SEAN EACHDRAIDH NA GAIDHEALTACHD.
’S ann sa’ bhliadhna 1727 a chaidh a’ cheud mhinisteir a dh-eaglais na h-Alba a shuidheachadh ann an sgìreachd a’ Mhagha agus Dhalrossie ann an siorramachd Inbhirnis. ’S e b’ ainm dha Mr. Leslie, duine mór colgarra, làidir, ro fhreagarach do ’n staid bhorbarra anns an robh an dùthaich san àm sin. A’ cheud latha sàbaid a chaidh e a shearmonachadh do Dhalrossie fhuair e mòran sluaigh air an fhaiche dlùth do’n eaglais, a’ caitheamh na cloich-neart agus a’ camanachd ’s a’ cleasachd mar air latha féille. Cha tugadh iad sùil air a’ mhinisteir, cha tugadh iad feairt air, gus an d’ fheuch e a neart leotha ann an caitheamh na cloiche! “Ma chuireas tu a’ chlach thar a h-aon againne” ars’ iadsan “theid sinn a dh-éisdeachd do shearmoin” “Bitheadh e mar sin féin” ars’ esan. Thilg e dheth a chasag-dhubh agus air a’ cheud urchair bha e dlùth air dà cheum thar gach aon diu!
Bha anabharra meas aig na Gàidbeil san àm sin air spionnadh agus misnich. Choisinn am ministeir ùr an latha, agus am meas a fhuair e air an latha sin anns an dòigh iongantaich so cha do chaill e r’a bheò. Bha e ’na dhuine math, mar bha e ’na dhuine foghainteach; agus ’na linn agus ’na latha féin thainig atharrachadh mór air an sgrìeachd.
title | 11 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 5 |