riamh ciod air am bheil lìonmhorachd éisg a’ chuain a’ teachd beò.
Seòr. Matà cha do thuig mise riamh e gus an deachaidh mi mu thuath—ach an Gliocas ard ’s an tròcair neo-chrìochnach tha ’faire thairis air gach nì, chuimsich e ’mach lòn airson gach creutair d’ an d’ thug e bith air tùs—tha na beò-chreutairean sin a’ tighin beo air a chéile, mar is tric a chuala tu, a bhéist a’s mugha ag ithe na béist a’s lugha ’s a’ bhéist a’s lugha a’ deanamh mar a dh’ fhaodas e.
Sgalag. Is fad’ o’n chuala mi,
Seachd sgadain sàth bradain,
Seachd bradain sàth ròin,
Seachd ròin sàth muice-mara,
Seachd muca-mara sàth—
Lach. Sàth do sheanmhar a bhurraidh, bi sàmhach ’s na cuir grabadh air Seòrus; ach ’na dhéigh so uile ’dé shaoileas tu tha iad aig ithe?
Seòr. Innsidh mi sin duit. Tha’n fhairge san taobh-tuath loma-làn de ’n nì ris an can iad sgeith-ròin [Medusa, comonly called Sea-blubber.] no deanntag-mhara—tha’n fhairge làn de so, agus tha gach seòrsa éisg aig ithe so. Tha ’n nì so ris an abair iad sgeith-ròin o féin beò, cuid de mór ’s cuid de meanbh, cuid co ro mheanbh ’s nach urrainnear fhaicinn leis an t-sùil luim gun chuideachadh o ghloineachan meudachaidh. Ma thogas tu làn cuinneige no làn taomain de’n fhairge san àite so ’s ma dh’ amhairceas tu air tromh ghloine-mheudachaidh, chì thu na h-uile braon de’n uisge beò—mìltean de chreutairean ann an aon sile dhe. Tha de mheanbh-chreuttairean sa’ chuan Ghreenlandach, do réir barail Chaiptein Scoresby na ghabhadh ceithir fichead mìle duine chum an cùnntas ged thòisicheadh iad ’nuair chruthaicheadh an saoghal agus a leanadh iad air chum an latha diugh, ’g an àireamh a latha ’s a dh’ oidhche gun stad gun tàmh o’n àm sin!
Lach. ’Fheara ’s a ghaoil! an cuala duine riamh a leithid. —Ni math a dh’ amharc oirnn, ’s beag ar n-eòlas air an t-saoghal mhór—a h-uile beò-chreutair dhiubh sin fo shùil-choimhead agus stiùradh an Tì a chruthaich iad! air fhiosrachadh co math lesan ’s a tha grian nan speur—ach gabh air t’ aghart.
Seòr. Chuala sibh gu’n do chailleadh o chionn trì bliadhna roimhe so, long, anns na cearna sin’ ris an abradh iad am Fury—bha cuid diùbhsan a bha innte ’nuair a chaidh i air tìr, againne air an àm ’nar sgioba, agus bha sinn uile anabarach déigheil air an àite fhaotainn far na thilgeadh air tìr an luchd a bha innte, agus gach
Sgalag. Cha robh caomhnadh saluinn air.
Seòr. Salunn air do theangaidh ’amadain; an cuala tu feòil shaillte riamh a sheasadh ceithir bliadhna? ’S e ’m fuachd, an reothadh a rinn e—cha robh feum air salunn san àit’ ud: mum b’ urrainn duit feanna’ -builg a dheanamh air ròn bha ’n fheoil co cruaidh rì cloich! Bha na muca-mara san àite so co soirbh ri crodh bainne, a’ snàmh timchioll na luinge gun sgàth, a’ séidirich mu’n cuairt duinn mar gu’m faiceadh tu searraich agus àig-eich a’ mireag air réilean; bha na h-uirceanan no na muca-mara òga a’ snàmh leo. Tha na muca-mara co bàigheil chaomh mu thimchioll nan uirceanan beaga ’s a bha aona mhàthair a chunnaic thu riamh mu naoidhean cìche.
Seòn. Ciod is meudachd do na h-uirceanan beaga cìche sin?
Seòr. Air m’ fhocal a Sheònaid ge mór thu cha deanadh tu ach droch bhanaltrum dhoibh—Tha na daltachain laghach so ’nuair thig iad a dh’ ionnsuidh an t-saoghail mu cheithir troidhe deug air fad agus mu thimchioll tunna air chudthrom.
Sgalag. Be ’n t-altruman-cìche theireadh tu ris.
Seòr. Theagamh nach creid thusa gu bheil iad a’ gabhail na cìche idir, ach tha mise ’g ìnnseadh dhuit gu bheil, cho riochdail ’s a dheóghlas laogh sine mairt.
Lach. Am bheil eisg-mhara eil’ ann a bharrachd air na muca-mara?
Seòr. Tha ioma seòrsa de mhuca-mara ann, agus tha mòran de bheathaichean eil’ ann, eadar éisg na fairge agus creutairean tìre, mar tha an t-each-uisge, agus air uairibh canar an tarbh-uisge riutha.[The Morse or Walrus.]
Lach. Am fac’ thu iad sin a nis a Sheòruis le d’ shùilean féin,
Seòr. Có na sùilean eile leis am faicinn iad? no an saoil thu ’nann le m’ chasan a chunnaic mi iad. ’S mì ’chunnaic—creutairean mòra spàgach pliutach reamhar, gun chumadh gun mhóran eireachdais, mu thimchioll cóig troidhe deug air fad agus a dha-dheug air chuairt, mar gu faiceadh tu tarbh maol Gallda gun iorball, co reamhar ri muic agus pliutan ròin air, Tha ’n craicionn oirleach air tiuighead agus fionnadh tiugh dòmhail orra. Air an taobh a stigh de’n t-seiche tha saill tri no ceithir a dh’ òirlich air tiuighead. Air an còmhdachadh mar so cha’n eil suim aca do’n fhuachd, agus luidhidh iad ’g an aonagail féin air an eigh mar gu’m faiceadh tu crodh buaile san eadradh.
Buachaille. ’Bheil na béistean soirbh?
Seòr. Ma tà tha iad co leisg lùnndach chadalach ri aona chreutairean air an t-saoghal, dà star-fhiacaill fhada chróm ag éiridh suas mar dhà adhairc daimh o’n pheirceall ìosal a’ lùbadh suas mu’n sùilean. Chunnaic mi na ceudan diubh so air an réilein reòta a’ luidhe am measg a chéile mar threud de mhuca-mara ’s cha charaicheadh iad gus an sàthadh tu lann annta—ach ma dhùisgear iad aon uair gu cath air m’ fhocal cha ’n fhearas-chuideachd fhaoin a bhi ’nam measg. Ach de na h-uile seòrsa chreutairean tha anns na cearnaibh fuara sin, ’s iad na ròin na beathaichean a’s feumala—tha iad so ’nam biadh ’s ’nan solus agus ’nan aodach do luchd-àiteachaidh na tìre sin. Tha mòran de bheathaichean tìre san dùthaich sin, mar a ta am mathghamhain an sionnach bàn agus an sionnach ruadh, ach mu’n déibhinn sin ìnnsidh sinn uair-eiginn eile.
Lach. Ciod an t-àm anns an d’ thainig sibh gu acair ’s na chuir sibh an long ’am port?
Seòr. Bha sinn a’ gabhail air ur n-aghaidh gu deireadh an fhogharaidh gus na reòth an cuan uile agus b’ éiginn stad: Fhuair sinn seorsa fasgaidh aig cùl rutha—tharruing sinn an long gu taobh an rutha, agus ann an aon oidhche gheur bha i ann an sin gu teann reòta, san eigh sèa troidhean air tiuighard air gach taobh dhi. Leag sinn na croinn arda—phaisg sinn gach seòl agus rinn sinn na h-uile uidheamachadh a bha ’nar comas airson dùdlachd eagalach a’ gheamhraidh bha romhainn. Thog sinn tigh air clar-uachdrach na luinge agus dhùin sinn na h-uile toll air am faodadh fuachd no cathadh sneachda teachd a stigh. Bha ’n sneachda na b’ àirde na cliathach na luinge.
Sgalag. An robh e nis anabharrach fuar? saoileam féin an robh an sgeul a thug Calum-Seòladair dhuinn mu’n fhuachd fìor?
Seòr. Am bumaileir truagh, ciod a thubhairt e?
Sgalag. Ma tà cha chreid mi nach spleadhraich a bha e ’g ìnnseadh. Bha sibh féin, a Lachuinn sa’ chuideachd—thuirt e ruinne ’nuair a sheasadh dithis a sheanachas r’a chéile gu’n robh am fuachd co ro ghailbheach ’s gu robh na focail bha ’teachd a mach á beul an aon a’ reothadh mun ruigeadh iad cluas an fhir eile, air chor ’s nach cluinnteadh smid de na bha e ’labhairt; ach ’se b’ iongantaiche gu léir nuair thigeadh an aiteamh agus seòrsa de theas an t-samhraidh gu’n tòisicheadh a’ chainnt reòta ri teachd beò agus gu’n cluinnteadh na focail anns an ordugh anns na labhradh iad, a’ brogadaich mar gu’n cluinneadh tu àth-cheilp air a’ chladach.
Seòr. Am bòsdair breugach! cha ’n eil focal fìrinn ’na chainnt— ’s anns na cearna fuara sin a chluinnear an guth gu fonnmhor deich uairean na’s faide air astar na ’n so.
Lach. Có sud a mach? ciod tha ’dhìth ort? nach bochd so—tha ’n t-suipeir réidh, ciod so nì sinn a Sheòruis?
Seòr. Tha oidhch’ eile co math ’s òg an nollaig a’ cheud oidhche—cha d’ fhuair mise fhathast fo sgaoil—tha agam r’a ìnnseadh dhuibh mu na h-Escimòthaich ’nan tighean sneachda—na sionnaich bhàna agus ruadha—mu chridhe na gaoth tuaithe, agus iomad ni eile chunnaic sinn ’s na cearna fuara sin.
Sgalag. Na cearnan mallaichte!
Seòr. Na h-abair gu bheil an dùthaich sin mallaichte—tha i fuar
(r’a leanailt san athàireamh.)
title | 6 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 4 |