MORAG A’ MHAOIR.
A mhórag a’ mhaoir ’stù gaol mo chridhe,
S mo chiall thar nighin ’s an tìr,
Cha’n iarrainn domh féin mar chéile idir,
Ach maighdeann sgiobalt’ nan cìr;
Cha taobhainn ri guanaig uallaich bhioraich,
Gun snuadh, gun ghliocas gun bhrìgh,
’S cha tugainn mo làmh do spágaig bhriogant’
Gun àilt, gun phiseach, gun lì.
’S tù ainnir dheas ùr nan dlù-chiabh clannach,
’S nan sùilean meallach a’s bòidhch’,
Mar sholus na gréin’ air sléibhte tairis,
Nuair dh’éireadh maduinn ghlan, òg;
Tha t’ amlagan réidh mar theudan tana,
An glainead bheir barrachd air òr,
’Sgach buaidh riut fuaight’ mu’n cualas aithris
Mo luaidh ’s neo-ainnisich’ glòir.
Ged shileas an drùchd air ūr-ros milis
Gur deirge do bhile na ’n ròs;
Ged sheinneas a’ chuach gu cuand’ le ribheid,
Gur binne leam brîodal do bheòil;
Tha ’n canach, ’s a’ chailc, ’s an sneachd a’s gile
Thu ’mhil—tha ’n lilidh—tha ’bheòir,
Gun snuadh, gun dreach, gun bhlas, gun sonas,
’An coimeas ri comunn na h-òigh.
Nam faighinn mo mhiann cha’n iarrainn tuillidh
Ach triall a’s fuireach leat féin,
’An doire nan eun ’san gleusadh an uiseag
Gach teud gu cruit-bhinneach réidh,
Gu’m b’ aidhearach gàireach mànran m’ulaidh,
Fo sgàil ’s fo dhubhar nan geug,
Mun cromadh a’ ghrian gu ciaradh turuis
’S i ’g òradh mullach an t-sléibh.
Tha caomh-chruth gràidh ’na blàth-ghnuis mhilis
Gu tàladh ghillean le buaidh,
Thug Nàdur fial di briaghas thar ioma,
Neo-fhanta, mìleanta, suairc’.
Tha anail a beòil ’s a pòg mar chaineal,
Is fallain’ thig dhachaidh thar chuan,
’S a cliù gu réidh ’am beul gach filidh
Bheir spéis do ghrinneas gun chluain.
O thuiteam na h-oidhch’ gu soills’ na maidne,
Cha ’n fhoighnich cadal mo shùil,
A’ gearan ’s a’ caoidh na rìbhinn mhaisich,
Bu mhiann leam agam ri m’ thaobh,
Cha bheagaich mo chluasag luasgan m’aigne,
’S mi buailt’ le teasaich gun dùil
Ri fuasgladh luath’ thaobh cruas na cailin
Nach gluais a’m charamh le rùn.
Ach caidil, mo chlàrsach, ’s bàs duinn uile,
Se fàth mo mhulaid gur fior,—
Gur cupan an gaol, ni maol an cŭraidh,
’S ni baoth gach burraidh thu liath:
Ach dh’òl mi an deoch ’s gur goirt ’s gur duilich
Mo dhosguinn fhulang le ’miad;
A’s soraidh gu bràth do ghàir’ ’s do chuideachd
Mur tàlaidh m’ ulaidh ri m’ chliabh!
Nach ciatach so, a theachdaire.— ’S iomad gàire fanaideach a rinn e féin air eàch; agus ’s e an t-aobhar air son na sgrìobh mise mu ’thimchioll do ’r n-ionnsuidh, gu’n gabhadh sibh ur galltromp féin a’s gu’n leigeadh sibh a chluinntinn do ’n t-saoghal an staid ’sam bheil e—chum gum biodh e pàighte. Tha ’m maor, a’s bean a’ mhaoir, a’s Mórag an dòchas gu’n innis sibh dha nach mò oirre-se e féin ’s a chuid duanagan maid-chasach na ’s mò oirre sgriachail a’ chait-fhiadhaich; agus deanaibh cinnteach e uam-sa mur tog e d’a chuid baoth-shùgraidh, ’s mur gleus e a chlàrsach chum òrain mhilis Shioin a sheinn nach ’teid diog a thig a mach air a bheul ’san teachdaire tuille.— ’S mise bhur fior-charaid.
TUATHACH CUAILEANACH.
BUN LOCHABAR, ceud mhìos an Earraich, 1836.
title | 8 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 4 |